Cothrom (an iris) a' tighinn gu ceann
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: Cothrom (an iris) a' tighinn gu ceann
'S truagh nach deach le duine rud a chur air dòigh gun fheum air cus taic airgid is nach fhaigh iad taic tuilleadh, ach feumaidh i ràdh nach bithinns' fhèin comasach air iris a chur air cois idir.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Re: Cothrom (an iris) a' tighinn gu ceann
Inntinneach, Dè ur beachdan air seo?BBC wrote:...
Thuirt Bòrd na Gàidhlig nach b' urrainn dhaibh airgead a bharrachd a thoirt dhaibh seach gu bheil Riaghaltas na h-Alba air buidseat a' Bhùird fhèin a reothadh airson trì bliadhna, an dèidh dhaibh a ghearradh ron a sin.
...
Dh'innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad a' dol a dhìon airgead BBC ALBA bho ghearraidhean.
Thuirt iad cuideachd gu bheil iad a' dol a chumail ri an gealladh £1m a bharrachd a chur ri MG ALBA ann an 2016.
...
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: Cothrom (an iris) a' tighinn gu ceann
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann

Chithear pios air Taigh na Croiche
http://radgedug.blogspot.co.uk/2013/12/ ... n-nos.html
'S bochd sin. Mur a bheil thu comasach leabhar a sgriobhadh freagarrach son CnanL caite am faigh aite son do chuid sgriobhaidh a-nis? Uill tha Tir nam Blog fhatahst ann mar a mhothaich BBC ALBA
tirnamb by http://www.flickr.com/people/gurnnurn/,
Cothrom nach maireann sa chiste-laighe taobh ri An Gaidheal Ur nach maireann. A bharrachd air sin caite am faigh rudeigin ri leughadh. 'S e gainnead airgid a dh'adhbhraich sin - 's bochd nach robh an t-airgead a chaidh a' caitheamh air mobheurla.com fhathast ann!
http://radgedug.blogspot.co.uk/2013/12/ ... n-nos.html
'S bochd sin. Mur a bheil thu comasach leabhar a sgriobhadh freagarrach son CnanL caite am faigh aite son do chuid sgriobhaidh a-nis? Uill tha Tir nam Blog fhatahst ann mar a mhothaich BBC ALBA
tirnamb by http://www.flickr.com/people/gurnnurn/,
Cothrom nach maireann sa chiste-laighe taobh ri An Gaidheal Ur nach maireann. A bharrachd air sin caite am faigh rudeigin ri leughadh. 'S e gainnead airgid a dh'adhbhraich sin - 's bochd nach robh an t-airgead a chaidh a' caitheamh air mobheurla.com fhathast ann!
-
- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Re: Cothrom (an iris) a' tighinn gu ceann
You said it! Nach ann mar sin a dh'inns a' mhorchuid de na buill an seo - gun robh mobheurla.com (mygaelic.com) na ana-chaitheamh airgid nuair a bha cùisean ann leithid abairthusa agus foramnagaidhlig?Gràisg wrote:'s bochd nach robh an t-airgead a chaidh a' caitheamh air mobheurla.com fhathast ann!
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: Cothrom (an iris) a' tighinn gu ceann
Ach cuimhnich nach robh Fòram na Gàidhlig no Abair Thusa ann nuair a thòisich iad air a' ghnothach. Thug iad dà bhliadhna mus robh am prògramachadh aca reusanta coileanta. Co-dhiù no co-dheth, b' fheàirrde iad bathar-bog a chleachdadh a bhiodh ann mar-thà is mòran airgid a shàbhaladh. Gu mì-fhortanach, tachraidh a leithid ana-cheithimh ro thric ann an saoghal a' bhathair-bhuig on nach eil na daoine a dh'fheuchas ri rudeigin ùr a stèidheachadh eòlach gu leòr air a' chùis.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Re: Cothrom (an iris) a' tighinn gu ceann
Agus dè mu dheidhinnn seo?Seonaidh wrote:Inntinneach, Dè ur beachdan air seo?BBC wrote:...
Thuirt Bòrd na Gàidhlig nach b' urrainn dhaibh airgead a bharrachd a thoirt dhaibh seach gu bheil Riaghaltas na h-Alba air buidseat a' Bhùird fhèin a reothadh airson trì bliadhna, an dèidh dhaibh a ghearradh ron a sin.
...
Dh'innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad a' dol a dhìon airgead BBC ALBA bho ghearraidhean.
Thuirt iad cuideachd gu bheil iad a' dol a chumail ri an gealladh £1m a bharrachd a chur ri MG ALBA ann an 2016.
...
BBC wrote:Chaidh dìon air planaichean gus bun-sgoil Ghàidhlig a thogail ann am Port Rìgh, às dèidh do Riaghaltas na h-Alba £3m a ghealltainn dhan phròiseict. [...]Thadhail Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, air an làraich Diluain gus £3m a ghealltann thar dà bhliadhna, cho math ri £250,000 do dh'fhoghlam Ghàidhlig ro-sgoile.
-
- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Re: Cothrom (an iris) a' tighinn gu ceann
Cha robh mi eòlach nach robh A-T no an làrach seo ann nuair a thòisich obair mobheurla.com! Agus mar a thuirt thu, tha mòran ana-caitheimh ann le bathar bog. Nan cleachadh iad bathar bog "off-the shelf" seach a h-uile nì a dhèanamh o bhun, smathaid gum biodh mobheulra.com againn roimh A-T no FnaG.
-
- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
Re: Cothrom (an iris) a' tighinn gu ceann
Seo rudeigin bhon Fhoram seo as an Og-mhìos 2009
"Thuirt Art air forargyll.com, Art said on Forargyll.com:
'June 25th, 2009 at 8:56 pm
It’s interesting to keep reading comments about mygaelic and other sites.
When was Fòram na Gàidhlig set up? I don’t think it had been set up when the Bòrd embarked on developing mygaelic. There was very extensive research done by a company called Progressive in advance of the decision to commission the site (2006, I think) and there seemed to be a gap in the market for such a site.
Perhaps in the time between the research being done and the site being developed, other sites got in first. But surely there is room for several networking sites? mygaelic was never set up with the intention of it being ‘controlled’ by Bòrd na Gàidhlig to punt our own points of view.' "
Ok ma bha co-dhùnadh gus mygaelic.com a chuir air bhog ann an 2006 steidichte air rannsachaidh roimhe laimh. Nochd mygaelic.com sa Bheta sa Ghearran 2009. Chaidh Foram na Gàidhlig a chuir air bhog san Sultain 2007. Saoilidh mi gun robh cus dàil ann gus an do nochd am proiseact aig a' Bhòrd. San eadar-ama dh'fhàs Facebook fada na bu làidire cuideachd - nach b'ann fiù 's aig mygaelic.com a bha cunntas facebook aig a' cheann thall. Nam bheachd neo-chudromach fhèin b'e am mearachd bu mhotha aig a' bhord gun tainig mygaelic.com mar chloich as an adhair dhan a h-uile duine. A bharrachd air sin bha choimhearsnachd bheòthail Ghàidhlig air loidhne tighinn comhla ann an grunn aiteachean aig an àm sin. B'fheàirde den bhòrd air a bhith deasbad leis a' Choimhearsnachd a bha sin.

Seadh, seo an duilgheadas a bh' ann - feumaidh nach do thuig iad dè cho luath 's a ghluaiseas cuisean air an eadar-lìon is dè cho cosgail 's a tha bathar-bog agus cha robh iad an sàs sa choimhearsnachd air loidhne a bhiodh ann aig an àm ud - ge b' e dè a bh' ann, feumaidh gun robh rudeigin ann. Bha savegaelic.org ann, nach robh? Agus am Bòrd-Brath aig Mìcheal Klevenhaus is fiù 's fear aig Comhairle na Gàidhealtachd mus deach e fodha air sàilleibh luchd na tatù ma 's math mo chuimhne. Chaidh Tìr nam Blòg a chur air bhog air an 17mh latha den Dùbhlachd 2005.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam