Page 2 of 2

Re: "Gaelic student shortfall"

Posted: Tue Nov 02, 2010 7:00 pm
by faoileag
Cò mheud a th' ann a ruigheas fileantas (ge-be dè an seorsa) tro Ùlpan? Tha àireamh mhòr gu leòr de dh'oileanaich aca, co-dhiù, saoilidh mi.

Re: "Gaelic student shortfall"

Posted: Tue Nov 02, 2010 7:31 pm
by akerbeltz
Cha do ràinig buidheann sam bith ceann thall nan aonadan fhathast, fhad 's fhios dhomh-sa.

Re: "Gaelic student shortfall"

Posted: Tue Nov 02, 2010 8:47 pm
by Seonaidh
OK, day-release le maoineachadh bho BhnG (m.e.) airson an fheadhainn a ghreimeas ann agus an companaidhean/ ughdarrasan ionadail aca amsaa. Chan eil àm gu leòr leis an luchd-obrach, no airgead gu leòr leis an luchd-neo-obrach, mar eile. Cùrsaichean le duais airson fileantachd, 's dòcha.

Agus cothrom. Chan eil mòran cothruim agam airson Gàidhlig a chleachdadh an seo ann am Fìobha, chan eil soidhne Gàidhlig ri fhaighinn san Rìoghachd, chan eil clas ann airson sgoilear sam bith (FMG no FMB). Agus tha rudan coltach a' tachairt air feadh na Galldachd, fiù 's ann an àiteachan anns a' Ghàidhealtachd.

Chan eil taic gu leòr ann. Agus chan eil mentality ann. Mar a thuirt Niall Beag, bidh na Gaidheil ro dheònach a dh'atharrachadh gu Beurla aig drop of a hat.

Ùlpan? TIP? Clasaichean feasgair? Cùrsaichean air astar? Cha bhi puing mura bi cleachdadh. Chan e an dòigh as cudromaiche ach an cothrom.

Re: "Gaelic student shortfall"

Posted: Tue Nov 02, 2010 9:48 pm
by GunChleoc
Níall Beag wrote:
akerbeltz wrote:Ged a tha "dol troimhe" cudromach, 's cudromaich "ruigsinn fileantachd" agus cha cho-ionnan an dà rud. Chan fhaic mise 200 fileantaich ùra gach bliadhna. Ma tha, cà bheil iad?
Anns a' Gearamailt...?

:lol: :lol:

Re: "Gaelic student shortfall"

Posted: Wed Nov 03, 2010 12:11 am
by akerbeltz
Cha bhi puing mura bi cleachdadh. Chan e an dòigh as cudromaiche ach an cothrom.
Tha an ceart agad ana-shin. Gabhaidh pàirt ma-thà san sgeama ùr a tha gu bhith aig Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu - Sgoil na Coimhearsnachd, far am faighear clasaichean ann am peantadh le dathan-uisge, làmh-cheàrdan na Sìne, dannsadh Jazz is rudan mar sin tro mheadhan na Gàidhlig, ma thèid againn 8-)

Re: "Gaelic student shortfall"

Posted: Wed Nov 03, 2010 2:16 pm
by Gordon Wells
Tha teagamh agam am faighear mòran a-mach à numbers game mar seo. Agus ma tha mi a' tuigsinn seo ceart - "This implies that roughly 860 English speakers have to become bilingual every year (based on a Highland population of about 315 000 individuals)" - ma thathas airson plana nàiseanta a chur air dòigh airson Gàidhlig ann an Alba air fad bhiodh na h-àireamhan a' coimhead na bu mhiosa buileach. Ach 's dòcha gun do thuig mi seo ceàrr?

Co-dhiù, mar a tha feadhainn eile air a ràdh mar-thà, ma tha thu airson Gàidhlig a bhruidhinn ri cuidegin eile feumaidh tu cothrom. Agus, a' cuimhneachadh gu bheil dà chànan (aig a' char as lugha) aig Gàidheil an latha an-diugh, chuirinn fhèin na leanas ri sin: tuigse, co-fhaireachdainn, misneachd, foighidinn. Cho sìmplidh - agus cho doirbh - sin.

Re: "Gaelic student shortfall"

Posted: Wed Nov 03, 2010 5:25 pm
by *Alasdair*
Gordon Wells wrote:Tha teagamh agam am faighear mòran a-mach à numbers game mar seo. Agus ma tha mi a' tuigsinn seo ceart - "This implies that roughly 860 English speakers have to become bilingual every year (based on a Highland population of about 315 000 individuals)" - ma thathas airson plana nàiseanta a chur air dòigh airson Gàidhlig ann an Alba air fad bhiodh na h-àireamhan a' coimhead na bu mhiosa buileach. Ach 's dòcha gun do thuig mi seo ceàrr?

Co-dhiù, mar a tha feadhainn eile air a ràdh mar-thà, ma tha thu airson Gàidhlig a bhruidhinn ri cuidegin eile feumaidh tu cothrom. Agus, a' cuimhneachadh gu bheil dà chànan (aig a' char as lugha) aig Gàidheil an latha an-diugh, chuirinn fhèin na leanas ri sin: tuigse, co-fhaireachdainn, misneachd, foighidinn. Cho sìmplidh - agus cho doirbh - sin.
A bheil seo a' ciallachadh gum feum mu 860 daoine fileantachd ruigsinn gach bliadhna a-mach às àireamh-sluaigh na Gàidhealtachd gus Gàidhlig a chumail beò? Mar sin, ma bhios daoine, bho pàirtean eile de dh'Alba, a' ruigsinn fileantachd, nach biodh sin a' cuideachadh? Eil iad dìreach a' coimhead air a' Ghàidhealtachd son figearan fhaighinn?

An e "We need 860 people in the Highlands to become fluent each year." no, an e "We need 860 people alone in the Highlands to keep Gaelic going [with a large number outwith the Highlands as well]."?

Tha mi car troimh-a-chèile an seo.

Re: "Gaelic student shortfall"

Posted: Wed Nov 03, 2010 7:49 pm
by Thrissel
*Alasdair* wrote:An e "We need 860 people in the Highlands to become fluent each year." no, an e "We need 860 people alone in the Highlands to keep Gaelic going [with a large number outwith the Highlands as well]."?
Tha am paragraph às a thàinig an às-aithris aig Gordon a' tòiseachadh:
How might the experiences of language planners intervening to limit the shift from Welsh to English be used to ‘save’ the Gaelic language in the Scottish Highlands?