Scrabble Gàidhlig

Fiosrachadh mu gheamannan coimpiutair a tha rim faighinn sa Ghàidhlig - o BhBC Clann gu Strì Bheasnaid
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Scrabble Gàidhlig

Unread post by akerbeltz »

Latha ùr, geama ùr a chàirdean. 'S e Scrabble an geama an turas seo, tionndadh le sgioba Gearmailteach air a bheil Scrabble3D.
Image

Nise, mar a rinn mi roimhe, seo dhuibh an treòir mus innis mi dhuibh cà 'm faigh sibh e, air neo cha leugh sibh an treòir idir ;)

Faighibh am faidhle stàlaidh ceart airson an rian obrachaidh agaibh. Mar is trice, 32bit ma tha sibh air Windows XP agus 64bit airson Vista/7. Bidh fios aig muinntir Linux air dè dh'fheumas iad!
Image

Taghaibh Install (bidh an stàladh gu lèir sa Bheurla)
Image

Leigibh leis a stàladh agus bidh e fo Start > Programs > Scrabble 3D an uairsin. Nuair a thòisicheas sibh am prògram a' chiad turas, bidh cothrom agaibh Gàidhlig a thaghadh an dà chuid mar chànan a' phrògraim agus cànan nan geamannan fhèin.

Mus dèid mi nas fhaide - ma gheibh sibh a' mhearachd seo leanas:
Image

Tillibh dha na roghainnean agus fo taba a' Choimpiutair, bheiribh air falbh an roghainn Multithreaded:
Image

Ok, nise, tha e furasta gu leòr geama a chluich an aghaigh a' choimpiutair, chan eil mi dol a dh'innse dhuibh mòran mu dhèidhinn sin agus gu feum sibh briogadh air 2 chluicheadair:
Image

Tha e fada nas inntinniche cluiche an aghaidh cuideigin. Tha ball gorm gu h-àrd, briogaibh air gus geama a chluich air an lìonra:
Image

Feumaidh sibh far-ainm is facal-fair a thaghadh. Chan e rud mòr, tèarainte a tha seo, chan eil sin ann ach gus nach urrainn do chuideigin eile cluich fo 'r n-ainm:
Image

Chì sibh na daoine air an lìonra a-nis. Tha bratach na lèine a' comharradh na dùthcha aig cluicheadair agus am bratach eile cànan a' phrògraim. Dèanaibh briogadh deas air an neach a tha sibh airson cluich leis agus bheiribh cuireadh dhaibh:
Image

Feumaidh an neach a thug an cuireadh seachad tòiseachadh air geama ùr:
Image
Image

Agus sin agaibh e. Tha iomadh gleus eile aig a' gheama seo ach 's urrainn dhuibh fhèin am fiosrachadh a-mach. Aon rud eile mus innis mi dhuibh cà 'm faigh sibh e. Ged a tha aon fhaclair sa gheama, tha dà roinn san fhaclair, faclan às an Fhaclair Bheag agus faclan à Dwelly. Gheibh sibh faclan nas inntinniche ma cheadaicheas sibh an dà rud ach ma tha sibh airson cuairt nas fhasa a chluich, bheiribh air falbh a' chromag às a' bhogsa agus cha nochd uiread a dh'fhaclan inntinneach.

Gheibh sibh e air Uici a' gheama is Sourceforge agus tha fòram aig a' gheama. Ach gheibh sibh taic an-seo cuideachd.

Chì mi ann sibh, geamairean abù!


GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Scrabble Gàidhlig

Unread post by GunChleoc »

Sgoinneil, tapadh leat!
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Scrabble Gàidhlig

Unread post by faoileag »

Nach eil sin a' coimhead math!

Tha mi a' siubhal cus na seachdainean seo agus gun eadar-lìon gu trice, ach tha mi a' dèanamh fiughair ris as dèidh sin. :D
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Scrabble Gàidhlig

Unread post by akerbeltz »

Bidh e math ur faicinn ann!

Eadar dà sgeul, ma sheallas e ur baile mar Lunnainn no àite neònach mar sin ann an Sasainn, gabhaidh sin atharrachadh. Faighibh greim air an fhaidhle Scrabble3D.ini (ann an XP tha sin fo Documents and Settings > Local Settings > Application Data > Scrabble 3D, ann am Win 7 Users > Home > AppData > Local > Scrabble 3D) agus cuiribh baile eile san loidhne NetworkCity=

Image

Cha ghabh seo atharrachadh ma tha an geama a' dol, feumaidh sibh a dhùnadh an toiseach. Agus na cluichibh leis na roghainnean eile, 's iomadh rud a ghabhas briseadh ann!
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Scrabble Gàidhlig

Unread post by akerbeltz »

Duh... tha buga ann. Ann an cuid dhe na stàlaidhean, tha am prògram a' stàladh faclair na Beurla ged a thagh sibh Gàidhlig. Dèanaibh cinnteach gu bheil e a' cur gu feum faclair na Gàidhlig fo Roghainnean > Na litrichean
caoimhin
Posts: 13
Joined: Wed Oct 10, 2007 2:18 pm
Language Level: Fileanta
Location: SMO, An t-Eilean Sgitheanach
Contact:

Re: Scrabble Gàidhlig

Unread post by caoimhin »

Math fhéin. Agus is fìor toigh leam am beachd litrichean aonair a dhèanamh de ‘dh’, ‘sh’, ‘rr’, 7c.
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Scrabble Gàidhlig

Unread post by akerbeltz »

Mur an do mhothaich sibh dha roimhe, tha tionndadh ann airson MacOSX a-nis!

Well, bha build ann airson MacOSX roimhe ach cha robh a' Ghàidhlig ann ach tha nis.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Scrabble Gàidhlig

Unread post by GunChleoc »

Glè mhath! :)
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Scrabble Gàidhlig

Unread post by akerbeltz »

Gèam-a-thon Scrabble Gàidhlig a-nochd eadar 7-9f GMT - bithibh ann no bithibh fann!
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Scrabble Gàidhlig

Unread post by akerbeltz »

Ok, someone asked about games against other people across the Scrabble network. Here's what you do:

You click on the blue-grey globe in the game (on the menu bar), pick any name and password, then hit OK (remember the name and password though). You then need to wait for someone who speaks Gaelic - you can tell by hovering your mouse over the name to see if they're using the game in Gaelic (it'll say menu/clàr-taice: and show the Scottish flag). When you find someone, left click on that player once, then right click and send invite. That's it.

So this is what a player "up" for a Gaelic game looks like:
Image

Gaelic players are kinda rare, so your best bet is to arrange to meet someone at a given time.

The screenshots above show how to do that too, from Screenshot #7 onwards.
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Scrabble Gàidhlig

Unread post by akerbeltz »

Tha modh (no faclair) ùr aig Scrabble3D. Sgar sinn na faclan às an Fhaclair Bheag ann an dà "fhaclair", faclair bunasach agus faclair adhartach. Chan eil san fhaclair bhunasach ach mu 8,000 facal cumanta:
- ainmearan san tuiseal ainmearach agus san iolra - 's e sin, as aonais an tuiseil ghinidich etc
- freumh de ghnìomhair (m.e. dèan) agus an t-ainmear gnìomharach (m.e. dèanamh), as aonais cruthan mar dhèanainn, dhèanaist etc
- freumh de bhuadhair, as aonais an ìre choimeasach etc (m.e. mòr ach as aonais motha)
- badan de dh'fhaclan cumanta eile (agus, le, leis ...)

Ma bheir sibh a' chromag às an dà bhogsa eile, bidh geama fada nas simplidh agaibh a-nis:

Image

An dòchas gun còrd e ribh!
Post Reply