Nòs Ùr - Farpais Òrain Roinneil Mhion-chànain ann an Inbhir

An toil leat ceòl, bàrdachd no ealain sam bith eile? Am faca tu rudeigin inntinneach air an TBh? Innse dhuinn air / Do you like music, poetry or any other art form? Did you see anything interesting on the telly? Tell us about it
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Nòs Ùr - Farpais Òrain Roinneil Mhion-chànain ann an Inbhir

Unread post by GunChleoc »

Bho Mìcheal aig schottisch-gaelisch.de:

Nòs Ùr - Farpais Òrain Roinneil Mhion-chànain ann an Inbhir Nis

Thèid co-fharpais chudromach a chur air bhog an seachdain seo, a'
comharrachadh òrain bho choimhearsnachdan mhion-chànain Ceilteach
agus Albais.

Tha dà mhìos aig seinneadairean agus sgrìobhadairean-òrain airson na
foirmean-iarrtais a chuir a-steach gu Nòs Ùr - a' chiad cho-fharpais
stèidhte ann an Inbhir Nis mar pàirt de cheithir fharpaisean
dheireannaich anns an Roinn-Eòrpa.

Tha 'Nòs Ùr' an dùil air òrain a chuir a-steach sa Ghàidhlig, Albais,
Ulaidh Albais, Gàidhlig Èireannach, Gàidhlig Mhanainneach, Cuimreach,
Còrnach agus Breaton. Thèid an neach-buannachaidh troimhe gu farpais
dheireannach Liet Lavlut Eòrpach ann an Lulea, An t-Suain san
Dàmhair an ath bhliadhna.

'S e an fharpais an aon den seòrsa sa Roinn-Eòrpa, leis an aon
chumadh ris a' 'European Song Contest', le seinneadairean agus
còmhlain-ciùil seasamh airson dùthaich, no airson mhion-chànain san
fharpais seo.

Tha an fharpais ag amas cuir air adhart iomadachd chultarach agus
ciùil gu luchd-èisdeachd farsaing eadar-nàiseanta, le bhith
cnuasachadh ùidh bho sheinneadairean à coimhearsnachdan mhìon-
chànanach.

Tha Brian Ò hEadhra, neach-ciùil agus neach-eagrachaidh airson
tachartasan, a' stiùireadh a' phròiseict airson goEvents. Tha e an
dòchas gun tog an fharpais mothachadh a measg sgrìobhadairean mhion-
chànanach. Thuirt e: "Tha sinn ag iarraidh air luchd-gnìomhachais
tuigse gu bheil ùidh mhòr gu ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta anns
ar cànain agus ar cultair, an dà chuid traidiseanta agus co-
aimsireach.

"Tha sinn cuideachd an dòchas barrachd dhaoine òga a thàladh gu'n
tachartais rè bùthan-obrach sgrìobhaidh-òrain agus gum bi ginealach
ùr de sgrìobhadairean òrain Ghàidhlig agus Albais air am brosnachadh."

Thathar a' moladh gum bi an fharpais dheireannach Eòrpach ann an
Inbhir Nis fhèin ann an 2010, fhad 's a bhios an fharpais roinneil
Eòrpach ann an àite eile den Taobh Siar an Roinn-Eòrpa mar Eirinn no
A' Chuimrigh.

Bidh Nòs Ùr ann an Cùirt an Aodainn, 21 An t-Og-mhios 2008, aig an
aon àm sa bhios co-labhairt Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean,
air mion-chànain - "Voices of the West", le neach-naidheachd Lesley
Riddoch agus Derrick McClure bho Oilthigh Obar Dheathain.

Bidh cuirm aig Comhairle na Gaidhealtachd aig Talla a' Bhaile, Inbhir
Nis, 20mh n t-Òg-mhios airson daoine a bhios an sàs ann an Nòs Ùr.

Tha an làrach-lìn www.nos-ur.eu làn fiosrachaidh air Nòs Ùr agus
gheibhear foirmean- iarrtais an seo, no faodaidh sibh fios a chuir gu
Brian Ò hEadhra air 01463 241 622. 'S e 14 Màirt and latha mu
dheireadh airson iarrtais.

Airson barrachd fiosrachaidh, bheir fios gu Brian Ò hEadhra air 01463
241622, info@anamcommunications.com, no dha Iain Hamilton air 01463
244463, Iain.Hamilton@hient.co.uk.

Deireadh

Fiosrachadh do na meadhanan:

Brian Ò hEadhra:

01463 241 622

info@anamcommunications.com

no,

Mairi Gillies

01463 244 235

Mairi.Gillies@hient.co.uk


Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Unread post by faoileag »

Bha mi dìreach air èisteach ri seo, agus faoididh sibh bhòtadh airson deich mionaidean fhathast. 8-)
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Unread post by faoileag »

Bhuannaich còmhlan Cuimreach agus bana-sheinneadair Bhreatannach.

Cha robh iad dona idir.

Yr Annioddefol - Song: Drysu (Confusion). Language: Welsh

Gwennyn - Song: Bugale Belfast (Children of Belfast). Language: Breton

Barrachd fiosrachaidh agus na briathran de na h-òrain an seo:

http://www.nos-ur.eu/2008artistes.htm

Agus èist a-rithist an seo:

http://www.nos-ur.eu/gaelic/index.html

Tha sin a' ciallachadh, gu mì-fhòrtanach, nach bi òran Gàidhlig sam bith anns an fharpais dheireannach Liet Lavlut Eòrpach ann an Lulea , An t-Suain san Dàmhair am bhliadhnasa.

:gulach:
Post Reply