BBC: làrach-lin ùr - Cuairtean

Goireasan ionnsachaidh, ceanglaichean feumail is mar sin / Gaelic learning resources, useful links etc.
Bodach57
Posts: 12
Joined: Tue Sep 18, 2007 8:08 pm

BBC: làrach-lin ùr - Cuairtean

Unread post by Bodach57 » Thu Sep 20, 2007 10:44 pm

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/radio/cuairtean/

Sin na tha iad a' gealtainn dhuibh:

Sgeulachdan, òrain, eachdraidh, beul-aithris - sin a tha feitheamh ort ma ghabhas tu Cuairt an seo. Cuiridh tu eòlas air daoine leithid Alasdair "Gleannach" Dòmhnallach, Calum "Pìobaire" Mac a' Phearsain agus Dòmhnall Gobha Siosal. Gheibh thu fiosrachadh mu àiteachean mar Fas na Coille agus Torr a' Ghoill agus mu na daoine a bha uair a' fuireach annta. Cluinnidh tu bàrdachd agus corra òran cuideachd.

Tha na clàraidhean a rinn Crìsdean Dillon còmhla ri Ruairidh MacAoidh airson BBC Radio nan Gàidheal eadar 1977 agus 1979 ann an Loch Abar, Inbhir Nis, Bàideanach agus Loch Aillse a' toirt sealladh air na sgìrean sin tro shùilean duine a bha eòlach air an dualchas, fiosrach mun eachdraidh agus measail air na daoine. Gabh fhèin Cuairt na chuideachd.



GunChleoc
Rianaire
Posts: 4450
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc » Fri Sep 21, 2007 8:31 am

Tapadh leat, tha mòran ann ri leughadh!

Roinn eile a tha a' còrdadh rium:

Aig Cridhe ar Ciùil

'S urrainn dhut èisdeachd agus leughadh.
You can listen and read.

miguel
Posts: 51
Joined: Thu Sep 20, 2007 9:16 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: An ceann ann an Steòrnabhagh an-dràsta
Contact:

Unread post by miguel » Fri Sep 21, 2007 8:50 am

Tha sin glè inntinneach, tapadh leibh. :D

Post Reply