...after the beep?

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

...after the beep?

Unread post by faoileag »

I have a new phone and want to have a bilingual message on the mailbox.

How do I best express 'beep' in Gaelic?

Nach leig sibh fios/brath thugam as dèidh.... ?

Something more specific than 'fuaim', and preferably not using 'seirm', as that is the ringing itself.

AFB has 'bìd'. Dè mu dheidhinn sin?

bìd /biːdʲ/ Listen
fir. gin. -e, iol. -ean
1 cheep, chirp 2 beep 3 bite


or 'migead'?

migead /migʲəd/
fir. gin. -eid, iol. -an
1 peep, tiny sound 2 bleat


or suaim (Dwelly)?

suaim
** sf Sound, tone, note, accent.


Nach leig sibh fios thugam dè ur beachd? :priob:


akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: ...after the beep?

Unread post by akerbeltz »

Tha bìog ann cuideachd.
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: ...after the beep?

Unread post by faoileag »

Tapadh leat!

Nì sin an gnothaich gus am faigh mi a-mach dè tha aig na fònaichean SMO / BnaG / CnaG amsaa.. :spors:


Beagan nas anmoiche...

Chan eil teachdaireachd sam bith aig na fònaichean BnaG is CnaG, ach seirm gun chrìoch, agus chan eil ach teachdaireachd àbhaisteach BT (no companaidh eile) aig SMO le ainm na roinn sa Ghàidhlig. :(
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: ...after the beep?

Unread post by Seonaidh »

'S dòcha san fharsaingeachd nach bi daoine a' fònadh BnaG no CnaG gu tric agus mar sin chan fhiach dhaibh teachdaireachd "beep" a chleachdadh.

"Haidh! Seo Bòrd na Gàidhlig, dachaigh a h-uile nì Gàidhlig san t-saoghal. Tha sinn duilich ach tha sinn a-muigh an-dràsta, air ar cleòcaichean "Supair-Gàidheal" a chur umainn. Nach leig sibh teachdaireachd air ar son-ne an-dèidh a' bhid agus gheibh sinn air ais thugaibh sa bhad. Seasàm!"

Rudeigin mar sin?
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: ...after the beep?

Unread post by faoileag »

:lol:

'S dòcha gun cleachd mi seo mi-fhìn! :spors:
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: ...after the beep?

Unread post by GunChleoc »

Seasàm! :lol:
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: ...after the beep?

Unread post by faoileag »

Tha bìog ann an-seo cuideachd mar 'tone'.

http://www2.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/facl ... tairg=Lorg


OK, tha mi air falbh gus a chlàradh... :spors:

..bidh mi air ais as dèidh na bìoga... 8-)
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: ...after the beep?

Unread post by An Gobaire »

Seo seadh eile a th' air a' ghnìomhair "bìogail"...beagan coltach ri "dìosgail"

Bhon òran "Ged a sheòl mi air m'aineoil"
Gur ann orm-sa bha'n t-eagal
Bha na breasan a'bìogail.
Beurla:
It was terrifying
To hear the timbers creaking.
Tha an seinneadair a' dìreadh crann air bàta ann an droch shìde.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: ...after the beep?

Unread post by akerbeltz »

na breasan a' bìogail
Inntinneach ... lorg mi an tionndadh seo dhen òran an-seo - litreachadh sgriosail ach tha am facal breasan inntinneach air leth, chan eil sgeul air ann am faclair sam bith leis a' chiall seo.... hm
Post Reply