Aon mhionaid Ghàidhlig

Deasbaid air cùrsaichean chànain amsaa. / Anything about language courses etc.
*Alasdair*
Posts: 507
Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
Language Level: Gu math siubhalachd
Corrections: I'm fine either way
Location: Alba
Contact:

Aon mhionaid Ghàidhlig

Unread post by *Alasdair* »

Aon Mhionaid Ghàidhlig

'S e cùrsa ùr a th' ann an seo - airson fìor luchd-ionnsachaidh. An-dràst tha faidhleachan fuaim ann ach bidh goireasan eile ann.

Tha na cùrsaichean air an làraich-lìn seo anabarrach math agus 's e làraich-lìn ùraichte a th' ann.

One Minute Gaelic - new course for beginners. Just sound files just now but other resources will come.
It's a great website and it has just been done up.
Last edited by *Alasdair* on Wed May 13, 2009 11:52 am, edited 1 time in total.


User avatar
~Sìle~
Posts: 120
Joined: Mon Oct 27, 2008 5:45 pm
Language Level: Intermediate
Corrections: Please correct my grammar
Location: Inbhir Pheofharain

Unread post by ~Sìle~ »

iTunes now has the "One Minute Gaelic" podcast. So far, there are only three episodes, so its back to basics. :priob:
*Alasdair*
Posts: 507
Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
Language Level: Gu math siubhalachd
Corrections: I'm fine either way
Location: Alba
Contact:

Unread post by *Alasdair* »

Tha Gòrdan Wells ag obair airson Sabhal Mòr Ostaig air an t-Eilean Sgitheanach, ach tha esan a'fuireach ri thaobh an tràigh air Beinn na Fadhla. Tha esan air a bhith an sàs ann an teagaisg Gàidhlig do dh'oileanaich air feadh an t-saoghail airson beagan bliadhnachan a-nis. Aig aon àm bhiodh daoine à Astràlia, An Danmhairg agus na Stàitean Aonaichte air an coinneachadh gach Dihaoine air a' fòn - nuair a bha esan anns a sheòmar-cadail! Anns an t-sreath "Aon Mionaid Gàidhlig" tha Gòrdan a' gabhail riochd de Domhnall. Nuair a tha ùine shaor aige tha Gòrdan a' cluich anns a' chòmhlan ùr Gàidhlig Bi beò. Gheibh thu barrachd fiosrachadh air Gòrdan air a bhlog.

Gordon Wells works for Sabhal Mòr Ostaig, on the Isle of Skye, but he actually lives beside the beach on the Isle of Benbecula. He’s been involved in teaching Gaelic to students around the world for several years. At one stage he would have students from Australia, Denmark and America all meeting on a Friday morning over the telephone in his bedroom! Gordon takes on the role of Dòmhnall in our One Minute Gaelic series. In his spare time he plays in the new Gaelic rock band Bi Beò. Find out more about Gordon at his blog..
Last edited by *Alasdair* on Mon May 11, 2009 11:41 pm, edited 1 time in total.
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

¿Qué? Beinn na Faoghla no Berneray? Tha mi eòlach air, ach chan eil fios agam air far a bheil e a' fuireach (uill, 's ann ann an Uibhist, ach dh'fhaodadh sin a bhith nan Eirisgeigh fhad 's a tha fios agam.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Tha e a' fuireach ann am Beinn na Faoghla :D
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
*Alasdair*
Posts: 507
Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
Language Level: Gu math siubhalachd
Corrections: I'm fine either way
Location: Alba
Contact:

Unread post by *Alasdair* »

Duilich, tha mi eòlach air am facal ceart ach bha mi a' leughadh mu dheidhinn Eilean Bearnaraigh aig an àm agus sgrìobh mi sìos e... :naire: Tha mi air stuth mar siud a dhèanamh glè thric!
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Is dòcha gu bheil thu ag obair cus! :lol:

Dh'fhàs do chuid Gàidhlig anabarrach math :D
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

*Alasdair* wrote:Duilich, tha mi eòlach air am facal ceart ach bha mi a' leughadh mu dheidhinn Eilean Bearnaraigh aig an àm agus sgrìobh mi sìos e... :naire: Tha mi air stuth mar siud a dhèanamh glè thric!
Tha mi eòlach air an fhacal cheart...

Eilean Bhearnaraigh

Nàire

Bidh mi a' dèanamh a leithid seo gu tric is gu ro thric!

(dòigh ghnàth-fhaclach a chuir mi air - tha mi an dòchas!

Tha fios agam Alastair gum bheil na deuchainnean a' ruith aig SMO an-dràsta, gura math a thèid leat! 'S cinnteach gun dèan thu gu math is gu ro mhath!
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
*Alasdair*
Posts: 507
Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
Language Level: Gu math siubhalachd
Corrections: I'm fine either way
Location: Alba
Contact:

Unread post by *Alasdair* »

Tapadh leibh a Ghun Chleoc agus An Gobaire.
Tha mi fhathast ag obair air facail "f" leis an alt... tha iad rud beag doirbh aig amannan.

Aon cheist? Càit' an do sgrìobh mi "Nàire"?
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Rud eile: nach canar aon mhionaid?
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
*Alasdair*
Posts: 507
Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
Language Level: Gu math siubhalachd
Corrections: I'm fine either way
Location: Alba
Contact:

Unread post by *Alasdair* »

GunChleoc wrote:Rud eile: nach canar aon mhionaid?
Bha mi a'smaoineachadh siud... ach cha robh Faclair TYG anabarrach cuideachail.

Ach 's e "Aon Mhionaid Ghàidhlig" a th'ann.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

Aon Mhionaid Ghàidhlig
Chuirinn fhìn Gàidhlig na h-aon mionaide air.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
horogheallaidh
Maor
Posts: 207
Joined: Mon Nov 03, 2008 7:49 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: An t-Eilean Dubh

Unread post by horogheallaidh »

nach e'

aon mionaid
da mhionaid
tri mionaidean

a th'ann?
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Chan e. Tha "aon" a' tagairt sèimheachadh far an urrainn dha - ach le D is T. Aon bhalach, aon taigh, aon mhionaid.
Post Reply