Page 2 of 2
Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Posted: Fri Mar 15, 2013 11:32 pm
by Thrissel
Uill ma tha an t-ionad-seallaidh agad nach eil ach dusan no 's dòcha fichead cànan Eòrpach ann, chan chuir mi nad aghaidh, ged a bhios mi an còmhnaidh a' dol

nuair a chluinneas mi rudan mar "cha do choinnich mi duine sam bith a" no "tha iad uile ag aithneachadh" innse mu dheidhinn nàiseanan gu lèir. Nam bheachd-sa chan eil crìoch gheur ann eadar cànan is dualchainnt, 's ann gu h-ìre pearsanta an roghainn far a tharraingeas duine an loidhne. 'S àbhaist dhomsa a bhith a' coimhead air an t-Suainis no air a' Phòlannais mar dhearbh chànanan seach mar dhualchainntean na Lochlannais is an t-Slàbhais, ach tha mi ag aideachadh gur ann traidiseanta, "arbitrary" a tha an roinn.
Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Posted: Sun Mar 17, 2013 9:43 am
by Cùl a’ Bhìogais
Sin a tha mi ag radh - tha a mhòr-mhòr cuid de Ghoill ann an Alba ag radh is dhen bheachd gur e Beurla a th'iad a' bruidhinn, chan i cànan eadar-dhealaichte. Tuigidh mi dè tha thu ag radh ge-tà, is g'eil e dìreach a-rèir beachdan pearsanta. Ach dhòmhsa dheth, taigh na galla le Beurla nan Gall

Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Posted: Mon Mar 18, 2013 8:50 am
by GunChleoc
Uill, chan e an aon rud a tha sa Bheurla Gallda is sa Bheurla Albannach. Is dual-chainnt no cànan gu math eadar-dhealaichte a tha san dàrna tè is Beurla gu math faisg air Beurla Shasainn le blasad Albannach a tha san tè eile (is blasad eadar-dhealaichte a rèir cò às an duine a bhruidhneas i). Co-dhiù no co-dheth, gheibh thu measgachadh eadar an dà rud is mar sin chan eil cùisean furasta sgaradh. Tuigidh mi Beurla Albannach cha mhòr gun duilgheadas sam bith, ach cha tuig mi ach an dàrna leth dhe Rab C Nesbitt!
Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Posted: Mon Mar 18, 2013 8:29 pm
by Thrissel
Meal do naidheachd! Chunnaic mi sgeidse Rab C Nesbitt uaireigin, mhair e 's dòcha dà mhionaid, agus cha do thuig mi facal sam bith ach "mate"!

Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Posted: Mon Mar 18, 2013 9:10 pm
by GunChleoc
Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Posted: Mon Mar 18, 2013 9:31 pm
by Thrissel
Mòran taing!
Agus chì mi gun do leasaich mi gu mòr bhon àm mu dheireadh - tha mi ga thuigsinn a-nis... 's dòcha aon fhacal san fhichead... uill, deichead no dhà eile agus bidh mi ann...

Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Posted: Mon Mar 18, 2013 10:06 pm
by GunChleoc
'S e an cleachdadh a nì bòidheach

Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Posted: Sun Mar 31, 2013 8:52 pm
by Níall Beag
Cùl a’ Bhìogais wrote:Sin a tha mi ag radh - tha a mhòr-mhòr cuid de Ghoill ann an Alba ag radh is dhen bheachd gur e Beurla a th'iad a' bruidhinn,
Yes, you're right. Gaelic needs to be redefined as a dialect of English because the vast majority of Scottish people say they speak English.
Do you see my point? Perhaps the vast majority identify themselves with English because they speak English, but that doesn't mean that the minority of the people who speak some form of Scots don't actually... you know... speak Scots, right?
Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Posted: Sun Mar 31, 2013 8:54 pm
by Níall Beag
Consider also this line:
"Well seen ye stay yersel"
Practically everything about it is fundamentally different from the English equivalent.
Re: PC-achas ann an saoghal na Gàidhlig
Posted: Thu May 16, 2013 8:49 pm
by Thrissel
Rinn mi luaidh mu thràth nach creid mi gum biodh ceist sa Ghàidhlig san reifreann feumail, ach ann an aontachadh le Achd Saorsa Fiosrachaidh, tha mi a' cur ceangal gu ath-chuinge a tha ga h-iarraidh an seo:
http://www.scottish.parliament.uk/Getti ... umquestion