Page 2 of 4
Re: Dealbhan-magaidh 's spòrsail Gàidhlig
Posted: Sat Feb 18, 2012 12:11 pm
by GunChleoc
... is cuir ann am bogsa le bomba i

Re: Dealbhan-magaidh 's spòrsail Gàidhlig
Posted: Sun Feb 19, 2012 8:28 am
by AlasdairBochd
Bi faiceallach leis na faclan sin (bomba). A bheil thu cinnteach nach urrainn don CIA Gàidhlig a thuigsinn?
'S coltach gu bheil iad a' leughadh seo a-nis.
Gu fortanach, chuir mi orm m'ad fhoil agus cha bhi iad a' leughadh m'inntinn.

Re: Dealbhan-magaidh 's spòrsail Gàidhlig
Posted: Sun Feb 19, 2012 9:12 am
by GunChleoc
Uill, feuchamaid "stuth-sprèadhaidh". Is dòcha gu bheil duilgheadas aca le faclan fada

Re: Dealbhan-magaidh 's spòrsail Gàidhlig
Posted: Sun Feb 19, 2012 1:35 pm
by akerbeltz
Air aithris le Daibhidh Eyre, saoil?

Re: Dealbhan-magaidh 's spòrsail Gàidhlig
Posted: Sun Feb 19, 2012 4:38 pm
by Thrissel
Re: Dealbhan-magaidh 's spòrsail Gàidhlig
Posted: Sun Feb 19, 2012 5:20 pm
by akerbeltz
Tha an t-iasgach 'na chuspair tiomnaichte do Phàrlamaid nan Eilean Fàrothach, saoilidh mi.
Re: Dealbhan-magaidh 's spòrsail Gàidhlig
Posted: Mon Feb 20, 2012 10:50 pm
by akerbeltz
Beagan fealla-dhà uam-sa an triob seo:
Bha cìobair a-muigh a’ glèidheadh a threud ann an àite iomallach. Gu h-obann, nochd BMW ùr nodha ʼs thàinig e thuige aig astar. Stob fear òg a cheann a-mach air an uinneag ʼs deise Armani, brògran Gucci, speuclairean-grèine Ray Ban agus tàidh YSL air agus mhol e an latha dhan chìobair. Ach an uairsin, dh’fhaighnich e “Nan innsinn dhuibh cò mheud caora th’ agaibh a-seo ʼnur treud, an doireadh sibh tè dhomh?”
Choimhead an cìobair air a threud agus an uairsin air an fhear òg gu ciùin ʼs fhreagair e “Seadh, siuthad ma-tà”.
Leum an yuppie a-mach às a’ chàr, thug e a-mach laptop, rinn e ceangal ris an eadar-lìon leis an fhòn-làimhe aige, fhuair e greim air co-chomharran an àite far an robh an dithis slighe GPS. Bhris e a-steach air saideal NASA an uairsin ʼs rinn e dealbh fìor mhionaideach dhen àite far an robh an treud.
Dh’fhosgail e an dealbh ann am Photoshop an uairsin ʼs chuir e lethbhreac dheth gu ionad grafaigeachd sa Ghearmailt. Mionaid as dèidh sin, fhuair e post-d air an fhòn-làimhe aige le dàta a’ mhion-sgrùdaidh a rinn na Gearmailtich air an dealbh. Chuir e a-steach an dàta ann an Excel spreadsheet a tha co-cheangailte ri stòr-dàta MySQL slighe ODBC leis na ceudan de dh’fhoirmlean toinnte. Greiseag as dèidh sin, fhuair e toradh an àireamhachaidh agus rinn e clò-bhualadh dheth air 150 duilleag làn-dathte air Micro HP Laser Printer. Choimhead e air, thionndaidh e ris a’ chìobair ʼs thuirt e ris “Tha 1586 caor’ agaibh”.
“A shaoghail, tha thu ceart. Siuthad ma-tà, thoir leat aonan dhe na caoraich agam”. Choimhead e air an fhear òg ʼs e a’ taghadh caora agus a chur ann am boot a’ chàr le fiamh-ghàire.
Nuair a thionndaidh am fear òg ri falbh, thuirt an cìobair ris “Saoil, nan innsinn-sa dhut-sa dè dìreach an dreuchd a th’ agad-sa, am faighinn air ais mo chaora?”.
Chnuasaich am fear òg seo mionaid agus dh’aontaich e an uairsin.
“ʼS e consultant a th’ annad”, thuirt an cìobair.
“Murt, ciamar fon ghrèin a dh’fhiosraich sibh seo?”
“Cha robh duilgheadas sam bith ann. Nochd thu seo gun duin’ ag iarraidh ort tighinn, ag iarraidh tuarastal air freagairt a bh’ agam mu thràth, air ceist nach do dh’fhaighnich mi dhìot is gun spùt agad mu mo dhreuchd-sa... nise, nach till thu dhomh mo chù?”
Re: Dealbhan-magaidh 's spòrsail Gàidhlig
Posted: Thu Feb 23, 2012 10:52 am
by poor_mouse
Sgoinneil gu dearbh!
Chuala mi sin san Ruisis, ach saoil mi gu bheil e fada nas éibhinne sa Ghàilig.
Re: Dealbhan-magaidh 's spòrsail Gàidhlig
Posted: Thu Feb 23, 2012 5:02 pm
by akerbeltz
Ò àidh, bha sin dol cuairt ann an iomadh cànan. Tha cuid mhath dhe na rudan san t-sreath seo o dhaoine eile, chan eil mi ach a' cur Gàidhlig orra
Nise, bheil sibh eòlach air ollamh?

Re: Dealbhan-magaidh 's spòrsail Gàidhlig
Posted: Sat Feb 25, 2012 6:43 pm
by akerbeltz
Bha deasbad againn air Facebook uaireigin le Maighread Stiùbhairt air beachdan dhaoine air na Gàidheil 's dè cho realistic 's a tha iad. Tha an dealbh mu dheireadh caran tongue in cheek

Re: Dealbhan-magaidh 's spòrsail Gàidhlig
Posted: Sat Feb 25, 2012 8:55 pm
by GunChleoc
akerbeltz wrote:Tha an dealbh mu dheireadh caran tongue in cheek

Feumaidh gu bheil oir tha a' ghrian ann

Re: Dealbhan-magaidh 's spòrsail Gàidhlig
Posted: Sat Mar 10, 2012 1:17 pm
by akerbeltz
Nach eil sinn uile eòlach air an fhaireachdainn ud...

Re: Dealbhan-magaidh 's spòrsail Gàidhlig
Posted: Thu Mar 22, 2012 7:35 pm
by akerbeltz
Tha sin car coltach ri togalach Sabhar Mòr Ostaig, nach eil?

Re: Dealbhan-magaidh 's spòrsail Gàidhlig
Posted: Sun Mar 25, 2012 12:33 pm
by GunChleoc
Sin mar a tha e!
Re: Dealbhan-magaidh 's spòrsail Gàidhlig
Posted: Tue May 21, 2013 6:40 pm
by akerbeltz
Fear ùr:
