Tha e math gu bheilear a' sgaoileadh barrachd fiosrachadh mu dheidhinn dà-chànanachais ach saoil an robh feum againn air làrach eile ann? Chan eil fhios a'm.

Mus fàg duine sam orm gu bheil mi fàs car searbh... àidh, tha, beagan. Tha buidhnean eile a' cur seachad uiread a thìde (saor-thoileach gu tric) ach chan fhaicear ceanglaichean ro thric o na làraichean mòra. Cà bheil an ceangal gu Wordlink no na brabhsairean-lìn? Dè tha dèanamh an Seotal nas cudromaiche na am Faclair Beag no an Stòr-dàta?