Could anyone help with song lyrics?

An toil leat ceòl, bàrdachd no ealain sam bith eile? Am faca tu rudeigin inntinneach air an TBh? Innse dhuinn air / Do you like music, poetry or any other art form? Did you see anything interesting on the telly? Tell us about it
heathergrier88
Posts: 3
Joined: Tue May 07, 2019 10:57 pm
Corrections: Please correct my grammar
Location: north

Could anyone help with song lyrics?

Unread postby heathergrier88 » Tue May 07, 2019 11:10 pm

Hello :)
I started learning Gaidhlig because I am very interested in music from Scotland. I especially like the singer Kathleen MacInnes, so I've been trying to learn some of her songs. I found quite a few, but there is one I'm having trouble finding the lyrics for. It's called Oran a' Phrionnsa from her album Cille Bhride. Fortunately the user who posted a video of the song on YouTube provided most of the words, though I'm still missing some. Could anyone help me, if they happen to know the words? Tapadh leibh :D

Here is what I have so far (but please correct me if I've got anything wrong :) ) :

A dh'ionnsaigh cladach a' chuain ri fuar ghaoth an anmoich
Thàinig Teàrlach gu dealrach air Albann 's e sgìth
Cha robh reul air a bhroilleach no freiceadan 'falbh leis
Ach aithne nan gorm-shùil gu dealbhaich a lì

'S mar dhaoimein san oidhche bha a' mhaighdean fo thursa
'S i cràiteach mu Theàrlaich 'bhith a' fàgail a dhùthcha
'S bu trom a bha a h-osna 's bu ghoirt deòir bho sùilean
On a chunnaic i an iùbhrach a' dlùthadh ri tìr

Bha a' ghealach a' snàmh thar àirde nan stùc-bheann
'S a gathannan siùbhlach far dlùth-thonn a leum
Gu grad thug i 'n aire mar òigh air a ciùrradh
Gu sgàil air a gnùis ghil fo shiùil neòil nan speur

Dhan a' ghealach 's na reultan iad fhèin anns 's a ghorm-bhrat
Bha osna na gaoithe trom choibhneil a' falbh uainn
Bha gearain a' chuain an àm bualadh ri garbh-chreag
Mo lèir chreach air Albainn 's ann a mharbhadh na treun

Sheas Flòraidh 's Teàrlach air tràigh nan tonn caoir-gheal
'S bu reub-critheach aoignealach an aogasg le cràdh
Cha robh facal fo 'm bilean ach sileadh gun fhaochadh
'S iad aodann ri aodann a' glaodhadh le gràdh

Nuair a thàining a' bhirlinn 'se a rìbhinn a thòisich
Le brist-ghuthan anabaich 's seanchas gun teòma
Mar chlàrsach 's a teudan gun ghleusadh gun òrdan
Bha reul nam ban-òga fo dhòrunn 's fo spàirn

'S a Theàrlaich Mhic Sheumais Mhic Sheumais nan cùirtean
Mar leònadh do chrùn bidh mar umbadh gun fheum
Mar leònadh na treun-laoich chan èirich 's cha dhùisg iad
Tha trom chadal dùint' shùileach udlaidh an eug

Cha ghlac iad an lann anns a' champ' ri uchd nàmhaid
(Missing a line here ------ )
Chan fhaic iad a' bhratach cha ghlac iad air làimh i
Bidh sàile 's am bàs, air fad fàgail o chèil'

'S a Theàrlaich Mhic Sheumais ma dh' fheumas tu triall bhuain
Gu coimhead Mac Dè thu a fiaclan nan daoidh
Gun stiùir e an iùbhrach feadh dhlùth thonnainn fiadhaich
Gu rèidh-shligheach dian-shiùbhlach fìor-luath gu tìr

'S gum boillsg' iad san oidhche ort na soillsearan nèamhaidh
Gu shiùilmhòr gad stiùireadh gu dùthaich nach fheum thu
Nad òganach brònach fo chòmhdach na reubal'
Tha ala-bharrach èididh neo-spèiseil nan cridh'

O Albainn tha 'n t-àm aig do cheann a bhi a' dòrtadh
Do Phrionns' 'uat air fògradh 's tu lòchradh san uaigh
Tha crònan do phioban a sior dhiuilteadh ceòl dhut
'S do chlàrsairean ro-mhilis diombach ga chuair

Tha cruiteirean sgiamhach nan sior-chrannaibh sàmhach
Cha dòirt iad an ceilearadh ma bhroilleach mu Theàrlaich
Cha dùisg iad na treun-laoich a dh' eug anns an fhàsaich
Cha mhosgail o 'n bhàs iad aig àirdead a feum

Ach stad e 's le ròs-bhilean phòg e a' mhaighdinn
'S e siabadh gu coibhneil na deuran bho sùil
Glac sòlas, a Fhlòraidh, a òganaich Fhrangach
A dh' èireas neo-ghann rium a bhuannachd mo chrùn

Tha lasgairean ana-bhunach an Albainn a dhùisgeas
Le 'n trusgairean balla-bhreac 's le m' armailt math dùbailt
Thèid caithream nan garbh-chreach le borb sgread gu lùireadh
'S bidh trupairean crùbach gun lùths' anns gach cùl

Ach dh' fhàg e na h-aonar a' caoineadh air tràigh i
'S gun do dh' fhalbh e sa bhàta 's e fàsgadh man dòrn
A' chliabhair a' lìonadh le iargain làn sgàinidh
(Missing a line here ---------- )

(Missing a line here ----------- )
'S a h-inntinn air luasgan air chuan mar ri Teàrlach
Chan fhaic i e tuilleadh chum na buillean a phàigheadh
Ach mheudaich i gràdh dha gach là bha i beò.



User avatar
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4431
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Could anyone help with song lyrics?

Unread postby GunChleoc » Wed May 08, 2019 6:29 am

Can you add a link to the video?
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

heathergrier88
Posts: 3
Joined: Tue May 07, 2019 10:57 pm
Corrections: Please correct my grammar
Location: north

Could anyone help with song lyrics?

Unread postby heathergrier88 » Wed May 08, 2019 9:36 am

Oh yes, should have thought of that, sorry. Here it is: https://www.youtube.com/watch?v=31b9VLJ-les

faoileag
Maor
Posts: 1437
Joined: Fri Jan 25, 2008 1:19 am

Could anyone help with song lyrics?

Unread postby faoileag » Fri May 10, 2019 1:22 am

You're in luck. :-)
I have the CD, and the lyrics are in the booklet. (If you like Kathleen, why don't you invest in it?)

Cha sgap iad fir Shasainn mar às-buainn blàraibh

'S e airnseulach ànrachd gun mhànran gun cheòl
Laigh braonnan na h-oidhche air a' mhaighdinn ghlan àlainn

heathergrier88
Posts: 3
Joined: Tue May 07, 2019 10:57 pm
Corrections: Please correct my grammar
Location: north

Could anyone help with song lyrics?

Unread postby heathergrier88 » Fri May 10, 2019 3:09 am

Thank you so much! I'm certainly going to look for the CD as well! Tapadh leibh! :D