Uidheam eadar-theangachaidh ùr

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
horogheallaidh
Maor
Posts: 207
Joined: Mon Nov 03, 2008 7:49 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: An t-Eilean Dubh

Re: Uidheam eadar-theangachaidh ùr

Unread post by horogheallaidh »

Feumaidh mi aideachadh leis na sgriobh Niall ma dheidhinn na planaichean Gaidhlig - tha coltas ann gu bheil torr repetition taobh a-staigh na planaichean.

Ach ged a tha Ctrl+ gu math feumail dhuinn, chan eil e idir cho math no cho luath sa tha TMS nuair a bheireas e dhut an stuth a tha a dhith, sa bhad. Cha leig thu leas Ctrl+cail a dheanamh an uair sin.

Tha a bhith a' cruthachadh briathrachaisean na phairt sonraichte de'n t-seirbhesi seo, agus a bhith a' cleachdach na feadhainn a tha ann.

HoRo
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Uidheam eadar-theangachaidh ùr

Unread post by akerbeltz »

Tha a bhith a' cruthachadh briathrachaisean na phairt sonraichte de'n t-seirbhesi seo, agus a bhith a' cleachdach na feadhainn a tha ann.
Sin rud a tha cur eagal mo bheatha orm ge-tà, cò tha dol an cruthachadh? Stòrlann? Am buidheann nach dug a-riamh for dha na bha an corr dhen dùthaich a' dèanamh no cleachdadh?
horogheallaidh
Maor
Posts: 207
Joined: Mon Nov 03, 2008 7:49 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: An t-Eilean Dubh

Re: Uidheam eadar-theangachaidh ùr

Unread post by horogheallaidh »

Tha liostaichean ann mar tha, mar na rinn TELI air thaobh Faclair nan Ughdarrasan Ionadail/Rianachd Poblach, susbaint bho Ainmean Aite na h-Alba, briathrachais nadar bho SNH agus na facail feumail aig a BhBC.

Tha sinn cuideachd air a bhith ag obair leis na companaidhean poblach fhein airson briathrachais sonraichte aca a chuir ris na storan-data. Tha cothrom aca sin a' leasachadh leis na eadar-theangairean aca, mur eil cail ann mu thrath.

Thathar an duil gun cuiridh sinn an susbaint aig an seotal ris na storan-data cuideachd ach chan eil sinn air an cothrom fhaighinn bruidhinn ma dheidhinn sin fhathast.

Ma tha beachd agad gur e conaltradh a tha a dhith air thaobh briathrachaisean ura, 's docha gum bi cothrom ann airson barrachd conaltradh san àm ri teachd. Tha coir aig an t-seirbheis seo a bhith ag obair gu dluth le BnG agus an Acadamaidh, airson na stiuiridhean as ura a chuir air bhog tron seirbheis, agus bu choir deagh chothrom a bhith ann airson briathrachais ura aontachadh an uair sin.

Taing - HoRo
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Uidheam eadar-theangachaidh ùr

Unread post by akerbeltz »

Tha liostaichean ann mar tha, mar na rinn TELI air thaobh Faclair nan Ughdarrasan Ionadail/Rianachd Poblach, susbaint bho Ainmean Aite na h-Alba, briathrachais nadar bho SNH agus na facail feumail aig a BhBC.
<osna> coltas nach do leugh daoine na chaidh a ràdh a thaobh rud sam bith a rinn TELI .... agus tha e follaiseach, a' coimhead air an stuth aig SNH, gur ann à Forbes a thàinig cuid mhath dheth. Agus chan eil sna facail fheumail ach liosta gu math goirid.
Tha sinn cuideachd air a bhith ag obair leis na companaidhean poblach fhein airson briathrachais sonraichte aca a chuir ris na storan-data.
Feumaidh mi aideachadh gu bheil seo cur beagan fearg orm. Na companaidhean poblach... glan ach nach eil an saoghal beagan nas motha na an raon poblach? Beag 's gu bheil e, dè mu dhèidhinn an raon prìobhaideach? Na daoine a rinn cuid mhòr dhen eadar-theangachadh gu ruige seo? Tha cuimhn' agam air an leabhran ud a chur Stòrlann a-mach an-uiridh no uaireigin aig toiseach na bliadhna - cha dug iad for sam bith do rud sam bith a tha sna software releases a th' ann - agus bha badan math ann dheth aig an ìre sin. Agus leis a sin, tha earrannan ann dheth a tha calg-dhìreach an aghaidh na tha ri fhaicinn ann am prògraman. Nach fheumail sin...
horogheallaidh
Maor
Posts: 207
Joined: Mon Nov 03, 2008 7:49 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: An t-Eilean Dubh

Re: Uidheam eadar-theangachaidh ùr

Unread post by horogheallaidh »

Tha seo gu math inntinneach, feumaidh mi radh. Tha e gu math mi-fhortanach nach eil na tha buidhnean eile air a dheanamh a' cordadh riut ach tha e coltach gun robh barrachd conaltradh a dhith orra aig an àm, ma tha iad air mearachdan a dheanamh.

Ach s' docha nach robh iad math/deonach a bhith ag eisteachd ri beachdan daoine eile?

Am beachd a th'agam ge ta, nach urrainn dhomh ach obrachadh leis an eolas a tha againn, agus an stiuireadh a tha a' tighinn bho na buidhnean a tha airson an t-seirbheis seo a leasachadh, me BnG agus HIE.

Chan eil sinn ann mar proiseact a bhios a' gabhail thairis leasachaidhean air thaobh briathrachais, ach a' feuchainn airson na tha ann mar tha a chuir comhla taobh a-staigh an t-seirbheis. San doigh sin tha sinn a' feuchainn airson an susbaint as fhearr a thoirt dha eadar-theangairean. Chanainnsa ma tha briathrachais ann nach eil cho math/gu feum, 's ann urra ris na companaidhean fhein a th'ann airson sin a' cheartachadh. Tha sin a-mach a 'scope' airson an t-seirbheis seo chanainnsa, ach tha sinn a' feuchainn airson eadar-theangairean sar mhath a chleachdach a dh'fhaodadh beachdan aca a thoirt seachad air na tha ann - proiseas proofadh mar gum biodh.

Mar a thuirt mi roimhe, 's docha gum bi barrachd eolas a' tighinn bho an acadamaidh Gaidhlig air thaobh seo - ach coltas ann gum bi torr catch-up aca ri dheanamh cuideachd air thaobh na tha ann mar tha a' ceartachadh.

Chan eil sinn ach ag obair leis na buidhnean poblach an-drasta air sgath's gur ann leothasan a tha dleastanas airson planaichean Gaidhlig a' sgriobhadh. Cuiridh sinn failte chridheil air companaidhean priobhaiteach no worries ma bhios uidh aca :)
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Uidheam eadar-theangachaidh ùr

Unread post by akerbeltz »

Tha e gu math mi-fhortanach nach eil na tha buidhnean eile air a dheanamh a' cordadh riut ach tha e coltach gun robh barrachd conaltradh a dhith orra aig an àm, ma tha iad air mearachdan a dheanamh.

Ach s' docha nach robh iad math/deonach a bhith ag eisteachd ri beachdan daoine eile?
Barrachd? Tha sin a' cur 'nar sùilean gun fiù beagan ann 8-)

Agus chan eil mi a-mach air "còrdadh" idir, 's e ceist càileachd a th' ann.

Ach well, chì sinn, an crann ron damh a-rithist...
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Uidheam eadar-theangachaidh ùr

Unread post by GunChleoc »

Tha Aberbeltz gu math luath a' cur a' mor chuid dhen bhriathrachais coimpiutair a-steach dhan Fhaclair Bheag. Mar sin, tha am fiosrachadh faisg ri d' làimh a thaobh briathrachais coimpiutair ma thogras tu. Is mur eil am broathrachas seo a' còrdadh riutha nuair a nì iad leabhran, carson nach eil deasbad ann? Cuideachd aig amannan chan eil am briathrachas cho brèagha sa ghabhas oir tha 's dòcha faclan airson5 rud a dhìth ach chan eil ach 4 faclan ann sa Ghàidhlig. An eiseimpleir as fhollaisiche: sa Bheurla, ma bhruidhneas tu mu dheidhinn stòr-dàta, tha table, record is entry ann - sa Ghàidhlig, 's e clàr a bhiodh air a h-uile gin dhiubh gu nàdarra, ach feumaidh tu sgaradh a dhèanamh eatorra. Is airson na cleachdaichean, tha eas-aonta nas miosa na facal nach eil cho brèagha, 's dòcha. Tha e eagallach gu leòr dhaibh ma-thà coimpiutairan a chleachdadh ann an dà chànan.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
horogheallaidh
Maor
Posts: 207
Joined: Mon Nov 03, 2008 7:49 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: An t-Eilean Dubh

Re: Uidheam eadar-theangachaidh ùr

Unread post by horogheallaidh »

Cuiridhinnsa fàilte mhòr air goireas sam bith a bhiodh feumail dha eadar-theangairean gun teagamh agus ma bhios sibh airson cead a thoirt dhuinn airson susbaint briathrachais mar seo a chleachdach, bhiodh sin math fhèin.

Tha mi ag aontachadh gu mòr, gum bu choir barrachd conaltradh a bhith ann air thaobh briathrachais agus nach bu choir cuid de bhuidhnean a bhi a sheachnadh na tha ann mar tha.

Nam b’ urrainn dhuinn taic sam bith a chuir ris a chuis, bhithinnsa deònach sin a dhèanamh gun teagamh.

HoRo :)
Post Reply