An t-òran as fheàrr leibh?

An toil leat ceòl, bàrdachd no ealain sam bith eile? Am faca tu rudeigin inntinneach air an TBh? Innse dhuinn air / Do you like music, poetry or any other art form? Did you see anything interesting on the telly? Tell us about it
Stìophan
Posts: 126
Joined: Tue Sep 18, 2007 10:43 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Inbhir Pheofharain

An t-òran as fheàrr leibh?

Unread post by Stìophan »

Dè an t-òran Gàidhlig as fheàrr agaibh uile riabh?

'S e Chì mi'n Geamhradh le Runrig an t-òran as fheàrr agamsa :D


miguel
Posts: 51
Joined: Thu Sep 20, 2007 9:16 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: An ceann ann an Steòrnabhagh an-dràsta
Contact:

Unread post by miguel »

'S toil leam Màiri le Runrig. 'S e an t-òran àlainn a tha ann. :oops:
Bodach57
Posts: 12
Joined: Tue Sep 18, 2007 8:08 pm

Unread post by Bodach57 »

'S e Forever Young le Bob Dylan an t-òran as fheàrr agam.

No ‘Riamh nad leum’ a-rèir an eadar-theangachaidh a rinn Rody Gorman :D
http://www.hi-arts.co.uk/Arts-Journal/B ... Gaelic.pdf

‘Gun robh do làmhan dripeil is gun robh do chasan clis
Is làidir nuair a thèid à fradharc a’ ghrian a bha ris,
Gun gabh thu duan ‘s port-à-beul gu sunndach (is gu feum)
Is gun robh thu riamh nad leum,
Riamh nad leum, riamh nad leum,
Gun robh thu riamh nad leum.’
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Le Runrig, 's fhèarr leam Chì mi 'n Geamhradh cuideachd, agus An Toll Dubh, agus Sona.

Sna laithean seo, tha mi ag èisdeachd ri Griogair Labhruidh gu tric. Is toil leam Suibhal a' Choire, Àirde Chuain agus Seanduine Dóite/Bail Inbhir Aora gu h-àraidh.
Fear Gallta
Posts: 57
Joined: Sun Sep 23, 2007 7:43 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Tir nan Gall

Unread post by Fear Gallta »

'S toil leam "Óró, sé do bheatha 'bhaile". Ach tuigidh sibh gur e Gaelige seach Gàidhlig a th' ann.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

'S toigh leam "Nuair a ràinig mi am baile" – òran Uibhisteach a chuala mi aig Julie Fowlis. Orain eile is math leam: Cànan nan Gàidheal, An t-Eilean mu Thuath, ‘S truagh nach do rugadh dall mi, Cearcal a’ Chuain, Oran Chaluim Sgàire, Màiri Nighean Dhòmhnaill…..obh obh, a bhalaich ort, tha an liosta seo gun chrìoch!
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
neoni
Posts: 634
Joined: Sun Oct 28, 2007 9:57 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: am badeigin

Unread post by neoni »

Fear Gallta wrote:'S toil leam "Óró, sé do bheatha 'bhaile". Ach tuigidh sibh gur e Gaelige seach Gàidhlig a th' ann.
fhathast mise. abair òran!
Coinneach Cìr
Rianaire
Posts: 333
Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
Language Level: Fileanta
Corrections: I'm fine either way
Location: Siorrachd Rinn Friù
Contact:

Unread post by Coinneach Cìr »

'S e "Cànan nan Gàidheal" an amhran is fheàrr leam (sa Ghàidhlig), ach tha e gu math trom ceart gu leòr.
neoni wrote:
Fear Gallta wrote:'S toil leam "Óró, sé do bheatha 'bhaile". Ach tuigidh sibh gur e Gaelige seach Gàidhlig a th' ann.
fhathast mise. abair òran!
Saoilidh mi gur e "tha agus mise" a bha thu airson sgrìobhadh. Ach leis an fhìrinn innse bhiodh "'S toigh l' is leamsa" tòrr nas fheàrr. :)
neoni
Posts: 634
Joined: Sun Oct 28, 2007 9:57 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: am badeigin

Unread post by neoni »

:naire: mearachd gòrach, chan eil fhioss 'am na bha mi a' dèanamh
Coinneach Cìr
Rianaire
Posts: 333
Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
Language Level: Fileanta
Corrections: I'm fine either way
Location: Siorrachd Rinn Friù
Contact:

Unread post by Coinneach Cìr »

neoni wrote::naire: mearachd ghòrach, chan eil fhios 'am na bha mi a' dèanamh
Tha a h-uile duine a dèanamh mearachdan tric gu leòr :D
Last edited by Coinneach Cìr on Thu Nov 01, 2007 12:28 pm, edited 1 time in total.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

mearachdan, a Choinnich.

QED :lol: :lol:

'S e òran brèagha a th' ann Cànan nan Gàidheal :D
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Coinneach Cìr
Rianaire
Posts: 333
Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
Language Level: Fileanta
Corrections: I'm fine either way
Location: Siorrachd Rinn Friù
Contact:

Unread post by Coinneach Cìr »

GunChleoc wrote:mearachdan, a Choinnich.

QED :lol: :lol:
Tha sin àraid, bha dùil agamsa gun do rinn mi cinnteach gun robh an litreachadh ceart.
Quod Erat Demonstrandum? Nach ann agadsa a tha a' Ghàidhlig! :priob:
GunChleoc wrote:'S e òran brèagha a th' ann Cànan nan Gàidheal :D
'S e gu dearbh.
Fear Gallta
Posts: 57
Joined: Sun Sep 23, 2007 7:43 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Tir nan Gall

Unread post by Fear Gallta »

neoni wrote:
Fear Gallta wrote:'S toil leam "Óró, sé do bheatha 'bhaile". Ach tuigidh sibh gur e Gaelige seach Gàidhlig a th' ann.
fhathast mise. abair òran!
Oh aye, tha mi a' dol leatsa. 'S e òran air leth math a th' ann. Gu h-àraidh nuair a bhios Sinéad O'Connor ga sheinn. Seo ceangal: Youtube :D
MartinMcNicol
Posts: 19
Joined: Sat Oct 20, 2007 12:11 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Fasaig air Paislig

Unread post by MartinMcNicol »

Càit a bheil thu ag cluinn an t-òran " cànan nan Gàidheal"

Tha mi ag rannsaich am facal :?:
Coinneach Cìr
Rianaire
Posts: 333
Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
Language Level: Fileanta
Corrections: I'm fine either way
Location: Siorrachd Rinn Friù
Contact:

Unread post by Coinneach Cìr »

MartinMcNicol wrote:Càit a bheil thu ag cluinn an t-òran " cànan nan Gàidheal"
Càite an cluinn thu an t-òran "Cànan nan Gàidheal"?

Seo na faclan a bhios mise cleachdadh. Seinnidh mi e sa chlas Diardaoin. Chan fhaigh mi lorg air an eadar-theangachadh agus chan eil mi cinnteach ma tha an litreachadh buileach ceart. Cuideachd chan eil a h-uile rann ann.
Cha b’ e sneachda ’s an reothadh bho thuath
cha b’ e ’n crannadh geur, feur bhon ear
cha b’ e ’n uisge ’s an gailleann bhon iar
ach an galair a bhlian bhon deas
blàth, duilleach, stoc agus freumh
cànan mo threubh is mo shluaigh.

Sèist
Thuig thugainn, thuig còmh’ ruim gu Siar
gus an cluinn sinn ann cànan nam Fèinn;
thuig thugainn, thuig còmh’ ruim gu Siar
gus an cluinn sinn ann cànan nan Gàidheal.

Uair a chìthear fear fèileadh sa ghleann
bu chinnteach gur Gàidhlig a chainnt.
Ach a spìon iad an fhreumh às an fhonn:
’n àite Ghàidhlig tha Cànan a’ Ghoill,
’s a’ Ghàidhealtachd, creathall nan sonn,
’s tìr “majors” is “colonels” ’n-diugh a th’ innt’.

“Thoir an nuas dhuinn na coinnlearan òir,
’s annta càribh na coinnlean geal’ cèir;
lasaibh suas iad an seòmar a’ bhròin,
taigh aire seann chànain a’ Ghàidheil.”
’S e siud o chionn fhad’ thuirt a nàmh,
ach fhathast tha beò Cànan nan Gàidheal

Ged a theich i le beath’ às na glinn,
ged nach cluinnear a-nis muigh san dùn
o dhùthaich MhicAoidh fada tuath
gu ruig thu Druim Uachdar nam bò,
gidheadh, na h-Eileanan Siar
’s i fhathast ann, ciad cainnt an t-sluaigh
Last edited by Coinneach Cìr on Mon May 26, 2008 10:58 pm, edited 3 times in total.
Post Reply