Page 10 of 26
Posted: Thu Sep 24, 2009 7:55 am
by GunChleoc
1) prìomh-shràid
2) fuaimreagan ghoirid an àite fuaimreagan fada
Posted: Thu Sep 24, 2009 7:05 pm
by Thrissel
GunChleoc wrote:2) fuaimreagan ghoirid an àite fuaimreagan fada
Agus beum air a' chiad lide, seach air an dàrna tè?
Posted: Thu Sep 24, 2009 10:04 pm
by Níall Beag
Prìomh rathad, 's docha, ach ma 's math mo chuimhne, cha b' urrain dhuit "cluster" SR sheimheachadh.
Posted: Fri Sep 25, 2009 12:33 pm
by akerbeltz
A, deagh phuingean
Ok, tha an rud leis na stràcan furasta:
prìomh agus
s(h)ràid.
Nist, seo ciste òir...
Nuair a sgrìobhas a' Ghàidhlig dà fhacal còmhla gun bheàrn, cuiridh seo an céill gun do ghluais am beum dhan chiad lide agus gun deach an dàrna lide a dhì bheumadh. Chì thu sin cuideachd ann an iomadh facal mar:
Camshron (/'kamarən/ is chan ann /'kaum 'hrɔːn/),
banntrach (/bauNdrəx/ is chan ann /bauN trɛu.əx/) is mar sin sìos.
Ma sgrìobhas sinn
Prìomhshraid còmhla mar sin, gheibheamaid /'prʲiəvrədʲ/ is chan ann /'prʲiəv 'raːdʲ/.
Tha an tàthan (san sgrìobhadh tradaiseanta) a' cur an céill gu bheil am beum air gluasad. Ach le
prìomh, cha ghluais am beum gu math tric. Mar a th' againn an-seo 's chan eil feum air an tàthan mar sin. Uel, cha chuala mise am facal seo fhathast le beum air a' chiad lide a-mhàin co-dhiù. Dìth rannsachaidh...
Agus am badan
sr. Tha seo fìor inntinneach. Tha fhios gu bheil
sr agus
str ann agus gu bheil an aon fhuaimneachadh /str/ aig an dà. Ge-tà, tha iad 'gan giùlan air dòigh eadar-dhealaichte. Gu goirid - chan urrainn dhut str a shèimheachadh ach thig sèimheachadh air sr:
mo shròn vs cha do streap
mo shràid vs dà stràbh
mo shrath vs mo strì
Is mar sin sìos. Tha e fìor chudromach mar sin gun cumar an dà litreachadh mar bu chòir ach gu mì fhortanach, chan eil GOC air seo thuigsinn 's thionndaidh iad rathad nan dìsnean sa chùis seo. Seo riaghailt làimhe dhuibh: ma tha coltas facail Ghàidhealaich air, 's e
sr a gheibhear mar is trice. Ma tha coltas facail ghallda air, 's e
str a gheibhear mar is trice.

Posted: Mon Oct 12, 2009 12:27 am
by Stìophan
Cha bhi mise a' fuaimneachadh /sr/ mar /str/ idir, tha sin ann an dìreach cuid dhual-chainntean.

Posted: Mon Oct 12, 2009 1:52 am
by akerbeltz
Uel, fìor... ma tha thu ag amas air dual-chainnt a tha deas air loidhne eadar Mùideart, is Blàr Athaill (le Muile deas air an loidhne agus Colla agus Tiriodh tuath air).
Agus seo dhuibh dealbh ùr, fear snog teth às an Òban:
Abair dubh-Ghàidhlig air an fhear seo, faodaidh tu coimhead air mar droch eadar-theangachadh no mar eadar-theangachadh le ciall car eadar-dhealaichte. Beachdan?
Posted: Mon Oct 12, 2009 7:24 am
by GunChleoc
'S dòcha gur e facal-suaicheantais a th' ann....
e-d math ann no às, nach eil cromagan a dhìth air?
An cleachdar litrichen mòra anns na tiotalan sa Ghàidhlig? Air a h-uile dòigh, saoilidh mi gum bu chor do t- a bhith na litir bheag.
Posted: Mon Oct 12, 2009 10:40 am
by akerbeltz
Cromagan? Càit?
Posted: Mon Oct 12, 2009 10:54 am
by GunChleoc
'S e liosta a th' ann, nach e?
An t-Oban, An Cogadh agus an Sìth
Posted: Mon Oct 12, 2009 11:00 am
by Stìophan
GunChleoc wrote:'S dòcha gur e facal-suaicheantais a th' ann....
e-d math ann no às, nach eil cromagan a dhìth air?
An cleachdar litrichen mòra anns na tiotalan sa Ghàidhlig? Air a h-uile dòigh, saoilidh mi gum bu chor do t- a bhith na litir bheag.
Tha mi ag aontachadh ribh le sin, chanainn-sa gum bu chòir dha a bhith mar seo:
An t-Òban, An Cogadh 's An Sìth
Posted: Mon Oct 12, 2009 1:32 pm
by akerbeltz
Chan e, nam b' e liosta mar sin a bhiodh ann, dh'fheumadh tu
An t-Òban, an Cogadh 's an t-Sìth a chur ann. Tha sìth boireann.
Ach bha GunChleoc ceart a thaobh nan litrichean beaga. So, gu ruige seo chaidh atharrachadh gu
An t - Òban an cogadh ‘s an ślth
(no)
An t - Òban an Cogadh ‘s an Ślth
Feuchaibh ris a-rithist

Posted: Mon Oct 12, 2009 7:10 pm
by Thrissel
Leughainnsa sin mar "Oban in War and in Peace"... ach carson a tha na h-àiteachan bàna air gach taobh na sgrìoba-cheangail? Agus an t-sràc gheur os cionn an S an àite sràc mhall os cionn an i?
An t-Òban an Cogadh 's an Sìth, sgrìobhainn fhèin.
Posted: Mon Oct 12, 2009 9:09 pm
by Stìophan
akerbeltz wrote:Chan e, nam b' e liosta mar sin a bhiodh ann, dh'fheumadh tu
An t-Òban, an Cogadh 's an t-Sìth a chur ann. Tha sìth boireann.
Ach bha GunChleoc ceart a thaobh nan litrichean beaga. So, gu ruige seo chaidh atharrachadh gu
An t - Òban an cogadh ‘s an ślth
(no)
An t - Òban an Cogadh ‘s an Ślth
Feuchaibh ris a-rithist

Doh! Tha thu ceart, dhìochuimhnich mi gu bheil
sìth boireann

Posted: Mon Oct 12, 2009 9:45 pm
by faoileag
Thrissel wrote:Leughainnsa sin mar "Oban in War and in Peace"... ach carson a tha na h-àiteachan bàna air gach taobh na sgrìoba-cheangail? Agus an t-sràc gheur os cionn an S an àite sràc mhall os cionn an i?
An t-Òban an Cogadh 's an Sìth, sgrìobhainn fhèin.
Leugh mise e mar sin cuideachd.
Ach 's e ainmearan eas-cruthach (abstract nouns) a th ' annta, agus mar sin bhiodh e na b' àbhaistich an t-alt a chleachdadh.
An t-Òban sa Choghadh 's san t-Sìth.
(Or written out fully if there was room, or it was meant to be formal.)
Posted: Mon Oct 12, 2009 10:20 pm
by Seonaidh
Càit' a bheil an taigh-tasgaidh?
"Taigh-Tasgaidh Cogadh is Sìth an Òbain"?