Page 2 of 2
Posted: Sat Jan 17, 2009 11:36 pm
by akerbeltz
Chan eil an t-uabhas dhiubh ann ach ma tha thusa toilichte leis, tha mise toilichte leis a sin

Posted: Sun Jan 18, 2009 10:28 am
by Àdhamh Ó Broin
math dha-riribh a charaid!
Bidh cuine agad ceart gu leòr gu robh mi aig an taigh agad a' gearran mun dè cho gann a bha fiosrachadh air Gàidhlig Gallaibh!
Bha mi air a bhith toiseachadh a' dol tron leabhar gu lèir, facal air fhacal airson rudan gallabhach!!!
Ach rinn thusa 's do charaid an gnothach air mo shonsa!!!
Sgoinneil.
No.... am bu choir dhomh ràdh....
suaint math!

Posted: Sun Jan 18, 2009 4:37 pm
by Each
Aidh, S fiach a th'anngu teagamh.
Ach, S troigh nach do chuir iad an dealbhan Dwelly ann cuideachd. Gu h-araid nuair a tha an tecsa gan iomradh.
Posted: Sun Jan 18, 2009 5:09 pm
by akerbeltz
Eich, tha dùil againn na dealbhan a chur ann uaireigin ach bha mìle rud ri dhèanamh 's cha dug sinn prìomhachas dha na dealbhan - bidh lethbhreac de Dwelly aig móran - 's tha e ri fhaighinn sna leabharlannan.
Tha an t-uamhas dhiubh ann... nam biodh cuideigin deònach an sganadh a-steach agus na dealbhan a chur thugainn, chuireamaid ann iad!
Ma tha cuideigin deònach sin a dhèanamh eadar dà sgeul, an cuir sibh brath thugam an toiseach ach am bruidhinn sinn air resolution is ainmean is rudan mar sin?
Posted: Mon Feb 02, 2009 10:51 am
by Gràisg
Dè Gàidhlig air 'BUMP'?

Posted: Mon Feb 02, 2009 12:33 pm
by akerbeltz
LOL meal do naidheachd. Fhuair mi litir bhon BP agam fhéin ach gu mì fhortanach, chan urra dhi a h-ainm a chur ris bhon a tha i 'na ministear
