Tha mi cleachdte ris na supplements sa Chourier Inbhir Nis a h-uile Dihaoine agus 's àbhaist dhaibh a dhol dhan stòbha sa bhad ach an-diugh thachair mi air rudeigin air leth tarraingeach. 'S e sin duilleagan làn fiosrachaidh BBC Alba agus abair thusa gur e rudeigin air leth tarraingeach a th' ann agus na ghoireas da-chananach a bharrachd air sin. Saoilidh mi gum bi sin a' cur piseach air àireamh luchd-amhairc an seanail. Aig am Nollaige bidh feadhainn a' fàs sgìth den sgudail àbhaisteach agus seo cothrom dhaibh rudeigin ùr feuchainn. Gheibhear fiosrachaidh learngaelic.net na luib cuideachd.