Seann Leabhar

Goireasan ionnsachaidh, ceanglaichean feumail is mar sin / Gaelic learning resources, useful links etc.
AlasdairBochd
Posts: 216
Joined: Wed Mar 25, 2009 10:32 am
Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
Location: Australia
Contact:

Seann Leabhar

Unread post by AlasdairBochd » Sun May 31, 2009 11:03 am

Ma bhios ùidh aig duine ann an eachdraidh na cànain, seo ceangal air "Analysis of the Galic Language" a chaidh a foillseachadh ann an 1778. Tha iongantas orm air cho beag na h-atharrachaidhean bhon uair sin. Bha oidhirp tràth ann airson litreachadh riaghailteach. Dèan coimeas eadar an leabhar seo agus GOC.
http://www.archive.org/details/analysis ... 00shawiala



GunChleoc
Rianaire
Posts: 4465
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc » Sat Jun 06, 2009 10:30 pm

Tapadh leat!

Is bochd gun robh trioblaid aca an tionndadh teacsa a dhèanamh ann an dòigh ceart, ach tha PDF ann cuideachd.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

neoni
Posts: 634
Joined: Sun Oct 28, 2007 10:57 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: am badeigin

Unread post by neoni » Sat Jun 06, 2009 11:56 pm

dè tha thu a' ciallachadh le tionndadh teacsa? an OCR? na dh'fheuch thu riamh ris an leithid a dhèanamh? bhiodh e na bu luaithe an leabhar slàn a sgrìobhadh a-mach a-rithist.

GunChleoc
Rianaire
Posts: 4465
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc » Sun Jun 07, 2009 9:51 am

Seadh, cha ghabh e a dhèanamh ann an dòigh furasda le leabhar mar seo.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

neoni
Posts: 634
Joined: Sun Oct 28, 2007 10:57 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: am badeigin

Unread post by neoni » Sun Jun 07, 2009 11:51 am

tha cuimhn agam cho doirbh 's a bha e bho nuair a rinn mi mac-talla

AlasdairBochd
Posts: 216
Joined: Wed Mar 25, 2009 10:32 am
Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
Location: Australia
Contact:

Unread post by AlasdairBochd » Sun Jun 07, 2009 10:29 pm

Tha dà dhòigh ann airson teacsa a taghadh.

1. 'S urrainn dhomh taghadh nuair a cleachdas mi Adobe Acrobat Professional. 'S docha gum bi Adobe Reader ag obrachadh cuideachd. Chan eil fhios agam. Cha d'obraich Foxit Reader.

2. Luchdaich-nuas am faidhle ".txt". Gu fior, tha cód html ann am broinn. Cuir "html" an àite "txt" air an deireadh am faidhle. Fosgail am faidhle leis am browser agad agus tagh an teacsa.
Tha facal no dhà a dhith anns a faidhle.

Bidhibh faiceallach. Tha an leabhar sin cho sean tha iad a cleachdadh "medial s"agus "terminal s". Tha "medial s" a coimhead mar f anns a teacsa.

Ma bhios duine fior deònach, an cód html airson "medial s" = ſ

f.s. Airson OCR, cleachdaidh mi TopOCR. Tha e an asgaidh :D agus gu math fior. Gu mi fhortanach, chan eil sracan ri fhaotainn.

Post Reply