Pòl air a dhòigh glan le seacaid dràibhear bus

An toil leat ceòl, bàrdachd no ealain sam bith eile? Am faca tu rudeigin inntinneach air an TBh? Innse dhuinn air / Do you like music, poetry or any other art form? Did you see anything interesting on the telly? Tell us about it
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Pòl air a dhòigh glan le seacaid dràibhear bus

Unread post by Gràisg »

Bha Pòl air a dhòigh glan. Bha e air a bhith a’ coiseachd tro Phàirce Farraline seachad air Charlie’s café nuair a mhothaich e dha seacaid dràibhear bus air mullach poca dubh sgudail. Cha robh mòran ceàrr oirre ach sracadh sa phòcaid dheis. Chuir e air i sa bhad. Chòrd e ris gu mòr a bhith a’ cluich caractar. Bha e comasach pearsa a thogail dha fhèin agus toirt a chreidsinn air dhaoine eile gum b’ e sin an fhìor dhuine a bh’ ann. Chùm e air suas Sràid an Acadamaidh agus chaidh e suas gu stèisean nan trèanaichean. Chaidh e a-steach a bhàr. Fhuair e a-mach a Phorterfield o chionn trì làithean agus gu ruige seo bha e a’ dèanamh math, cha robh eagal air ro phrìosan ach leis an deagh aimsir bha e airson cumail fada bho chùisean ro mhì-laghail. Bha e làn dùil na fèisean ciùil fhaicinn am-bliadhna, gu h-àraidh Glastonbury agus beagan siubhail a dhèanamh mu cuairt iar-dheas Shasainn am measg feadhainn den ‘Convoy’ no am bad dheth a bha fhathast ann agus nach deach a phronnadh leis a’ phoileas ann an ‘achadh nam pònairean’. B’ e duine mòr a bh’ ann am Pòl agus leis a’ bhiadh agus fois a fhuair e taobh a-staigh nam ballachan àrda bha coltais tapaidh agus slàn air. Ghabh e pinnt agus thug e sùil air na daoine a bha a’ cur seachad ùine eadar trèanaichean no ge b’ e dè eile a thachradh dhaibh na b’ anmoiche san latha. Chuala e beagan Gearmailtis faisg air làimh agus cànan eile nach cuala e a riamh roimhe. Smaoinich e gur robh a h-uile càil a’ tighinn beò a-rithist le luchd-turais a’ nochdadh sa Ghàidhealtachd. Bhiodh beagan a bharrachd a’ tachairt agus b’ e deagh àm a bh’ ann gus a bhith saor. Thug e sùil air an telebhisean os cionn a’ bhàir, bha cuideigin air na naidheachdan a-mach air Chernobyl. Bha Pòl taingeil gu robh e ann am Porterfield nuair a thuit an t-uisge an t-seachdain seo chaidh, chuala e air an rèidio neach naidheachd a-mach air ciamar a bha sgòth mhòr rèidio-beò a’ tighinn a-nall.
Gu ruige seo tha a h-uile càil a bha sin air a bhith mar phàirt de na filmichean mòra tubaisteach no ficsean-saidheans dha ach nach tuirt an duine sin air aithris na h-aimsir air rèidio 2 nach bu chòir dhut a dhol a-mach a-nochd. ‘Bidh an t-uisge caran radioactive.’ Agus bha e bog fliuch an oidhche ud cuideachd, bha Pòl air a bhith ag èisteachd ris nuair a bha e a’ bualadh air a’ phrìosan, a’ meòrachadh dìreach dè cho duilich ’s a bhiodh cùisean. Am biodh a h-uile duine a’ dol às an rathad le aillse aig cheann thall sia mìosan? Cha robh earbsa aig Pòl sna h-ùghdarrasan, bha eagal air airson an àm ri teachd ach cho fad ’s a bha pinnt na làimh cha robh cùisean cho dona ri sin.
Sheall e air dithis bhana-Gearmailteach, bha pocannan-droma aca agus chunnaic e teanta. ‘An robh iadsan a-muigh san uisge an t-seachdain seo chaidh,’ shaoil e. Cha do mhothaich e sa chiad dol a-mach ach bha smùid orra agus bha iad air tòiseachadh a’ trod. Bha tè aca na b’ aosta agus bha fearg na guth agus bha i a’ gearain gu mòr air rudeigin. Ged nach robh Pòl a’ tuigsinn facal den chànan aca bha e follaiseach gur robh an tè aosta a’ cur coire air an tè eile air adhbhar air choreigin.
‘Dè a tha ceàrr ann an seo?’ Dh’fhaighnich Pòl dha fhèin, an robh ise air a bhith airson a dhol gu Thailand an àite Alba. Dè na tha iad ag ràdh? ‘Thuirt mi riut, thuirt mi riut…gum biodh radiation ann, cha do dh’èist thu rium. Uill ’s e seo an turas mu dheireadh a bhios mise a’ dol air saor-làithean còmhla riut, faodaidh tu a bhith cinnteach à sin.'
‘An robh latha trang agaibh,’ thuirt an tè-fhrithealaidh.
Thionndaidh Pòl agus thuig e gur ann ceangailte ri a sheacaid ùr a bha a’ cheist ud.’ Bha boireannach mu deich air fhichead bhliadhna a dh’ aois a’ coimhead air.
‘Uill cha robh trioblaid sam bith agam gus an do bhuail mi triùir baidhsagalairean taobh a-muigh Druim na Drochaid. Cha robh teans sam bith agam, bha agam ri cailleach agus a Labrador seoclaid aice a sheachnadh, ’s toil leam na Labradors, an toil leibhse iad?’
‘Chan eil cù agam, ’s toil leam iad ach ‘s e lobhta a th’ agam,chan eil cù ceadaichte gu mì-fhortanach.’ Shaoil i gur e freagairt neònach a thug e dhi ach smaoinich i gu robh a h-uile coltais ann gu robh an duine bochd fhathast fo bhuaidh na tubaist.’ Ciamar a tha na bhaidhsagalairean?’
‘Tha mi dìreach air tighinn bhon Raigmore,’ bha mi airson faighinn a-mach ach nuair a chaidh mi a-steach dhan uàird, thilg fear aca a chlogaid orm. Bhuail taobh mo chinn e. An do dh’ fhàg e comharradh?’ Thomh e dhi taobh clì a chinn.
Chrom i tarsainn air a’ bhàr gus sùil a thoirt far an robh corrag Phòil. Nuair a bha an sùilean faisg air a chèile rinn Pòl fiamh-ghàire rithe . Chuir sin an cèill beagan dealain eatarra. ‘Na gabh dragh, tha thusa ceart gu leòr a bhalaich.’ Ghluais i air ais gu slaodach, fhathast ga coimhead le dlùth aire.
‘Dè tha thusa a’ dèanamh nuair a tha do chuid obrach seachad,’ bha Pòl dàna mar a b’ àbhaist dha.
19
‘ ’S bochd nach do dh’fhaighnich thu sin dhìom an-dè. Bidh mise a’ dol a-mach le mo chàirdean a-nochd.’
‘Tha sin ceart gu leòr, cha robh ann an siud ach smuain,’ chuir Pòl roimhe gun rachadh e air a shochair a-nis. Bha e cinnteach gu robh ùidh aice ann agus bha e den bheachd gur e tè meadhanach àlainn a bh’ innte agus chuireadh e an gnothach air a liosta de phròiseactan. An uair sin nochd fìor ùpraid eadar an dithis Gearmailteach
Bha an tè a b’ aosta air a chasan agus ag èigheachd àrd a clagainn agus a’ luaisgeadh a gàirdeanan ann an dòigh a bha gu math cunnartach dhan fheadhainn a bha faisg air làimh. Bhuail i pinnt air an ath bhòrd agus dhòirt an leann air sgiorta boireannaich à Obar Dheathain. Dh’ èirich ise gu a casan agus fhuair an Gearmailteach dubh chàineadh. Ann an ùine nach robh fada, fhuair beairteas Albais Obar Dheathain làmh an uachdair air a’ chànan eile. Chuir an Gearmailteach a b’ aosta a poca-droma oirre agus theich i agus am boireannach o Obar Dheathain às a dheth. Bha an tè eile fhathast na suidhe agus a’ caoineadh gu trom. Chaidh an tè-fhrithealaidh a -nall gus cùisean a chur air dòigh.
Thòisich Pòl a’ seinn gu sàmhach ris fhèin òran air an robh e eòlach,
‘And rain keeps failing like helpless tears,
And what have they done to the rain?’
...

Gheibhear tuilleadh ann an seo:

http://myweb.tiscali.co.uk/narann/thill.pdf



faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Unread post by faoileag »

Taing dhut airson pìos beag 'blais' seo den sgeulachd.

Feumaidh mi aideachadh gun robh caran leisge orm a h-uile rud a leughadh nuair a chunnaic mi gur e 84 duilleagan a th' innte... 8-)

A-nis saolidh mi gun leugh mi i gu lèir nuair a bhios barrachd ùine agam...
Post Reply