Fhèis Leabhar is Ealain Inbhir Narainn

An toil leat ceòl, bàrdachd no ealain sam bith eile? Am faca tu rudeigin inntinneach air an TBh? Innse dhuinn air / Do you like music, poetry or any other art form? Did you see anything interesting on the telly? Tell us about it
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Fhèis Leabhar is Ealain Inbhir Narainn

Unread post by Gràisg »

Teachdaireachd a fhuair mise an-diugh

Tha mi airson fios a chur thugaibh mun Fhèis Leabhar is Ealain Inbhir Narainn, [a' ruith bho Diciadain 31 Lùnasdal gu Didòmhnaich 4 Sultain] - gu h-àraidh mun a' chiad latha, Diciadain 31mh, nuair a bhios Aonghas MacNeacail a leughadh dhuinn aig 4.30 feasgar, 'sna tri cànain na h- Alba, thuirt e - 's esan an dùil air trì leabhraichean ùra de bhàrdachd aige a’ nochdadh ann an 2012!

Dh' obraich Aonghas ann an cuid sgoiltean air a' Ghàidhealtachd sna bliadhnaichean a chaidh seachad; 's tha e gu math cuideachail dhan òigridh, agus do luchd-ionnsachaidh ann an iomadh dòigh, 's tha sinn a' coimhead air adhart ris gu dearbh:

faic
http://www.nairnfestival.co.uk/events/writers-speakers/

Tha taghadh farsaing sa phrògram againn, a bharrachd air nobhailean is bàrdachd, bho spòrs is còcaireachd, poileataigs agus eachdraidh gu dràma, dannsa-ceum,.ceòl is ealain - fiù 's na dealbhan do "Chalum Clachair/ Bob the Builder” aig Keith Chapman, a tha stèidhichte air a' bhaile fhèin!

Bhithinn gu mòr nur comain nan sgaoileadh sibh am fiosrachadh seo ri duine sam bith aig a bheil ùidh, ann am bàrdachd aig Aonghais, agus sna h-Ealain sa bhitheantas.


Post Reply