Page 2 of 2

Posted: Sat Nov 21, 2009 6:55 am
by GunChleoc
Uill tha Oilthigh Hamburg anns a' Ghearmailt is cha chreid mi nach eil Gearmailtis aig duine no dhà an-seo :P

Posted: Sat Nov 21, 2009 3:32 pm
by Seonaidh
Uill, 's dòcha gur ann ceart a tha thu an sin, a Ghunch! Nuair a bha mise ann an Hamburg (Dùn na Hama?) o chionn 's dòcha 15 bliadhna a' feuchainn ri trèana gu Amsterdam, dh;fheuch mi faighneachd airson ticeid aig an stèisean sa Ghearmailtis agus dh'fhuair mi freagairt sa Bheurla. 'S dòcha gum b' fheudar dhomh Seann Ghàidhlig fheuchainn...

Posted: Mon Nov 23, 2009 8:06 am
by GunChleoc
Seonaidh wrote:Hamburg (Dùn na Hama?)
Dùn an Ùird (Hammerburg)
Seonaidh wrote:dh;fheuch mi faighneachd airson ticeid aig an stèisean sa Ghearmailtis agus dh'fhuair mi freagairt sa Bheurla.
Is toil le feadhainn an-seo an cuid Beurla a chleachdadh. Chan eil e furasta ma thigeas tu an-seo greis do chuid Gearmailtis a leasachadh ma gheibheas an luchd seo greim ort :lol: