Page 2 of 2
Re: Naidheachdan Guthan nan Eilean
Posted: Mon Jul 05, 2010 3:32 am
by AlasdairBochd
Tha thu ceart Fhaoileig. Tha iad cuideachail gu dearbh agus bidh mi a' coimhead orra a h-uile latha. Chan eil cothrom eile ann an Astràilia idir.
Taing a Ghordain.
Re: Naidheachdan Guthan nan Eilean
Posted: Mon Jul 05, 2010 9:50 am
by Gordon Wells
'S e do bheatha, Alasdair. 'S mi tha toilichte a bhith cluinntinn gu bheil iad feumail...
Re: Naidheachdan Guthan nan Eilean
Posted: Wed Jul 21, 2010 9:08 am
by Gordon Wells
Artagail Gàidhlig san Albannach mu dheidhin GnanE am measg rudan eile. Cha do chuir iad air loidhne e, ach gheibhear thuige tron cheangal seo:
http://gordonwellsuist.wordpress.com/20 ... nd-ipadio/
Re: Naidheachdan Guthan nan Eilean
Posted: Wed Jul 21, 2010 5:23 pm
by GunChleoc
'S ann math a rinn thu!

Re: Naidheachdan Guthan nan Eilean
Posted: Wed Sep 22, 2010 9:34 am
by Gordon Wells
Tormod MacGill-Eain a-rithist:
http://guthan.wordpress.com/2010/09/21/media-matters/
Agus fiosrachadh a bharrachd air na cuspairean mu dheireadh ann an Sreath 2.
Re: Naidheachdan Guthan nan Eilean
Posted: Mon Oct 04, 2010 4:21 pm
by GunChleoc
Mòran taing! 'S e duine gu math èibhinn an th' ann

Re: Naidheachdan Guthan nan Eilean
Posted: Mon Dec 20, 2010 5:22 pm
by Gordon Wells
An sreath mu dheireadh deiseil:
http://guthan.wordpress.com/2010/12/20/ ... se-online/
150 filmichean againn air loidhne a-nis (50:50 Gàidhlig is Beurla) - an fheadhainn mu dheireadh aig ìre beagan nas àirde 's dòcha.
Feuchaidh sinn rudeigin ùr sa bhliadhn' ùr...
Re: Naidheachdan Guthan nan Eilean
Posted: Sat Jan 22, 2011 10:19 pm
by GunChleoc
Is math a rinn sibh!

Re: Naidheachdan Guthan nan Eilean
Posted: Tue Jan 25, 2011 10:03 am
by Gordon Wells
Mòran taing, GC!
Re: Naidheachdan Guthan nan Eilean
Posted: Tue Jan 25, 2011 3:50 pm
by faoileag
Is e pròiseact gun choimeas a th' anns an iomairt sin, cho fad 's is aithne dhomh co-dhiù, agus air an abdhhar sin bhiodh e uabhasach math nam biodh barrachd daoine a' leughadh agus a' cleachdadh nan goireasan sin.
'S math a rinn Gordon agus an 'sgioba' aige, gun teagamh sam bith, ach bu chòir dhan iomairt saoghal na b 'fharsainge a ruigsinn. Chan e mar thasglann a-mhàin a chaidh e a chruthachadh - bha (agus tha, gu cinnteach) amasan na bu phractaigiche is na b' oideachail air a chùl - thoiribh sùil air na notaichean is duilleagan-obrach sgoinneil a-mhàin.
Bu chòir dhuinne uile ar dìcheall a dhèanamh leis na lìonraidhean a th' againn gus an goireas sin a sgaoileadh cho fad 's a ghabhas.

Re: Naidheachdan Guthan nan Eilean
Posted: Tue Jan 25, 2011 11:16 pm
by Gordon Wells
Taing airson sin, Fhaoileag

. Ach tha thu ceart a bhith toirt iomradh air an 'sgioba' - a h-uile duine sa choimhearsnachd a bha deònach pàirt a ghabhail sa phròiseict.
Agus taing cuideachd dha na daoine a sgrìobh air a' bhlog - cuid dhiubh air an fhòram seo fhèin. Tha mi an dòchas gun cùm sibh oirbh le sin!
'S e a bhiodh math ceangal nas treasa buileach a thogail eadar coimhearsnachdan nan eilean agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air feadh an t-saoghail...
Re: Naidheachdan Guthan nan Eilean
Posted: Thu Nov 24, 2011 2:03 pm
by Gordon Wells
Tha goireas ùr ann a-nist - dhaibhsan a tha ag iarraidh downloads - 150 uile gu lèir...
http://guthan.wordpress.com/2011/11/24/ ... -facility/
Re: Naidheachdan Guthan nan Eilean
Posted: Thu Nov 24, 2011 4:26 pm
by GunChleoc
Mòran taing! Chuir mi ceangal air a' phrìomh dhuilleig san roinn Ceanglaichean -> Leughadh is èisteachd.