Page 2 of 2

Posted: Sat Dec 06, 2008 11:27 pm
by neoni
seann phàipear naidheachd le fìor deagh ghàidhlig sa bheil "'se sin an t-àite...". dean find air.

cuideachd:
mark's gaelic verbs, p.169 A.6.

is e sin mo thaigh
is e an tighearna mo bhuachaille
is i an oidhche an oidhche
is e mo charaid caraid na cruaidhe


tha torr eiseimpleirean an sin


http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/ionns ... CG/06.html
QUESTION FORMS ANSWER FORMS
Dé tha seo? Is e seo cù.
Dé tha sin? Is e sin cat.

Posted: Sun Dec 07, 2008 4:04 pm
by An Gobaire
Seadh. Agus, chan eil e ceàrr a bhith ag ràdh seo:

Is prògram Èireannach Aifric.

Tha seo nas fhaisge air a' Ghàidhlig Èireannach fhèin, ach 's ann a gheibheadh tu sin ann an Gàidhlig Earra-Ghàidheil.


Faic seo cuideachd.

Steafan is ainm dhomh.

Posted: Sun Dec 07, 2008 6:10 pm
by horogheallaidh
[quote="neoni"]ach bidh sinn uile ag ràdh "'s e neoni an t-ainm a th' orm", nach bi?

ach tha 'tha' ann ge ta - 'a th'orm'

it is neoni the name that is on me

Posted: Sun Dec 07, 2008 6:15 pm
by horogheallaidh
neoni wrote:seann phàipear naidheachd le fìor deagh ghàidhlig sa bheil "'se sin an t-àite...". dean find air.

cuideachd:
mark's gaelic verbs, p.169 A.6.

is e sin mo thaigh
is e an tighearna mo bhuachaille
is i an oidhche an oidhche
is e mo charaid caraid na cruaidhe


tha torr eiseimpleirean an sin


http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/ionns ... CG/06.html
QUESTION FORMS ANSWER FORMS
Dé tha seo? Is e seo cù.
Dé tha sin? Is e sin cat.
tha seo ceart gu leor cuideachd agus s docha gu bheil thu fhein ceart le se aifirc program eirinneach ach cha channainsa sin co dhiu agus s docha nach eil e air a chleachdach gu tric ach i will concede on this issue! ;)

Posted: Sun Dec 14, 2008 12:07 pm
by Àdhamh Ó Broin
Bha mi a' feuchainn ri seo a chur ceart 'son a chlas agam. ma tha thu a' smaoineachadh mun 's e agus 's ann gu sònraichte mar 'fronting' mar a tha e 'sa Bheurla, 's e smuain fada nas fhasa a thuigsinn....

....'sa Bheurla, tha e coltach ri 'tis ______'....

tha an cleachdadh seo 'formal' no 'antiquated' anns a' Bheurla, no ri fhaicinn ann am bardachd, ach 'sa canan Albannach, tha e glè chumanta ann an còmradh abaisteach....