Page 11 of 26
Posted: Tue Oct 13, 2009 12:41 am
by akerbeltz
Ok, tha a h-uile mearachd air a spotaigeadh a-nis, saoilidh mi.
* T - Òban > t-Òban (gun 2 bheàrn agus le t- beag)
* Ślth > Sìth (i an àite L agus stràc air an ì seach an s)
* ' > ' (tha a' chromag chearr aca)
Ma thionndaidheas sinn taobh eadar-theangachaidh fharsaing, bhiodh rudan mar An t-Òban sa Chogadh 's san t-Sìth no An t-Òban (ann) an Coghadh 's (ann) an Sìth ceart gu leòr - mas e sin a' chiall a bha fa-near dhaibh. 'S e sin, ma tha rudan ann a tha a' coimhead air an Òban anns a' chogadh 's san t-sìth.
Ach mur eil, dh'fheumaid rudeigin mar a mhol Seonaidh, Taigh-tasgaidh Cogadh & Sìth an Òbain. 'S e sin taigh-tasgaidh a tha a' coimhead air cogadh is sìth san fharsaingeachd a thachras a bhith san Òban.
Saoilidh mi gun deach Gàidhlig a chur air a' Bheurla le cuideigin le beagan Gàidhlig is Faclair mar seo:
Oban........War ..........&...Peace.....Museum
v...............v................v....v............v
An t-Òban An Cogadh 's an Sìth u-o, chan eil àite air fhàgail...
Posted: Mon Oct 19, 2009 8:00 pm
by akerbeltz
Ok, seo dhuibh fear simplidh ach éibhinn:

Posted: Mon Oct 19, 2009 8:12 pm
by Thrissel
Ohmigod

.
Posted: Mon Oct 19, 2009 10:37 pm
by Seonaidh
"Laigse Beurla" -'s e an aon mhearachd a th' ann an seo...
"Deas Beurla" 's dòcha...
Nam biodhte a' ciallachadh "Left Gaelic", dè mu "Dh'fhàgadh Gàidhlig"? Leis a' bhuadhair, "Gàidhlig Chlì". Agus nan tigeadh am buadhair air beulaibh an ainmeir, "Clì Ghàidhlig". Nam b' ann na buadhair a bhiodh "Gàidhlig", gheibheamaid "Clì Ghàidhlig" cuideachd.
Uill, tha stràc air chall air an A agus tha H air chall eadar G is A.
"Clee Garlic" - lus blasta à Ceàrnaidhean Meadhanach an Iar Shasainn
Posted: Tue Oct 20, 2009 9:10 am
by akerbeltz
Uel, chan fhaigheadh tu clì (an làimh chearr) air beulaibh ainmeir ro thric agus chan e sin a tha fa-near dhaibh idir ach clì "neart, treuntas".
Ach feumaidh mi aideachadh, on is e ainmear boireann a th' ann an "clì" carson nach eil sèimheachadh ann. Saoilidh mi gu bheil ceangal ann ris an t-seann ainm,
C(omann) L(uchd-)I(onnsachaidh) (Gàidhlig) a thionndaidh 'na "CLI" agus an uairsin CLI Gàidhlig agus an uairsin CLÌ Gàidhlig agus dhìomhchuimhnich cuideigin gu bheil Comann fireann ach Clì boireann...
Ok, seo dhuibh fear ùr (caran mór, duilich, ach chan fhaictear an sgrìobhadh nan cuirinn ann fear beag) ... le oit is ochan oit...
Cha mhór dusan rud nach eil ceart.
Posted: Tue Oct 20, 2009 6:37 pm
by GunChleoc
Seo cùisean beaga an litreachaidh:
uisge-beatha
seann mhac
,_lìonta
sònraichte
s'an Eilean
,_Slèite
Chan eil mi a' tuigsinn Ban Boitheach
Posted: Tue Oct 20, 2009 9:37 pm
by Seonaidh
Nach e Eilean Iarmain a tha seo?
"12 bliadhna" - "dà dheug" => "12 bhliadhna"
Bracha? De mu dheidhinn "braiche" ("[of] malt")
"Sean Mhac na Braiche": an e ainm a tha seo "Sean, son of the malt"? No "old son of the malt" (Seann Mhac ...)?
Iionta !!!!!
Chan eil ` air "praban" (shebeen)
"ltd" - dè seo?
"s'an" - "san" no "anns an"
"riamhach nam Ban Boitheach" - 's dòcha "riamh nam Bean Bòidheach"
(Bonny Lassies series?)
Posted: Tue Oct 20, 2009 10:20 pm
by akerbeltz
LOL ok, gu faic sinn...
"12 bliadhna" - "dà dheug" => "12 bhliadhna"
Ceart
Bracha/Braiche
'S e
bracha an tuiseal ginideach a-réir nam faclairean uile. 'S matheid gu bheil
braiche ann cuideachd an-diugh ach air a' char as lugha, bu chòir dhan dearbh thuiseal a bhith gu h-àrd ann an
Uisge-beatha Bracha/Braiche agus gu h-ìseal ann an
Seann Mac na Bracha/Braiche. A bharrachd air sin, tha
Mac na Bracha ceart gu leòr, single malt (an coimeas ri
uisge-beatha pòsta = blend)
Iionta > lìonta
Ceart a-rithist.
Chan eil ` air "praban" (shebeen)
Tha sin cearr aig Dwelly, tha
pràban ceart.
ltd = Limited (chan eil inbhe laghail aig Earr(anta), ged a tha aig an fhacal Chuimris)
Eilean Dhiarmaid
Uel, tha cuid a' cumail a-mach gu bheil ceangail ann gu Diarmaid, seach Eilean Iarmain. Ge-tà, on a tha iad a' cleachdadh
Eilean Iarmain anns a h-uile àite eile tha seo car neònach. Cuideigin a leugh cus Wikipedia?
sonraichte, s'an, Sleite > sònraichte, san, Slèite
Seadh.
's dòcha "riamh nam Bean Bòidheach"
Aidh, uel,
nam ban bòidheach (tha
bean neo-riaghailteach), ainm air an Eilean Sgitheanach a gheibhear ann am bàrdachd.
Agus stràc eadar
uisge-beatha!
28 faclan agus dusan mearachd, aoibh

Posted: Wed Oct 28, 2009 4:57 pm
by akerbeltz
Ok, fear gu math goirid ach feumaidh mi aideachadh gu bheil mi tro chéile fhathast a thaobh ciall na soidhne...
Tha seo os cionn taigh-bìdh ann an Glaschu.
Posted: Wed Oct 28, 2009 11:08 pm
by AlasdairBochd
Càl Bruich -
Boiled Cabbage ?

Posted: Thu Oct 29, 2009 6:24 am
by GunChleoc
Posted: Thu Oct 29, 2009 2:46 pm
by Thrissel
Càil bhruaich - cooking of appetite? *shrug*
Posted: Thu Oct 29, 2009 2:58 pm
by akerbeltz
bruich = cook(ed)
bruach, gin. bruach = bank of a river
Beachdan eile?
Posted: Thu Oct 29, 2009 8:15 pm
by Seonaidh
cithir aibhne - bruach, g bruaich[e], tha mi a' creidsinn.
'S toil leam "boiled cabbage"! (càl bruach)
'S dòcha gum biodh "Borshch" nas fheàrr...(???boirt)
A bheil e ag ràdh "Buntàta Pronn" cuideachd?
Posted: Sun Nov 01, 2009 9:13 am
by akerbeltz
Ceart ma-tà...
Tha roghnadh is taghadh againn an triob seo (a' fàgail gu taobh brua(i)ch "taobh na h-aibhne" oir chan ann taobh na h-aibhne a tha e).
Tha bruich soilleir gu leòr ach 's e am facal cail nach eil soilleir. An e:
1 càl (brassica)
2 càil (1 rudeigin 2 càileachd 3 ionndrainn)
3 call (beud)
1: mas e càl bruich a bha fa-near dhaibh, 's e mearachd sgrìobhaidh a th' ann; mas e an t-iolra a bha fa-near dhaibh, 's e mearachd gràmair a th' ann (> càil bhruich)
2 mas e càil bruich a bha fa-near dhaibh, 's e mearachd gràmair a th' ann (> càil bhruich)
3 uel, bhiodh sin ro neònach...
Tha duilleag á pàipear naidheachd san uinneag a tha ag ràdh gur e "appetite for food" a bha fa-near dhaibh ach chan obraich seo. Mas e ainmear a th' ann am bruich an-seo, 's e "desire of/for boiling" a bhiodh ann. Mas e buadhair a th' ann, uel, tha sèimheachadh a dhìth agus 's e "boiled desire" a bhiodh agad. Gu mì fhortanach dhaibh-san, chan eil bruich a' ciallachadh "boiled FOOD"....
<osna> eadar-theangachadh eile on fhaclair le cuideigin gun Ghàidhlig.