Sùil air a' mhearachd
-
- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Re: Sùil air a' mhearachd
A-ha! "TM": chan e, ach "TMA" (Tha Mearachd ANN).
An ann beò a tha Glaschu co-dhiù? Nach "Glaschumharbh" nas fheàrr?
An ann beò a tha Glaschu co-dhiù? Nach "Glaschumharbh" nas fheàrr?
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: Sùil air a' mhearachd
Thoiribh sùil air gnè an fhacail is gheibh sibh a-mach na tha ceàrr air an abairt seo
Nach eil duine airson feuchainn ri seo? / Does nobody want to have a go at this?
Nach eil duine airson feuchainn ri seo? / Does nobody want to have a go at this?
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: Sùil air a' mhearachd
Cha robh fhios agam gu bheil Glaschu boireannach...
Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Re: Sùil air a' mhearachd
Uill, cha robh fios agamsa ach dè eile b' urrainn dha a bhith? Thàinig an t-ainm à "Cuimris", no cànan àbhaisteach Srath Chluaidh agus b'e "glas gau" a bh' ann. San fharsaingeachd, "cau glas" an-diugh, no "lag g[h]las". Nuair a thig buadhair ro ainmear sa Chuimris, mar sa Ghàidhlig, bidh sèimheachadh ann (ach c > g seach c > ch). Mar sin, sa "Chuimris" "Glas Cau" > "Glasgau" agus sa Ghàidhlig "Glas Cu" > "Glaschu" (? "grey dog"...).
===============
OK GC, dè tha dol le "Ùghdarras a Chlò Hearaich"? Fhad 's a chì mi, chan eil ach ' ceàrr (Ùghdarras a' Chlò Hearaich) - "The Authority of the Harrisish Tweed", ach b' fheàrr leam "Ùghdarras a' Chlò Mhoir".

- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Sùil air a' mhearachd
Fireann? Le ainmean-àite aig nach eil co-pàirtean aig a bheil gnè fhollaiseach, chan urrainn dhut gnè an fhacail a dhearbhadh 's tu a' coimhead air an fhacal fhèin mar is trice ach a dh'aindeoin sin, tha gnè aig gach ainm-àite. Tha pàtranan uaireannan, mar eisimpleir an fheadhainn anns a bheil -bhagh/-bhaigh, tha iad fireann a ghnàth ach chan eil càch eile cho furasta. Mar is trice, feumaidh tu a bhith air leth fortanach mus fhaic thu fear ann am bàrdachd ris a bheil buadhair, mar eisimpleir tha Glaschu a' nochdadh mar Glaschu Mhór nan Stìoball agus Glaschu Mhór nam Bùithtean. Oir gu mì-fhortanach, cha do bhuadraig AÀA no na seann-fhaclairean le gnè nan ainmean-àite.Uill, cha robh fios agamsa ach dè eile b' urrainn dha a bhith?
Feadhainn a tha fireann:
Leòdhas
Rum
Tiriodh
Colla
Boireann:
Uibhist
Arainn
Sealtainn
Ìle
Diùra
Muile
Nach e mearachd mòr gu leòr a tha sin air sanasachd? The Authority of HIS Harris Tweed vs The Authority of Harris Tweed? A cheart cho dona 's a bhiodh Royal Vank of ScotlandFhad 's a chì mi, chan eil ach ' ceàrr (Ùghdarras a' Chlò Hearaich)
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: Sùil air a' mhearachd
Cha ro mi cinnteach a bheil an "a" seo a' ciallachadh "de", "do" no riochdair sealbhach (his)...
Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Rianaire
- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Sùil air a' mhearachd
Chan urrainn dhan a ud a bhith 'na roimhear leis gu bheil Hearaich san tuiseal ghinideach agus chan eil aon seach aon dhiubh (do no de) ag adhbharachadh an tuiseil ghinidich