"Tha an naidheachd air tighinn a-mach gun do chuir am Mòd ann an Gallaibh £3m ri eaconomaidh na sgìre. Sin airgead nach biodh air tighinn dhan sgìre mura b’ e gun deach am Mòd ann. Rinn taighean-òsta is taighean-seinnse airgead glè mhath a-mach as an tachartas.
An dùil an sguir an gearan a-nis? Tha fios agam gur iad buidheann de chomhairlichean a bha a’ cur an aghaidh na Gàidhlig agus a tha a’ gearain uair sam bith a nithear càil a thaobh cànan nan Gàidheal. Saoilidh mise gu bheil iad den bheachd gu bheil an t-airgead a tha a’ dol dhan Ghàidhlig sònraichte."
Gheibhear tuilleadh le Murchadh MacLeòid an seo:
http://heritage.caledonianmercury.com/2 ... ann/001930