A bheil deagh fealla-dha aig dhaione sam bith ?

Càil sam bith eile / Anything else
Each
Posts: 87
Joined: Sat Dec 27, 2008 5:29 pm

A bheil deagh fealla-dha aig dhaione sam bith ?

Unread post by Each »

A bheil mise nam aonar a smaointinn gu bheil a cuis a fas gu math samhach air an buird brath anns a beagan miosan bhon uair a thoisich Mygaelic.com ?

Caite an deach a h-uile dhaione ?

S'doch gu bheil an cuspairan politigeach ro doraineach.

A bheil deagh fealla-dha aig dhaione sam bith ?


GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

An latha a bha seo, chaidh Gearmailteach a-steach a thaigh-bìdh ann an Lunnainn is dh'fhaighnich e: "I want to become a beefsteak".

Uill, cha tuigear am fear seo mura bheil Gearmailtis agad :lol:
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Each
Posts: 87
Joined: Sat Dec 27, 2008 5:29 pm

Unread post by Each »

Bha dithis nan suidhe a muigh Eaglais, fear agus boireanch.

Thuirt an fear

"Oh nach eil an eaglais cho breagha agus mise nam suidhe ri thoabh an caileag as boidheache anns an t-saoghal air fad. Tha sinn air a bhith comhla airson uine fad a nis, carson nach teid sinn a dol a posadh ?"

Thiurt a charaid

"Oh Tha thusa cho ceart, nach bhiodh sin sgionneal"

Thug an freagart snodha gaire air.

"ach..." thuirt ise ga leantainn," co bhiodh gar iarraidh ?"

leis a sin, bha an cridhe aig an fear briste.
neoni
Posts: 634
Joined: Sun Oct 28, 2007 9:57 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: am badeigin

Unread post by neoni »

GunChleoc wrote:An latha a bha seo, chaidh Gearmailteach a-steach a thaigh-bìdh ann an Lunnainn is dh'fhaighnich e: "I want to become a beefsteak".

Uill, cha tuigear am fear seo mura bheil Gearmailtis agad :lol:
erklär es mal :?
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

Seo sgeulachd snog ait bho Mac-Talla.

Ceistean Chloinne.

Tha e iongantach cho math 'sa thèid aig
cloinn air nithean a reusonachadh a
mach nan inntinn fèin. An àite bhi 'gan
cur seachad le freagairt fhaoin a thoirt air
ceist sam bith a chuireas iad, 's fheàrr a bhith
foighidneach riutha, agus cothrom a thoirt
dhaibh air a fuasgladh air an son fhèin.


Chaidh nighean bheag, aois shia bliadhna,
far an robh a seanair, agus thuirt i ris,—
"O, nach cluinn sibhse 'n rud a tha Rob
(bràthair a h-athar) ag ràdh." " Seadh, a
ghràidh," ars a seanair, "gu dè sin?"
"Tha
e 'g ràdh," ars ise, "nach eil anns a' ghealaich
ach mulchag chàise. 'N saol sibhse
'm bheil sin ceart ?" "Ma tà, chan eil
dòigh as fheàrr na feuchainn ri sin fhaighinn
a-mach dhuit fhèin," ars a seanair.
"Ciamar a gheibh mise mach e?" ars ise.
"Faigh am Bìobull, agus faic ciod a chì thu
ann," arsa esan. "Ach càite 'n tòisich mi ?'
ars an tè bheag. " San toiseach," ars a
seanair.

Shuidh i air cathair, agus thòisich
i ri leughadh. Mun d' fhuair i troimh 'n
chiad chaibideal de leabhar Ghenesis, agus
a leugh i mu chruthachadh nan reul agus
nan ainmhidhean, thàinig i far an robh a
seanair a rithist.

"Fhuair mi e," ars ise
"Chan e càise tha anns a' ghealaich idir, a
sheanair, a chionn bha a ghealach air a
cruthachadh mun robh an crodh."
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

neoni wrote:
GunChleoc wrote:An latha a bha seo, chaidh Gearmailteach a-steach a thaigh-bìdh ann an Lunnainn is dh'fhaighnich e: "I want to become a beefsteak".

Uill, cha tuigear am fear seo mura bheil Gearmailtis agad :lol:
erklär es mal :?
faighinn = bekommen sa Ghearmailtis
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
neoni
Posts: 634
Joined: Sun Oct 28, 2007 9:57 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: am badeigin

Unread post by neoni »

na so. hab's einfach verstanden, als ob "nen beefsteak kriegen" da geschrieben wäre.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Uill, 's e seo a bha an Gearmailteach airson ràdh, ach chan ann na thuirt e
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply