Page 10 of 76
Posted: Tue Nov 06, 2007 3:27 pm
by Tearlach61
Aimsir ann an Juneau: Geamhradail!
Nuair a dh'fhàg sinn Juneau airson dhol a dh'Alba aig toiseach an Damhair, tha 'Geamhradh' mu leth-shìos nan slèibhtean nam beann, mu 2000 troigh os chionn a' bhaile. Nuair a thill sinn, dhà sheachdainn air ais bha e 1000 troigh os chionn a' bhaile. An deireadh sheachdainn sa chaidh, cha mhòr nach robh an geamhradh gu ruige bàrr nan taighean. Uill, an-dè, fhuair sinn 6 oirlich shneachda agus tha e geamhradail sa bhaile fhèin. Bheirinn dealbh deth dhuibh ach tha e fhathast dorch.
Weather in Juneau: wintry.
When we left Juneau to go to Scotland in the beginning of October, winter was about half way down the slopes of the mountains, about 2000 feet above the city. When we came back, it was about 1000 feet above the city. Over last weekend, it seemed like it was at the tops of the houses. Well, about 6 inches fell yesterday and it looks pretty wintry around here. I'd offer a photo but it's still dark outside.
Chuck
Posted: Tue Nov 06, 2007 8:06 pm
by iolair
Cha toil leam sneachd idir.
Nuair a bha mi nas oige, chan eil e cho dona.
Ach san latha an-diugh chan eil mi toilichte ma tha e fuair agus fliuch.
Tha an t-uisge ann an-diugh an-seo.
I don't like snow at all.
When I was younger it wasn't so bad.
But these days I'm not happy when it is cold and wet.
It's raining here today.
Posted: Wed Nov 07, 2007 7:47 am
by Rù-ra
Tha mi a’ fuireach ri taobh a’ Chuain Mòr. Chan fhaigh sinn sneachd an seo. Bidh Sruth a' Chamuis gar cumail ro bhlàth airson sneachd. Bidh sneachd gu leòr air mullach na beanntan fad a’ gheamhraidh ged-tà. Ach cha bhi sneachd idir anns a’ bhaile bheag.
I live beside the Atlantic Ocean. We don't get snow here. The Gulf Stream keeps us too warm for snow. However, there will be plenty of snow on the top of the hills throughout the winter. But there will be no snow at all in the village.
Tha i stoirmeil an diugh.
It's stormy today.
Posted: Wed Nov 07, 2007 10:58 am
by Fear Gallta
Bhiodh sneachda trom againn 3 no 4 uairean 'sa bhliadhna nuair a bha mi òg. Ach 's gann gum faicear sneachda a-nis far a bheil mi-fhin. Tha mi a' dèanamh dheth gur e sin buaidh blàthachadh na Cruinne oirnn
We would have heavy snow 3 or 4 times a year when i was young, but snow is seldom seen now where i am. I reckon that's the effect of global warming on us.
'S e fluich is ciùin a tha na Geamhraidhean an-seo a-nis
The winters are wet & mild here now.
Posted: Wed Nov 07, 2007 3:27 pm
by Tearlach61
"...Tha mi a’ fuireach ri taobh a’ Chuain Mòr...."
Ma tha 'cuan' san tuiseil ghineatach, a' ciallachadh air a sheimhreachadh 's air a chaolachadh, nach tèid a bhuadhar atharrachadh san aon dhòigh? A' Ciallachadh ' a' Chuain Mhòir "?
If 'cuan' is in the genitive case, i.e. lenited and slenderized, wouldn't it's adjective also change in the same way? Just a question.
B' fheàrr leam geamhraidhean a tha geamhradail. Bha na geamhraidhean ann an Kodiak geamhradail gu leòr airson a'cuir dragh ort gun a bhith faighinn spòrs às. Cha robh cothrom ann airson a bhith sgitheadh neo dad mar seo.
I perfer wintry winters. The winters in Kodiak were wintry enough to be a nuisance but not wintry enough to have any fun. There wasn't enough snow to ski or anything like that.
Chuck
Posted: Thu Nov 08, 2007 10:39 am
by GunChleoc
Tearlach61 wrote:nach tèid a bhuadhar atharrachadh san aon dhòigh? A' Ciallachadh ' a' Chuain Mhòir "?
Thèid.
Càite an robh thu anns a' Phortagail, a Mhiguel?
Where were you in Portugal, Miguel?
Cha robh mi anns a' Phortagail os cionn fada. Dh'fhuirich mi ann an Coimbra airson bliadhna.
I haven't been to Portugal in a long time. I lived in Coimbra for a year.
Posted: Thu Nov 08, 2007 10:15 pm
by *Alasdair*
A-las! Bha i garbh sa' mhadainn ann an Dolair! Bha i glè ghaothach agus fliuch cuideachd! A-nis tha i deàrsach...
Haha! It was stormy in the morning in Dollar. It was very windy and wet too. Now it is clear...
Tha i glè fhliuch ann an Sasainn an-diugh! Tha Lunnainn air "Flood Watch" :S Tha "Thames Barriers" duinte a-nochd...
It is very wet in England today! London is on Flood Watch. The Thames Barriers are shut tonight.
Posted: Fri Nov 09, 2007 7:41 am
by GunChleoc
Tha mi an dòchas gum bi an t-sìde nas fhèarr dhuibh a dh'aithghearr. An-seo, tha i grianach an-dràsda.
I hope the weather will be better for you soon. Over here, it's sunny right now.
Posted: Fri Nov 09, 2007 7:35 pm
by Anna-Ealasaid
Tha e uabhasach fuar an-seo an-diugh! Caran fluich cuideachd!!
Posted: Fri Nov 09, 2007 7:51 pm
by neoni
Anna-Ealasaid wrote:Tha e uabhasach fuar an-seo an-diugh! Caran fluich cuideachd!!
chan eil, tha mi duilich.
Posted: Fri Nov 09, 2007 8:13 pm
by Anna-Ealasaid
Tha mi cinnteach!!
Tha e fuar agus bha mi bog fluich nuair chaidh mi a-muigh!
Ach tha sin direach an t-sìde an seo nach eil!!
Posted: Fri Nov 09, 2007 8:15 pm
by neoni
cha deach thu a-mach an-diugh idir, ach dà mhionaid gu AO

Posted: Fri Nov 09, 2007 8:27 pm
by Anna-Ealasaid
Chaidh mi a-muigh dha mionaidean air ais airson a dol dhan block c! Chur mi mo stù anns an inneal-nigheadaireachd!! Agus bha an t-uisge ann!!!
Posted: Fri Nov 09, 2007 8:31 pm
by neoni
tha thu a' suidhe direach an seo agus tha thu tioram.
na creid i, a h-uile duine!
Posted: Fri Nov 09, 2007 8:40 pm
by Anna-Ealasaid
Tha mi a suidhe an seo an-drasd ach cha robh mi idir!! Tha mi an dòchas gum bidh e nas fheàrr anns a mhadainn! Bu toil leam a dol a-mach as an seo ach cha bi mi ma bhios e cho fluich ris a bha e an-diugh.
Bha mi cho fluich ri iasg nuair an deach mi air ais as bloc c!