Page 1 of 1

Sgeama rathaidean-iarainn na h-Alba

Posted: Sat Sep 03, 2011 2:44 pm
by Thrissel
Rinn fear Paul Kavanagh sgeama loidhnichean rathaidean-iarainn uile gu lèir ann an Alba sa Bheurla, Ghàidhlig 's Bheurla Ghallta - tha e ag ràdh nach robh sgeamaichean mar seo ann roimhe eadhon sa Bheurla:
Dh'ionnsaich mi le iongantas nach eil a leithid a' mhapa ri fhaighinn sa Bheurla fhèin, gun luaidh air a' Ghàidhlig no a' Ghalldais. Gheibhear mapaichean prìomh-loidhneach, mapaichean sgìre-loidhneach agus mapaichean fo-bhailteach, ach chan fhaighear aon mhapa singilte sgeamàtach a sheallas a h-uile loidhne-rèile agus stèisein san dùthaich.
Tha an ro-ràdh (air eadar-theangachadh le Fearghas MacFhionnlaigh), còmhla ri ceanglaichean dha na mapaichean agus dha trì liostaichean trì-chànanach de na stèiseanan air an fhoilseachadh air NewsnetScotland:

http://newsnetscotland.com/index.php/ar ... nnach.html

Agus 's dòcha gum faic sinn mapaichean rathaidean coltach ri sin a dh'aithghearr:
Tha mi air a bhith an sàs gu mòr ann am mapaichean na làithean-sa. A bharrachd air na mapaichean-rèile seo tha mi gu bhith deiseil le mapa mòr rathaidean na h-Alba. Tha tuilleadh 's 1800 ainm air a' mhapa tha seo agus rinn mi dà thionndadh dheth, fear sa Ghàidhlig agus fear sa Bheurla Ghallda. Tha dòchas againn na mapaichean seo fhoillseachadh air Newsnet ann an ùine gun a bhith fada. Tha dòchas againn cuideachd gum bi lethbhric chlò-bhuailte ann.

Re: Sgeama rathaidean-iarainn na h-Alba

Posted: Sun Sep 04, 2011 9:41 am
by GunChleoc
Tha sin sgoinneil, mòran taing! :D

Re: Sgeama rathaidean-iarainn na h-Alba

Posted: Mon Sep 05, 2011 2:01 pm
by faoileag
Tha sin uabhasach math - mòran taing. :D

Tha Paul Kavanagh an-còmhnaidh math agus inntinneach.