cèist a thaobh lagh

Càil sam bith eile / Anything else
neoni
Posts: 634
Joined: Sun Oct 28, 2007 10:57 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: am badeigin

cèist a thaobh lagh

Unread post by neoni » Thu May 21, 2009 10:13 pm

tha mi a' tuigsinn gur e cànan oifigeil a th' anns a' ghàidhlig, ach eil fhios aig duine dè buileach tha sin a' ciallachadh?

mar eiseimpleir, nan robh poileas a' faighneachd cèistean dhìom air an t-sraid, am b' urrainn dhomh diùltadh freagairt sa bheurla?



faoileag
Maor
Posts: 1498
Joined: Fri Jan 25, 2008 1:19 am

Unread post by faoileag » Thu May 21, 2009 10:36 pm

Chan eil càil a dh`fhios agam ciamar a tha sin san lagh, ach mar cheist toinisge, chaninnsa gur e 'subverting the course of justice' a bhiodh e (mas e Albannach a th' annad, is comasach Beurla a bruidhinn, seach Gearmailteach amsaa gle Gàidhlig agus gun Bheurla...). 'S urrainn dhut prionnsapalan a sìneadh ro fhada...

Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg » Fri May 22, 2009 1:13 am

Gheibhear gu tric gearainean gu bheil na poileas a phàigheadh cus airgid air seiribhisean eadar-theangachaidh nuair a tha iad a dèiligeadh le daoine aig nach eil beurla. Saoil an urrainn dhut a ràdh gur robh do chuid Ghàidhlig nas fheàrr na do chuid Bheurla agus gu bheil cus eagal ort mearachdan a dhèanamh sa bheurla? Ciamar a tha cuisean sa Chuimrigh?
Cuir ceist air Rab Dunbar?

neoni
Posts: 634
Joined: Sun Oct 28, 2007 10:57 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: am badeigin

Unread post by neoni » Fri May 22, 2009 11:12 am

sin a bha mi a' smaoineachadh. cha b' urrainn dhomh cumail a-mach nach robh a' bheurla agam, ach 's dòcha gum b' urrainn dhomh ràdh nach bithinn cofhurtail a cleachdadh ann an suidheachaidhean mar sin.

chuala mi gun do dh'fheuch iain mac an tailleir rudeigin coltach ri seo a chionn bhliadhnaichean. fhios aig duine?

Neas Olc
Posts: 400
Joined: Sun Oct 28, 2007 6:12 am
Language Level: Briste
Location: A'Chuimrigh (à Toronto)

Unread post by Neas Olc » Wed May 27, 2009 4:08 am

B'urrainn dhut a radh gun do buail thu do cheann air an t-sràid aon lath agus gun do diochuimhich thu do Bheurle (chreid mi gu bheil sin air tachairt do dhuine no dithis). 8-)
Ciamar a tha cuisean sa Chuimrigh?
Tha fios agam gu bheil feadhainn (clann beaga) ann an Cuimrigh gun Beurle sam bith, mar sin nam biodh thu nad chlann faotaidh gum biodh grìomh mar sin comasach.

Post Reply