Ceistean: TYG
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
Mòran taing!
Tha mi a' smaoineachadh gu bheil mi air mòran aig a' chuspair seo a thuigsinn, ach chan eil mi cinnteach cia tà.
(I think that I've understand the most part of the topic).
Tha mi dòchasach co-dhiù!
Tha mi a' smaoineachadh gu bheil mi air mòran aig a' chuspair seo a thuigsinn, ach chan eil mi cinnteach cia tà.
(I think that I've understand the most part of the topic).
Tha mi dòchasach co-dhiù!
Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
A bheil sin ceart? Chan eil mi cinnteach...
Tha sin an-seo agus chan eil mi air a lorgadh ann an àitichen eile.Am Faclair Beag wrote: thoir
irr v Give, grant, deliver, bestow on
...
dug ... dugadh ... doirear ... doirinn ... dugainn
Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
Gheibh thu dòighean sgrìobhaidh eadar-dhealaichte.... dug, tug, d' thug. Tha GOC ag iarraidh tug, ach tha dug nas fhaisge air an fhuaimneachadh.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Posts: 216
- Joined: Wed Mar 25, 2009 9:32 am
- Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
- Location: Australia
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
Anns na seann leabhraichean agam, 's àbhaist d' thug agus d' thuirt a bhios annta, am measg eile, agus cha do thuig mi sin idir ann an aon eiseimpleir ('s docha gur e sgrìobhainn foirmeil a th' ann). Chan eil tug no dug idir ann. Tha mi ag aideachadh gur e duine seann fhasanta a th' annam, ach b' fheàrr leam an t-seann chruth. 

-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Re: Ceistean: TYG
'S dòcha gun robh iad a' ciallachadh cha do thuig mi sin idir mar "I didn't understand that at all", seach mar "I didn't give/take that at all" san t-seantans sin?AlasdairBochd wrote:Anns na seann leabhraichean agam, 's àbhaist d' thug agus d' thuirt a bhios annta, am measg eile, agus cha do thuig mi sin idir ann an aon eiseimpleir ('s docha gur e sgrìobhainn foirmeil a th' ann)
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
Ma tha Blas na Gàidhlig agaibh, td 378.
Tha iomadh dòigh ann sin a sgrìobhadh - cha dug/cha tug/cha d' thug
An rud as cudromaiche: ge be ciamar a sgrìobhas tu sin, 's e /d/ an fhuaim a th' ann.
Nise, a thaobh eachdraidh a' chànain, 's e "cha tug" an dòigh as "ceart" agus sin an rathad a thionndaidh GOC. Tha dà dhuilgheadas ann - tha sinn 'gar fàgail le siostam claon agus chan eil an litreachadh sin a' riochdachadh nam fuaimean:
GOC: cha tug - cha tàinig - cha deach
Leis a-sin, tha an t-uabhas dhen luchd-ionnsachaidh ann a tha 'gan ràdh le /t/ seach /d/. Tha cuid a' cumail a-mach gum faigh thu /d/ gu riaghailteach an cois cha(n) air sgàth an n sin. Ach chan eil sin ceart, tha /d/ ann fiù an cois nach agus chan eil n sam bith ann an nach agus tha sinn a' sealltainn gun do dh'atharraich fuaim an fhreumha.
A chionn 's gu bheil tug/tàinig mì-chuideachail air iomadh dòigh, chan eil sinne (AFB/Blas na G/ etc) 'ga leantainn.

Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
-
- Posts: 216
- Joined: Wed Mar 25, 2009 9:32 am
- Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
- Location: Australia
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
Tha mi eòlach air an fhacal a chleachd mi. Cha robh mi ach a' toirt eiseimpleir fhacail eile.Thrissel wrote: 'S dòcha gun robh iad a' ciallachadh cha do thuig mi sin idir mar "I didn't understand that at all", seach mar "I didn't give/take that at all" san t-seantans sin?

Tha mi ag aontachadh riut gu h-iomlan Akerbeltz. Tha mi air do leabhar òrdugh ach cha d' thàinig e fhathast. Tha e doirbh a' feitheamh air.
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
Chan eil sin glè fhurasta, akerbeltz, nach thu feuch dè thuig mi?
A bheil sin ceart?
A bheil sin ceart?
There are some variants here: cha dug/cha tug/cha d' thug.
The most important thing is this: though we write “tu”, there is the sound /d/ here.
Historicaly, the variant “cha tug” is accepted (?) as “the correct”, and GOC has turned to this road
There are two difficulties here – we are askew in our system of words (?) and such orthography does not help correspond to sounds:
GOC: cha tug - cha tàinig - cha deach
Hence, the horror of teaching here is in telling the people about /t/ alternating with /d/ (?) This thing supports the thought that the sound /d/ is regularly arises near (after) “cha(n)” because of “n” there. But it is not correct: there is /d/ near (after) “nach” without any “n”, and we see that the sound of root is changed.
So, as “tug/tàinig” does not help in (?) various approaches, we do not follow it.
Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
it gives us a skewed systemwe are askew in our system of words (?)
LOL nice, it hists the spirit but what I said was "an awful lot of learners pronounce them with /t/ rather than /d/"Hence, the horror of teaching here
is not helpful in many waysSo, as “tug/tàinig” does not help in (?) various approaches
You did well though

Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
Tapadh leat, akerbeltz!
Thug mi began gàire ort agus tha mi toilichte!
Thug mi began gàire ort agus tha mi toilichte!

Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Re: Ceistean: TYG
"Ef gelwi gwn gogyhwc:
'Giff, Gaff, dhaly, dhaly, dhwc, dhwc!'"
(Èighidh e coin glè luath: "Giff, Gaff, cùm, cùm, thoir, thoir!")
Sin à "Pais Dinogat" (Feileadh Dhonnchaidh) sa Ghododdin. Agus seo "dhwc" (no, sa Chuimris san latha an-diugh, "dwg"), a bheireas cuimhne thugam air "thug", "d' thug", "dug" is "tug". Inntinneach.
'Giff, Gaff, dhaly, dhaly, dhwc, dhwc!'"
(Èighidh e coin glè luath: "Giff, Gaff, cùm, cùm, thoir, thoir!")
Sin à "Pais Dinogat" (Feileadh Dhonnchaidh) sa Ghododdin. Agus seo "dhwc" (no, sa Chuimris san latha an-diugh, "dwg"), a bheireas cuimhne thugam air "thug", "d' thug", "dug" is "tug". Inntinneach.
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
Nach eil mearachd bheag ann?
Am Faclair Beag wrote:cleachd /kl?xg??/
gn. ag. -adh
use!
Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: Ceistean: TYG
Tha mi air ais, agus tha ceistean eile agam!
akerbeltz.org...grammar_numerals:
Bha mi a' smaoineachadh gu bheil "dà mhìle gu leth" = 2500, nach eil sin ceart?
"Dà mhìle gu leth is a naoi" = 2509 ma tha agus "dà mhìle is trì fichead" = 2060.
Chan eil mi tuigsinn...
akerbeltz.org...grammar_numerals:
Nach innis cuideigin dhomh mu dheidhinn sin?Leth refers to a half of the previous largest round 100, 1.000, 10.000 etc unit. This gives a value of 50, 500, 5.000 etc. These are then combined to give 150, 1.500, 15.000 etc. Enter the "illogical" step. You might imagine that trì cheud gu leth equals 450. Wrong. It equals 350. This principle applies at each level (100, 1.000, 10.000 etc). You can then add the numbers 1-9 to these expressions, but once you hit the next full 10, you have to revert to the "normal" way of counting, e.g. dà mhìle gu leth, dà mhìle gu leth is a h-aon, dà mhìle gu leth is a dhà ... dà mhìle gu leth is a naoi, dà mhìle is trì fichead.