Comhairle nan Leabhraichean a' sireadh sgrìobhaidh ùr

An toil leat ceòl, bàrdachd no ealain sam bith eile? Am faca tu rudeigin inntinneach air an TBh? Innse dhuinn air / Do you like music, poetry or any other art form? Did you see anything interesting on the telly? Tell us about it
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Comhairle nan Leabhraichean a' sireadh sgrìobhaidh ùr

Unread post by GunChleoc »

Seo post-d a fhuair mi bho Rody Gorman an-diugh:
A chàirdean

Tha làrach-lìn ùr http://www.litreachas.com ga cur ri chèile an-dràsta le John Storey aig Comhairle nan Leabhraichean air an nochd obair le sgrìobhadairean ùra Gàidhlig mar nàdar de thaisbeanadh no de dh'uinneag-bhùtha. Dh'iarr John orm stuth a thrusadh air a son.

Ma tha sibh air càil a sgrìobhadh - rosg; eachdraidh-beatha; (non-)ficsean; dealbhan-cluiche; bàrdachd; sgriopt etc - ach nach eil sibh air leabhar fhèin den obair agad a chur an clò, nach cuir sibh thugam e gus a chur air an làraich. 'S e an ìre de sgrìobhadh a tha sinn ag iarraidh an-dràsta - rosg eadar 250 -1000 facal; bàrdachd - co-dhiù 8 sreathan. Ma tha feadhainn eile aithne dhuibh an taobh a-muigh aig an t-Sabhail a bhiodh deònach obair a chur thugainn, nach leig sibh fios thucasan cuideachd.

Bheir mi dhuibh a h-uile taic a tha dhìth - sgioblachadh; deasachadh; ceartachadh etc - gus an stuth a dheisealachadh airson nochdadh air an làraich.

Siuthadaibh!

Leis na dùrachdan

Rody
Cuiribh an stuth agaibh gu Rody aig sm00rg@uhi.ac.uk


Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply