Page 2 of 2

Posted: Fri Sep 04, 2009 2:35 am
by *Alasdair*
Tha mi air tòrr de na programman Ghàidhlig a choimhead seachad na mìosan samhraidh. Tha tòrr anabarrach fhèin math, ach air deireadh na spectrum eile tha tòrr ann a tha uabhasach, mar Tìr nan Òg :mc:

A-raoir choimhead mi Cleas Feasgair: Na Faileasan. Bha e anabarrach math, fiu 's gun robh Tony Kearney ann :lol: Agus a-nochd choimhead mi trì programman - Breab, Sgriob gu Deas agus Diomhair (ceithir actually, An La cuideachd). Tha mi air Casa nam Moireasdanach a choimhead air Diciadain cuideachd - abair program sgoinneil a tha suid!

Tha "Soillse" math agus 's e program math a th'ann an "A reir na h-Aimsir". Tha na "one offs" a tha a' Bheeb a' dèanamh math cuideachd - mar "An t-Hiortach".

Tha e duilich a chreids' gu bheil BBC Alba gu bhith aon bhliadhna a dh'aois ann an ceann dà sheachdain! Cait' an deach a' bhliadhna?

Posted: Mon Sep 07, 2009 8:21 pm
by Thrissel
*Alasdair* wrote:Tha e duilich a chreids' gu bheil BBC Alba gu bhith aon bhliadhna a dh'aois ann an ceann dà sheachdain! Cait' an deach a' bhliadhna?
Seadh gu dearbh. Tha mi a' faireachdainn mar a bhiodh e a' bhòn-dè a thadhail mi air an làrach-lìn aice a' chiad uair, a dh'fhaigh a-mach dè ris a tha i coltach.

Gu neònach, ge-tà, tha mi a' faireachdainn aig an aon àm mar a bhiodh i na bliadhnaichean ann...