Page 2 of 6
Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh
Posted: Sun Apr 14, 2013 3:50 pm
by Lughaidh
Tapadh leat, agus sa phlural (daoine cridheile?) agus sa genitive singular feminine (taigh na mnà cridheile??)??
Cèistean eile: dè man a chanar:
kiwi (am meas) & kiwis
car's horn
to sound the horn (of a car)
?
tapadh leibh!
Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh
Posted: Sun Apr 14, 2013 4:28 pm
by JLBeale
Tapadh leat, agus sa phlural (daoine cridheile?) agus sa genitive singular feminine (taigh na mnà cridheile??)??
Bhon brath mu dheireadh Fhaoileig:
According to strict grammar-book rules:
-a in plural only on one-syllable adjectives.
Lenition of adjectives in plural only after nouns with slender last syllable.
No other changes in plural adjectives (even if genitive).
Mar sin chan eil '-e' ann:
daoine cridheil / taigh na mnà cridheil
Cèistean eile: dè man a chanar:
kiwi (am meas) & kiwis
car's horn
to sound the horn (of a car)
?
tapadh leibh!
Chan eil mi cinnteach ach 's dòcha rudeigin coltach ri:
- an kiwi / na kiwi = the kiwi / the kiwis
- Bha dùdach càir a' dol = A car's horn was blowing.
- Bha dùdach a' chàir a' dol = The car's horn was blowing.
- Cha seinn an dùdach aig a' chàr. = The car won't blow its horn.
....
Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh
Posted: Sun Apr 14, 2013 4:37 pm
by Lughaidh
tapadh leat.
Dè man a chanar "the driver is blowing his horn / is beeping" ?
Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh
Posted: Sun Apr 14, 2013 8:36 pm
by faoileag
Lughaidh wrote:Tapadh leat airson "never" sa tràth làthaireach.
Ma dheidhinn nam buadhairean, tha fhios agam sin ma thà
Carson a chuir thu a' cheist mar sin?
Dè man a chlaonar na buadhairean a chrìochnaicheas le -eil/-ail?
- genitive feminine
- nominative plural
- genitive plural
Bha mi a' cuir cèiste ma dheidhinn nam faclan a chrìochnaicheas le -
eil agus -
ail 
(cridheil amsaa)
Fhreagair mi a' cheist sin anns a' cho-theacsa a thug thu, agus chuir mi ùine mhath seachad air.
@ Akerbeltz: sgrìobh mi "'According to strict grammar-book rules:"

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh
Posted: Mon Apr 15, 2013 3:20 am
by Lughaidh
Carson a chuir thu a' cheist mar sin?
chuir mi cèist ma dheidhinn nam buadhairean le -eil agus thugadh freagairt dhomh ma dheidhinn a' bhuadhair "mòr"...
Agus bu chaomh leam bhith cinnteach ma dheidhinn declension le -eil, oir tha fhios agam gum bi 2 dhòigh, air uairibh, seann dòigh agus dòigh nuadh leis an genitive (na caileige / na caileig... ; circa bàine / circe bhàin...), mar sin cha robh mi cinnteach gur h-e riaghailt universal a thug thu dhomh... (agus cho math leis sin, tha Gàidhlig na h-Èireann agam agus bha e neònach agam gun lide eile a chuir ann an deireadh 'n bhuadhair sa phlural: canar "croíúil > croíúla" ann an Èirinn, gu h-àraid ma chuirear fear sa chomparative!)
Gabh mo leisgeul ma shaoileas tu gun do chaill thu ùine gham fhreagairt

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh
Posted: Mon Apr 15, 2013 12:19 pm
by akerbeltz
Ma tha am buadhair nas fhaide na lide, cha nochd -e san iolra idir ach bidh -e san tuiseal ghinideach fhathast ma tha thu leantainn na seann dòigh, m.e.
duine cridheil > daoine cridheil
caileag chridheil > caileagan cridheil ach ad na caileige cridheil
Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh
Posted: Tue Apr 16, 2013 2:38 pm
by Lughaidh
Ceart gu leòr, tapadh leat

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh
Posted: Tue Apr 16, 2013 4:02 pm
by faoileag
Lughaidh wrote:Carson a chuir thu a' cheist mar sin?
chuir mi cèist ma dheidhinn nam buadhairean le -eil agus
thugadh freagairt dhomh ma dheidhinn a' bhuadhair "mòr"...
Fhreagair mi do cheist, le riaghailtean (aon lide, barrachd air aon lide etc) agus fiù 's le eisimpleir 'chridheil'.
Ach coma co-dhiù.

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh
Posted: Wed Apr 17, 2013 4:09 pm
by Lughaidh
Tha mi duilich.
Co-dhiù, bha cèist eile agam nach d'fhuair freagairt:
Dè man a chanar "the driver is blowing his horn / is beeping" ?
tapadh leibh
Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh
Posted: Wed Apr 17, 2013 10:47 pm
by Seonaidh
A Leòdhais - dè tha thu a' ciallachadh? "Dè man a chanar..." Rudeigin mar "Plemañ" 's dòcha? Sin e, "Dè an àite anns an canar..." no, gu simplidh, "Càit' an canar..." Nas fèàrr, 's dòcha, "Cuin a chanar..." Co-dhiù, "The driver is blowing his horn | is beeping": ma thèid seo a sgrìobhadh sa Bheurla mar seo, 's e rudeigin a tha a' tachairt an-dràsta fhèin. Nuair a chanas "The driver blows his horn | beeps" mar as àbhaist chan eil e a' tachairt an-dràsta idir - 's dòcha rudeigin mar "To get the attention of the gatekeeper, the driver beeps". An seo, bhiodh Gàidhlig a' cleachdadh an trath teachdail.
"I'll go to town on Tuesday" - "Bidh mi a' dol dhan bhaile Dimàirt"
"I'm going to town on Tuesday" - "Bidh mi a' dol..."
"I go to town on Tuesdays" - "Thèid mi dhan bhaile Dimàirt"
"I'm going to town" - Tha mi a' dol dhan bhaile" (m.e. ma tha cuideigin ag ràdh, "Dè tha thu a' dèanamh?")
Tha mi 'n dòchas gu bheil seo ceart.
Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh
Posted: Wed Apr 17, 2013 11:20 pm
by faoileag
A Sheonaidh,
Tha mi à smaoineachdh gur e 'Ciamar' a tha e a' ciallachadh, sin 'Dè mar' san dualchainnt Leòdhaiseach.
A Lughaidh,
Nach fheuch thu ri sin a thogal thu fhèin, às na pàirtean a thug JL Beale dhut gu h-àrd? (14 den Ghiblean)
Chan e faclairean beò a th'' annainn - feumaidh sinne feuchainn ri an leithid fhaighinn a-mach cuideachd.
Ma mholas tu rudeigin, 's urrainn do dhaoine eile obair air cuideachd.
Tip:
Seall ann am Faclair Bheag fo 'blow' agus lorg eisimpleir le ' horn'.
Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh
Posted: Thu Apr 18, 2013 1:49 pm
by Lughaidh
A Leòdhais - dè tha thu a' ciallachadh? "Dè man a chanar..."
Dè man = ciamar, ann an dualchainnt Leòdhais -- sin an dualchainnt bu chaomh leam-sa a bhruidhinn.
Co-dhiù, "The driver is blowing his horn | is beeping": ma thèid seo a sgrìobhadh sa Bheurla mar seo, 's e rudeigin a tha a' tachairt an-dràsta fhèin. Nuair a chanas "The driver blows his horn | beeps" mar as àbhaist chan eil e a' tachairt an-dràsta idir - 's dòcha rudeigin mar "To get the attention of the gatekeeper, the driver beeps". An seo, bhiodh Gàidhlig a' cleachdadh an trath teachdail.
ok, tha mi a' tuigs. Co-dhiù, is coma, oir 's e an verb a tha de dhìth orm, mar sin is coma dè dealbh an verb anns an t-seantans, chì mi dè'n verb a tha ann
Nach fheuch thu ri sin a thogal thu fhèin, às na pàirtean a thug JL Beale dhut gu h-àrd? (14 den Ghiblean)
is urrainn leis an t-seantans sin bhith eadar-dhealaichte o na thug JL Beale: verb eadar-dhealaichte neo rudeigin...
Chan e faclairean beò a th'' annainn - feumaidh sinne feuchainn ri an leithid fhaighinn a-mach cuideachd.

tha fhios agam nach e faclairean sibh, ach nuair nach fhaigh mi na faclan ann am faclair sam bith (tha tòrr fhaclan agam ge-tà!), dè man a b'urrainn dhomh a dhèanamh? Chan eil Gàidheal sam bith na chomhnaidh annasheo

chan eil fhios agam cò air an cuirinn mo chèistean
Seall ann am Faclair Bheag fo 'blow' agus lorg eisimpleir le ' horn'.
a, tapadh leat... an uair sin rannsaich mi nam fhaclairean pàipeir agus cha d'fhuair mi càil

Air an àbhaist rannsaichidh mi ann an gach uile faclair ach an uair seo cha do rinn mi e, chan eil fhios agam càrson
Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh
Posted: Thu Apr 18, 2013 7:27 pm
by JLBeale
Ma dh'fhaoidte:
Tha an draibhear a' dèanamh toirm mhath leis clagadh na dùdaiche.
...
Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh
Posted: Fri Apr 19, 2013 3:49 am
by Lughaidh
Tapadh leat

Re: Roinnt fhaclan ri 'n eadar-theangachadh
Posted: Fri Apr 19, 2013 2:51 pm
by akerbeltz
Tha draibhear a' chàr a' seinn/seirm na dùdaich
leis clagadh na dùdaiche.
>
le clagadh na dùdaich(e) (you had two definite articles in there) but
clagadh is more like a dingling sound that a bell makes so unless you have a very odd car horn, I'd not use that word but there's all sorts of cars
