Film Alba - Fèis Fhilmichean Gàidhlig, Bonn 29.11 - 1.12.09

An toil leat ceòl, bàrdachd no ealain sam bith eile? Am faca tu rudeigin inntinneach air an TBh? Innse dhuinn air / Do you like music, poetry or any other art form? Did you see anything interesting on the telly? Tell us about it
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Film Alba - Fèis Fhilmichean Gàidhlig, Bonn 29.11 - 1.12.09

Unread post by faoileag »

Tha e mìorbhaileach na tha na Gearmailtich a' dèanamh airson Gàidhlig na làithean seo - leabhar-teagaisg ùr, agus a-nis Fèis nam filmichean Gàidhlig ann an Bonn. :D

Barrachd an-seo (teacsa air a ghòid bho Abair Thusa... 8-)) :
Is e fèis nam filmichean Gàidhlig a tha ann am FILMALBA - fèis a chaidh a chur air chois ann an 2003 mar phàirt den phròiseact uk@nrw ann an Nordrhein-Westphalen, stàit an àird an Iar na Gearmailt. Le taic bhon BhBC, Ministearalachd a' Chultair NRW agus comhairle Baile Bhonn tha e air tachairt 3 tursan gu ruige seo.
Ceithir oidhcheannan de dh'fhilmichean agus cur air bhog leabhair le cuirm-ciùil uile ceangailte ri cultar nan Gàidheal. Cuiridh sinn fàilte air aoighean à Alba agus às a' Ghearmailt. Tha FILMALBA a' tachairt am bliadhna bhon 28mh den t-Samhain gus an 2na den Dùbhlachd.
www.filmalba.de

Image An Hiortach, Màiri Mhòr nan Òran, Siubhlachan, Seachd, Tropaig na Caorach, agus ceòl Gàidhlig agus leughadh às a' chruinneachadh-sgeul ùr: An Claigeann aig Damian Hirst. Aoighean à Alba cuideachd.

Abair thusa gur e oidhcheannan sgoinneil a bhios ann!
:D


GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Tha mi cinnteach gum bi is feuchaidh mi gum bi mi ann!
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply