Leasachadh rèile Inbhir Nis gu Dùn Èideann

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Leasachadh rèile Inbhir Nis gu Dùn Èideann

Unread post by Seonaidh »

Dè mu dheidhinn seo, bhon Bheeb:-

Leasachadh rèile Inbhir Nis gu Dùn Èideann

Mairidh an obair ceithir bliadhnaichean

Dhearbh riaghaltas na h-Alba an-diugh gun tèid còrr is £50m a chosg ann a bhith a' leasachadh an loidhne rèile eadar Inbhir Nis agus Dùn Èideann.
Dh'fhoillsich am prìomh mhinistear an naidheachd fhad 's a bha a' chabinet aige a' coinneachadh ann an Inbhir Nis son a' chiad uair.

Leis a h-uile leasachadh a thèid a dhèanamh air an loidhne eadar siostaman signail, agus luibean ùra, tha dùil gun tèid còrr is leth uair a thìde a ghearradh far na h-ùine a bheireas an trèana siubhal eadar Inbhir Nis agus Dùn Èideann.

Bidh sin a' ciallachadh nach toir e ach dà uair a thìde agus tri chairteil eadar an dà bhaile.

Leasachadh rathaid

Tha dùil gum mair an obair seo ceithir bliadhna.

Thuirt Mgr Salmond gu bheil an Riaghaltas cuideachd a' dol a chosg tòrr a bharrachd airgid air rathad an A9 agus thèid prìomhachas a thoirt do bhith a' cur ris an rathad dà-fhìllte aig a' Chrubainn Mhòir far an robh fìor dhroch thubaist bho chionn colla-deug.

A bharrachd air sàbhailteachd, tha e mar dhleasdanas air an Riaghaltas thuirt Mgr Salmond, gum bi goireasan siubhail cho math 's a ghabhas anns a' cheann a tuath son barrachd luchd-turais a thàladh dhan sgìre agus brosnachadh a thoirt dhan eaconomaidh.

- am bi seo a' bualadh air a' Gàidhlig?


Post Reply