'S e coltas eagalach cunnartach a tha seo ach feumaidh na h-ùghdarrasan a bhith toilichte ris le cùisean sàbhailte gu leòr a' dh'aindeoin an sealladh seo. Tha trafaig fhathast a' dol tarsainn na drochaid seo fo smachd solais-trafaig. Gheibhear seann drochaidean eile ann an Sirrochd Nàrann ann an fìor droch stad agus leis an staing ionmhais a th' againn an dràsta cha fhaighear fuasgladh dhaibh uile ann an ùine nach bi fada nam bheachdsa
Dealbhan math a Ghràisg, dè dh'adhbhraich am milleadh sin, tubaist chàr? Tha mi 'n dòchas gum faigh iad air a chur ceart a dh'aithghearr mura h-eil iad air sin a dhèanamh mar thà.
Cha do bhuail dad i Choinnich, cha tig an aois leath fhèin gu mì-fhortanach agus bu chòir don chomhairle a bhith ga caradh na bu luaithe nam bheachd-sa ach seall air cor na rathaidean air a' Ghàidhealtachd agus chìthear gu bheil trioblaidean mora eile air faire. Leugh mi gun robh ceannard na raithaidhean a' cumail a-mach gu robh coltas ann gum bi aca feadhainn de na rathaidean beaga a dhùnadh san arm ri teachd. 'S dòcha gur e sin dìreach propaganda gus tuilleadh airgid fhaiginn a Tàigh an Ròid ach co aig a tha fios
Thuirt iad gun tèid an drochaid seo a caradh buileach glan ge-tà agus bidh a h-uile càil rèidh aig deireadh an t-Samhraidh.