Teanga Binn mo Mhàthar

An toil leat ceòl, bàrdachd no ealain sam bith eile? Am faca tu rudeigin inntinneach air an TBh? Innse dhuinn air / Do you like music, poetry or any other art form? Did you see anything interesting on the telly? Tell us about it
Lughaidh
Posts: 84
Joined: Fri Sep 21, 2007 12:22 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: A' Bhreatann Bheag

Teanga Binn mo Mhàthar

Unread postby Lughaidh » Thu Oct 17, 2013 4:45 am

Hallò

tha mi a' rannsachadh faclan an òrain 'Teanga Binn mo Mhàtha(i)r', a ghabhas a sheinn ri Kathleen Mac Innes.
'S urrainn e a chluinntinn agus a dhownloadaigeadh annasheo:
https://soundcloud.com/eastcoasters/15- ... o-mhathair

tha mi a' tuigs roinnt fhaclan ach tha tòrr nithean cuideachd nach tuig mi... agus na nithean a tha mi a' tuigs, chan eil mi cinnteach man deidhinn cuideachd!

Cluinneam anns gach ceàrnaidh
Fuaim bhog èibhinn àlainn
Mar cheòl cho binn ri clàrsach
Neo crònan ceòl na sìth
Tha ise ag èiridh àirde
Le neart o ? suas dhan àirde
Tha fuaim ag èiridh làidir
‘s e ‘n lùiginn air a’ ghaoith

ciod tha seo m’ar timcheall
a’ ceòltaireachd sa bìodal ???
A’ mearbhall ‘tighinn air m’inntinn... gheobhainn ? le cas a’ ghlòir
chan e, chan e, a chàirdean
tha gùisean anns gach ceàrnaidh
le teanga binn ar màthar
A chùm dar reulta beò

Fuaim bhog bhinn na Gàidhlig
A’ dùsgadh feadh na slèibhtean
Tha luaths ‘tighinn tro na geugan
Ag èibhinneadh ??? ar cridhe
Cha sgapadh e nan eala
Cha bròn ???

....???



Mar sin, am beil faclan an òrain bhrèagha sin aig duine agaibh? Neo am beil sibh a' tuigs nam faclan agus am b'urrainn dhuibh iad a sgrìobhadh annasheo?

mòran taing



Lughaidh
Posts: 84
Joined: Fri Sep 21, 2007 12:22 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: A' Bhreatann Bheag

Re: Teanga Binn mo Mhàthar

Unread postby Lughaidh » Fri Oct 18, 2013 3:29 pm

Hallò

I've found the lyrics of the original Irish version here: http://www.mayonews.ie/index.php?option ... Itemid=103

The Scottish tr*nsl*t**n of it is quite close, but there are still quite a lot of things I don't understand. Maybe someone here would be able, thanks to the Irish text and to the song, to correct what I wrote? mòran taing!!!

Cluinneam anns gach ceàrnaidh fuaim bhog èibhinn àlainn
Mar cheòl cho binn ri clàrsach neo crònan ceòl na sìth
Tha ise ag èiridh àirde le neart o ???? suas dhan àrda
Tha fuaim ag èiridh làidir ‘tighinn thugainn air a’ ghaoith

Ciod e m’ar timcheall a’ ceòltaireachd ‘s a’ bìodal ( ???)
Bheil mearbhall ‘tighinn air m’inntinn neo ‘n e aisli(n)g às a’ ghlòr
Chan e, chan e, a chàirdean tha ‘n guth seo anns gach ceàrnaidh
Le teanga binn ar màthar a chùm dar reulta ( ???) beò.

Tha fuaim bhog bhinn na Gàidhlig a’ dùsgadh feadh na slèibhtean
Tha luaths ‘tighinn tro na geugan ag èiridh na ( ???) ar cridhe
Tha sgaipeadh air na neulan ( ???), tha bròn na luibean eunlaith ( ???)
Seo solas geal na grèine ga taitne h-uile ( ???) a-rithist

Tha a glòr èibhinn uasal a’ crònan neo ( ???) ar cluasan
Nas binne neo na cuachan neo na ceileabhair binn gun smàl
Tha teanga binn Naoimh Pàdraig ga chluinntinn feadh na bràighean ( ???)
Feadh gleanntan agus àrdan a’ cumail dòchais beò.

Cluinneam glòr ar màthar, gu geanail is gu gràmhor,
A’ labhairt modhail blàthmhor ‘s i ‘faighneachd dhan a’ clann
An cluinn sibh mi a phàistean ? Bheil truaghs agaibh d’ur màthair
A tha gu buaireadh ( ???) cràidhte, gun meas innte na suim ?

An leig sibh eagal ag mi ( ???), air talamh glas na Gàidheal
Neo ‘n dèan sibh togail àrd orm os ciunn an t-saoghail mhòir ?
Tha freagairt ‘tighinn gu làidir : « chan eagal dhuibh a mhàthair
Le teanga binn na Gàidhlig a’ bìodal reulta ( ???) beò.

Tha ‘n t-òg ‘s a’ seann a’ dùsgadh ‘s a urrachadh na sgeòlan ( ???)
Tha deireadh air an oidhche ‘s a’ sgaipeadh air a’ cheò ;
‘S tha mothachadh tha ( ???) daoine a spiorad ur nar ( ???) cridhe
Cha bhi iad uile claoidhte fon dubhachd neo fo bhròn

Tha Gàidheal a-nist a’ dùsgadh le dòchas is le dùthrachd
‘S e fìor thòiseach na cùise sin air tighinn gu ??? Gàidheal ???
Tha solas geal na Gàidhlig a’ plaoisgeadh ( ???) tro na speuran
Cho binn ri ceòl nan eunlaith a’ fuasgladh ( ???) duinn an là

faoileag
Maor
Posts: 1421
Joined: Fri Jan 25, 2008 1:19 am

Re: Teanga Binn mo Mhàthar

Unread postby faoileag » Sun Oct 20, 2013 2:21 pm

Tha an t-òran air an CD 'Cille Bhrìde' aig Kathleen, agus tha na faclan (is i Seonag Monk a chuir Gàidhlig na h-Alba air) anns an leabhran-CD, Gàidhlig is Beurla.

Ma chòrdas an guth aice riut, nach ceannaich thu an CD is thu a' toirt taic mar sin do cheòl agus luchd-ciùil Gàidhlig? :D

Rinn thu uabhasach math mar-thà! :moladh:
Chan eil mòran daoine cho math air tras-sgrìobhadh ri sin! Meal do naidheachd.


Seo beagan 'ceartachaidh' anns an eadar-àm (às an leabhran-CD).

Tha iad a' bruidhinn mu Ghàidhlig ann an Rìoghachd Dàl Riata (mar shamhladh):
"Le teanga bhinn ar màthar a chum Dàl Riata beò."

Cluinneam anns gach ceàrnaidh fuaim bhog èibhinn àlainn > aoibhinn (pleasant, joyful)

Tha ise ag èiridh àirde le neart o ???? suas dhan àrda > dol suas

a’ ceòltaireachd ‘s a’ bìodal ( ???) > brìodal

ag èiridh na ( ???) ar cridhe > OK

Tha sgaipeadh air na neulan ( ???), tha bròn na luibean eunlaith ( ???) > tha sgapagh air na neòil, tha bròn an luib an èalaidh

Seo solas geal na grèine ga taitne h-uile ( ???) a-rithist > Seall...gu taitneach ùr a-rìs.

feadh na bràighean ( ???) > feadh nam bàghan

An leig sibh eagal ag mi ( ???), > An leig sibh a dhol aog mi

‘S tha mothachadh tha ( ???) daoine a spiorad ur nar ( ???) cridhe> 's ann mothachail.. nan cridhe

sin air tighinn gu ??? Gàidheal ??? > sinn ar teanga chur an cèill

a’ plaoisgeadh ( ???) > a' boillsgeadh

a’ fuasgladh ( ???) duinn > a' folgladh dhuinn

Lughaidh
Posts: 84
Joined: Fri Sep 21, 2007 12:22 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: A' Bhreatann Bheag

Re: Teanga Binn mo Mhàthar

Unread postby Lughaidh » Mon Oct 21, 2013 9:56 pm

'S dòcha gun ceannaich mi 'n CD latha a-mhàin, ach tha mi glè bhochd... :(
Bu chaomh leam an t-òran sin a dhownlòdail air an eadar-lìon, ach ma nì mi sin, chan fhaigh mi na faclan, ar leam...

Rinn thu uabhasach math mar-thà! :moladh:
Chan eil mòran daoine cho math air tras-sgrìobhadh ri sin! Meal do naidheachd.


tapadh leat, ach mur am biodh an tèacs ann an Gàidhlig na h-Èireann leis (tha mise nas fileanta ann an Gàidhlig na h-Èireann na ann an tè na h-Alba), cha tuiginn leth dheth!

tapadh leat airson do chuideachaidh :)