Ìoc, dè tha thusa leughadh

Chan eil bàrdachd furasta, ge be dè an register no 'n cànan. Nise, gu faic mi... litreachadh sgriosail...
Gun tì’ Nollaig Mhòr le sonas,
Tha mi dèanamh dheth gur e
gun ti(g)... a tha seo. Chan fhaigh thu ach
gun 'that' san t-suidheachadh seo
Gu comann gun phràbar;
Seadh,
gun 'as aonais', cha dèanadh dad sam bith eile ciall an-seo, bhiodh
to a group, to the rabble gun chiall sam bith.
On ’s lìonmhor gaisgeach le sàr acf[h]ainn
Thèid gu feachd na tràghad;
Mar shluagh Mhic Chumhail le cruaidh fhiùbhaidh,
Ruaig gun chùn’ air stràcan;
Chan eil seo soilleir ri linn an litreachaidh 's chan ann ri linn
gun, chanainn. Leis gu bheil an seantans roimhe a' tòiseachadh le
Mar..." feumaidh gur e ainmear a tha ann an
Ruaig (nam b' e gnìomhair a tha ann, bhiodh dùil ri riochdaire, m.e.
air stràcan e/i. Leis gur e ainmear a tha ann, feumaidh gu bheil an gun 'na dhèidh a' ciallachadh 'as aonais'.
Ruaig gun chùmhn(adh) air stràcan, chanainn, scatter without sparing the lashes'
Bi’dh Muireardach maide fo bhinn chabar
Gun stad i sa’ Bhràighe.
A-rithist, ri linn syntax, chan fhaod seo a bhith ach 'that' seach 'as aonas'.
Chan eil mi ag ràdh gu bheil seo furasta dhan luchd-ionnsachaidh ach tha a leithid a rud air leth cumanta ann an cànan sam bith. Bhiodh a' Bheurla nas soilleire as aonais long distance binding (i.e.
See this nail? When I nod my head, hit it with a hammer - ann am Beurla tha an dà chiall "ceart", bualadh na tarraige agus bualadh a' chinn ri linn na h-àithne seo) ach coma leis a' Bheurla sin
