Page 2 of 2

Re: Sùil air a' mhearachd 2014

Posted: Tue Oct 14, 2014 8:05 pm
by Seonaidh
Cumaibh a' dol - tha tè eile ann.

Re: Sùil air a' mhearachd 2014

Posted: Wed Oct 15, 2014 12:08 am
by faoileag
Ar Cànan 's ar Ceòl.

Re: Sùil air a' mhearachd 2014

Posted: Wed Oct 15, 2014 12:10 am
by faoileag
ann an teagasg

Re: Sùil air a' mhearachd 2014

Posted: Wed Oct 22, 2014 12:29 pm
by GunChleoc
akerbeltz wrote:Tha na h-asgairean cearr, tha aca seach ' no
Cha chreid mi nach eil an aon duilgheadas air cnag na cùise 's a tha an "I" mòr - cha d' fhuair an neach a rinn seo trèanadh air mar a dhèiligeas tu ri stuth a chuireas Word gu "ceart" 's chan eil seo furasta.
faoileag wrote:Ar Cànan 's ar Ceòl.
Mur eil mi cearr, chan e ach dual-chainnt a tha seo. Canaidh cuid:

an cànan (fireann)

's cuid eile:

a' chànain (boireann)

Re: Sùil air a' mhearachd 2014

Posted: Wed Oct 22, 2014 10:48 pm
by Seonaidh
Uill 's ann a tha na h-asgairean ceàrr - sin mearachd, ach mearachd bheag co-dhiù.

Chan eil mi eòlach air "cànain" mar ainmeach. "Cainnt" aidh. Mar sin, tha "ar cànain" ceàrr. No, ma bhios e ceart, tha "ar ceòl" ceàrr ("ar ciùil" ma bhios an dà chuid sa ghinideach).

"ann an teagasg" - glè mhath.

Re: Sùil air a' mhearachd 2014

Posted: Sun Oct 26, 2014 10:44 pm
by akerbeltz
Comadaidh òir le SMO... badan dhiubh ann... chan eil fhios a'm dè chanadh Iain còir...

Image

Re: Sùil air a' mhearachd 2014

Posted: Sun Oct 26, 2014 11:48 pm
by faoileag
Òraid-chuimhneachaidh Sir Iain...

a' toirt (beàrn)

air a toirt seachad = after its giving = past. Future : something with gu or ri, or ga?

le Dotair?

Diardaoin (gun 'air')

(Chan eil mi cinnteach/eòlach mu ainm an talla.)

às dèidh

(fìon dhan luchd-labhairt Ghàidhlig: music and refreshments dhan luchd-labhairt Bheurla.. ;-) )

Re: Sùil air a' mhearachd 2014

Posted: Mon Oct 27, 2014 12:08 am
by akerbeltz
Glè mhath, cha mhòr gach aon dhiubh agad...
air a toirt seachad = after its giving = past. Future : something with gu or ri, or ga?
Seadh, cha mhòr cinnteach gun deach seo a sgrìobhadh sa Bheurla an toiseach, bhiodh 'gu bhith' no 'ga' fada nas fhearr
le Dotair?
tha leis an Dotair cgl ann
Diardaoin (gun 'air')
Dìreach
às dèidh
Seadh
(fìon dhan luchd-labhairt Ghàidhlig: music and refreshments dhan luchd-labhairt Bheurla.. ;-) )
:-D cha do mhothaich mi ri sin

Seo an aon rud a dh'fhairtlich ort:
MacIllinnein > MacIllInnein (ge b' fhearr MacGilleFhinnein) air neo bhiodh am beum air macILLinnein ach 's e macgillFHINNein am pàtran