Page 2 of 2

Re: Soraidh slàn le 'Am Baile' ?

Posted: Sat Mar 27, 2010 12:50 pm
by An Gobaire
DH'fhaodadh daoine obrachadh còmhla gus "copy and paste" a dhèanamh air an làraich uile gu lèir mus dùin e! 'S an uairsin am fiosrachadh a chur air blogaichean!

Re: Soraidh slàn le 'Am Baile' ?

Posted: Sat Mar 27, 2010 5:27 pm
by GunChleoc
A bheil naidheachd sam bith ann ma tha iad airson an làrach a dhùnadh dha-rìribh?

Re: Soraidh slàn le 'Am Baile' ?

Posted: Sun Mar 28, 2010 12:11 pm
by Gràisg
Tha dà phìos fiosrachaidh a dhith oirnn.
Ma bhios iad airson cuidhteas fhaighinn den làrach, dè an clàr-ama aig Comhairle na Gàidhealtachd?
A bheil beachd no iomairt sam bith aig na h-ùghdarrasan Gàidhlig gus cùisean a dh’fhuasgladh ?

Re: Soraidh slàn le 'Am Baile' ?

Posted: Sat Apr 17, 2010 11:41 pm
by ArtMacCarmaig
A Ghràisg: Chan eil ach moladh ann an-dràsta a' cur às dhan làrach-lìn a tha seo. Ma bhios seo a' ciallachadh nach bi e comasach do Chomhairle na Gàidhealtachd pàirt den Phlana Gàidhlig aca a chur an gnìomh bidh am Bòrd a' bruidhinn riutha le cinnt. Ach chan eil iad air co-dhùnadh a ruiginn agus cha bhi gu faisg air deireadh na bliadhna.

Re: Soraidh slàn le 'Am Baile' ?

Posted: Sun Apr 18, 2010 8:46 am
by GunChleoc
Tapadh leat airson an fhiosrachaidh seo