Tha mi air tòrr de na programman Ghàidhlig a choimhead seachad na mìosan samhraidh. Tha tòrr anabarrach fhèin math, ach air deireadh na spectrum eile tha tòrr ann a tha uabhasach, mar Tìr nan Òg
A-raoir choimhead mi Cleas Feasgair: Na Faileasan. Bha e anabarrach math, fiu 's gun robh Tony Kearney ann

Agus a-nochd choimhead mi trì programman - Breab, Sgriob gu Deas agus Diomhair (ceithir actually, An La cuideachd). Tha mi air Casa nam Moireasdanach a choimhead air Diciadain cuideachd - abair program sgoinneil a tha suid!
Tha "Soillse" math agus 's e program math a th'ann an "A reir na h-Aimsir". Tha na "one offs" a tha a' Bheeb a' dèanamh math cuideachd - mar "An t-Hiortach".
Tha e duilich a chreids' gu bheil BBC Alba gu bhith aon bhliadhna a dh'aois ann an ceann dà sheachdain! Cait' an deach a' bhliadhna?