ar ceann-uidhe

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
semaphore
Posts: 36
Joined: Mon Aug 24, 2020 9:28 am
Language Level: Fluent
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Scotland

ar ceann-uidhe

Unread post by semaphore »

Shin sibh

Cèist tha seo a thaobh dè bhiodh an dòigh na bu nàdarra airson "where to/to where" a ràdh. Mar gun ann san taxi bha thu :D

Thàinig e mar ionadh an latha roimhe nuair a thuirt mo mhac rium "ruith!" le dòchas gum biodh rèis ann agus cha tàinig freagairt cho glan sin thugam san àm a bu lùigeadh dhomh fiù bha fios dè bha mi arison a ràdh! Aig a' cheann thall 's e "càite" a thàinig às. Tha mi air seo a chluinntinn roimhe ann an siudheachadh coltach. Tha fios a'm gur e "dè an t-àite" na rud mar sin th' ann a tha dha-rirbh am falach air cùl an abairt ach is cinnteach nach b' e "càit' am biodh tu ag iarraidh dhol" a chanadh tu ri "ruith ruith ruith!" 's gun thusa le ceann-uidhe agad gach triop, am b' e? A bheil dòigh ghathasach fhreagarach eile ann seo a chur an cèill? "Dè ar ceann-uidhe na rud mar sin?" Neo a bheil seo cus on the nose gus abairt a ghabhail air iasad o Bheurla.

Dè bhur beachdan? Taing


Follow the white rabbit.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: ar ceann-uidhe

Unread post by GunChleoc »

Nì "Càite" a chùis. No nas fhaide:

Càit an dèid sinn?
Càit a bheil thu airson dol?

Faodaidh tu "ceann-uidhe" a chleachdadh cuideachd co-dhiù.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply