Am fear a thuirt gur e 'charade' a tha anns a' Ghàidhlig
-
- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:

Seon Caimbeul coir san Albannach. Saoilidh mi gur e aiste annabarach cudromach a tha seo, bu chòir sinn uile a bhith ga leughadh:
'SE sàmhchair 's chan e ùpraid a tha Aonghais Phàdraig Caimbeul a' cluinntinn an dèidh dha cantainn gur e "charade eagallach a tha anns a' Ghàidhlig".
Feumaidh gun d'thug daoine an aire ris na briathran aige. Tha e aithnichte mar bhàrd, mar ùghdar, mar chleasaiche agus mar chraoladair, agus tha rud a bharrachd aige nach eil aig mòran ann an saoghal beag na Gàidhlig a tha acrach air cliù.
Tha e ainmeil ann an saoghal na Beurla far a bheil na trì litrichean APC a' ciallachadh rudeigin nas drùidheile Gaidhealach na tha BnG no SMO.
Car son nach eil e faighinn co-dhiù sgiùrsadh no moladh air son na thuirt e? Chan e 's nach eil e furasta conaltradh leis...'
agus pios eile a thuirt APC dha:
'Se an rud a dh'fheumas tachairt an rud nach tachair – gach quango a tha sin agus gach institiud a tha 'nan cois a bhriseadh agus an t-ionmhas, an cumhachd, agus gach goireas agus eòlas a th' aca a sgaoileadh a-mach dha na bailtean an lùib nan daoine cumanta, gus an cuireadh sinn ar cùl ris an fhacal 'leasachadh' agus ar n-aghaidh ri ladarnas.'
Tuilleadh an seo:
http://news.scotsman.com/gaelic/Am-fear ... 5557079.jp
Worth reading Seon's article about recent statements by APC. If you don't understand anything come back to the grammar section with it for help.

Last edited by Gràisg on Sun Aug 16, 2009 12:35 am, edited 1 time in total.
Tha APC a bruidhuinn, ceart gu leor.
De chaninnsa ? Gog gog mhor - ugh bheag !
Se saoghal beag aig a bheil an "Tobair na Chuimhne Gaidhlig" agus gu math cugallach aig an aon am.
Mar sin, cha bith ach saoghal beag gaidhlig aig APC mura bheil e faiceallach - Soaghal coileanta - ach gun teagamh gu math beag, nan seasadh e.
Cha mair an canan gun tarraing a steach an "gaidheal ur" agus gun taic faighainn bhon cuid eile aig nach eil gaidhlig.
Agus gu mi-fhortanach cha d'aithneach APC an iomadach luchd ionnsachadh a tha aig obair cho cruaidh air thaobh na cannan.
Se crathadh mor a tighinn air an canan agus sann ann an bailtean mhor far a bheil an mor cuid nan gaidheil a fuirich an duigh - chan ann anns an duthcha.
Se Cultar Ur Gaidhlig a tha tighinn, ann an aite na Cultar Gaidhlig tradiseanta, tha mi smaointinn.
Urrachadh - nach eil sin rud math ?

- Posts: 16
- Joined: Wed Oct 15, 2008 4:53 pm
Beachdan inntinneach aig APC gun teagamh agus ged a tha mi ag aontachadh le na atharraichean a tha e a moladh 's e amaideas a tha e a bruidhinn nuair a chanas e gu bheil saoghal na Gaidhlig air a ruith a-rèir modalan Beurla. Tha na modalan seo rin lorg ann an iomadh ceàrnaidh den t-saoghal gun diofar a bheil Beurla aca no am b'àbhaist dhaibh a bhith fo smachd luchd na Beurla. 'S e modalan 'socialist' no 'statist' a th'annta leis an cumachd glèidhte, centralised agus air a sgoileadh eadar quangos a tha fo rian an stàite."Ged a fhuair mi freagairtean bho dhaoine taiceil, cha chuala mi facal bho na buidhnean oifigeil idir, bhon fheadhainn a tha faighinn deagh thuarastal agus inbhe ás a' Ghàidhlig. Rinn mi soilleir, anns a' Phaipeir Bheag Sgitheanach agus anns An Gàidheal Ùr nuair a bha sin a' dol, nach eil e ach nàireach, tàmailteach mar a tha saoghal na Gàidhlig ga ruith a rèir modalan Beurla.
Colonialachas? Cha chanain gu bheil mi min-eòlach air na sean riaghaltasan a bha'n ri lorg a measg impireachdan na Roinn Eòrpa ach tha mi glè chinnteach nach robh oidhirp no airgead air a thoirt seachad airson cànain agus cultaran na cinnidhean tùsanach a neartachadh. Agus 'feallsanachd bhreugach Thatcher'? Abair fhèin nonsense. Tha fhios agam gu bheil e duilich do socialists agus leftists càil sam bith a chàineadh gun Thatcher a chleachdadh mar leisgeul airson cho dona sa tha cùisean - gu dearbha fhèin tha mi a gabhail beagan iongadh nach deach an coire chuir oirre fhathast airson am 'Fall of Man' bho gàrradh Eden - ach 's e Quangos de'n leithid a tha ruith saoghal na Gaidhlig agus iomadh pàirt eile de ar beatha anns an Rìoghachd Aonaichte aon de na 'hallmarks' de riaghaltas socialist, Làborach agus tha glè bheag aige ri dheanamh ri feallsanachd Thatcher; free markets, less state interference, personal responsibility, greater individual liberty etc etc."Tha na Gaidhil phrofeiseanta air colonialachas agus feallsanachd bhreugach Thatcher a shlugadh sìos gu ìre 's nach eil annta ach creutairean le deise 's tàidh orra a' frithealadh nan quangos agus an aon dol a-mach aca 's a bhiodh aig oifigearan na h-ìmpireachd ann an Afraga."
Ach co-dhìu, a bharrachd air a sin tha na beachdan aige air de bu chòir tachairt leis an airgead a tha ri fhaighinn ann an saoghal na Gàidhlig ciallach gu leòr.
Se cultar ur a tigeadh air a ghaidhlig air sgaths gu bheil an mor cuid na Gaidheil a fuirich ann an bailtean mhor an duigh.Gordon wrote:De "Cultur Ur Gaidhlig" a th'ann?
Chan eil eolas aig chlann air an cultur na duthcha - buan na moine, taighean ceilidh, neo eile.
Mar sin chan eil feum no cail ann aca son abairtean no gnathasan cainnte ceangailte leis an sean doighean tadiseanta dutchail.
feumaidh iad abairtean ur - a reir an doigh beatha aca.
Sin mar a tha e aig gach canan beothail - ag atharrachadh gu brath.
Sann ann an pios a chaidh foillseachadh ann an WHFP aig an toiseach a thuirt APC gur e canan air leth a bha e airson a gleidhadh.
Sann an an "tobair na chuimhne" a tha e airson a fuirich.
-
- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
Nam bheachdsa 's math gu bheil APC ag adhbharachadh deasbaid, tha cruaidh fheum air ann an saoghal na Gàidhlig.
Eich a charaid, tha mise làidir den bheachd gur e air an rathad gu h-ifrinn a tha sinn. An dà chuid san roinn shòisealta agus an roinn àrainneachd. Carson a bu choir don Ghàidhlig a bhith san aon handcart ris a’ mhòr chultair?
Tha na traidiseanan beurla a’ dol as an uinneig agus air feadh an t-saoghal tha cultaran agus canain aig uchd bàis. Tha rudeigin anabarrach cunnartach a’ tighinn nan àite. ‘S e sin saoghal gun spiorid, saoghal gun dathan, saoghal gun anam, saoghal far am biodh fiù ‘s na rionnagan sna speuran gan dubhadh às.
Siarach,
Tha sin beò ann an cruinne-cè a chruthaich a’ Mhairead bheannaichte. Dh’atharraich ise a h-uile càil agus chum an sàr sgoilear aice Blair a’ dol leis a h-uile càil a bha sin. Cha do bhàsaich na quangoes ge-tà. Chuir nad chuimhne an abairt a bh’aice, ‘Bonfire of the Quangoes’, uill tha iad fhathast ann. Tha amharas agam gu bheil APC ceart, chan urrainn dhut cànain a chumail a dhol le quangoes a-mhàin, mur a bheil a’ choimhearsnachd air an aon ràmh cha bhi cuisean ag obair mar bu chòir. Ach an dèanadh 'Bonfire of the Gaelic quangoes' a' chùis'?

Gràisg wrote:Nam bheachdsa 's math gu bheil APC ag adhbharachadh deasbaid, tha cruaidh fheum air ann an saoghal na Gàidhlig.
Eich a charaid, tha mise làidir den bheachd gur e air an rathad gu h-ifrinn a tha sinn. An dà chuid san roinn shòisealta agus an roinn àrainneachd. Carson a bu choir don Ghàidhlig a bhith san aon handcart ris a’ mhòr chultair?
Tha na traidiseanan beurla a’ dol as an uinneig agus air feadh an t-saoghal tha cultaran agus canain aig uchd bàis. Tha rudeigin anabarrach cunnartach a’ tighinn nan àite. ‘S e sin saoghal gun spiorid, saoghal gun dathan, saoghal gun anam, saoghal far am biodh fiù ‘s na rionnagan sna speuran gan dubhadh às.
Sann air an rathad gu h-ifrinn a tha mi - alright.
Chan eil aite sam bith son mise neo thusa anns an t saoghal APC (gu h araid a bheil thu a cleachdadh abairtain beurla mar "rathad gu h-ifrinn"), air sgaths nach eil gaidhlig ceart againn agus a reir APC - nach bith riamh.
Agus mar sin, cha fasas an t saoghal APC !
Nuair a tha sibhse a choimhead air ais - cumaidh mi suil air an faire agus cumaidh mi dol air adhart.
Mar a chanas iad ann an sean gaidhlig - rudan anns do dhan, chan faigh thu seachad air.
-
- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
Beachd inntinneach le 'Iain Mac' air an t-albannach. An t-sreath ud le Seon a-mach air APC.
'Tha APC ceart gu ire ach tha gu ire mhor airson a shanasachadh fhein. The an t-ego aige miannach air aire.'