Page 1 of 1

Dealbh-èibhinn: Peabar ⁊ Curran

Posted: Mon Jun 22, 2020 3:48 pm
by GunChleoc
Peabar ⁊ Curran

Image

’S e dealbh-èibhinn saor a th’ ann am Peabar ⁊ Curran a tha freagarrach do gach aois agus nochdaidh eapasod ùr mu gach dàrnacha mìos. ’S e fear-ealain Frangach David Revoy a tha san ùghdar is tha e ’ga thabhann an-asgaidh fo cheadachas Creative Commons Attribution 4.0. Cha ghabh an t-ùghdar ach ri tabhartasan saor-thoileach mar thuarastal. Tha gleus tar-sgrìobhaidh aig an dealbh-èibhinn agus nì sibh lorg luath san fhaclair le Wordlink gu luath. Leis an tar-sgrìobhadh, gabhaidh a leughadh os àrd cuideachd.



Seo blasad dhen obair-ealain:

Image
Image
Image
Image
Image
Image
Image

Dealbhan le David Revoy, fo cheadachas Creative Commons Attribution 4.0.