Page 12 of 26
Posted: Fri Nov 06, 2009 12:57 pm
by Stìophan
Seonaidh wrote:Nach e Eilean Iarmain a tha seo?
"12 bliadhna" - "dà dheug" => "12 bhliadhna"
Bracha? De mu dheidhinn "braiche" ("[of] malt")
"Sean Mhac na Braiche": an e ainm a tha seo "Sean, son of the malt"? No "old son of the malt" (Seann Mhac ...)?
Iionta !!!!!
Chan eil ` air "praban" (shebeen)
"ltd" - dè seo?
"s'an" - "san" no "anns an"
"riamhach nam Ban Boitheach" - 's dòcha "riamh nam Bean Bòidheach"
(Bonny Lassies series?)
'S e 'riamhach' litreachadh eile 'son
riabhach - tha e a' ciallachadh 'brindled' no 'beautiful', tha e air a chleachdadh gu math tric le ainmean àite far an cleachd sinn 'bòidheach' le daoine. Tha e ag ràdh 'Beatiful Sleat of the beautiful women'
Posted: Thu Nov 12, 2009 11:10 am
by An Gobaire
Ach feumaidh mi aideachadh, on is e ainmear boireann a th' ann an "clì" carson nach eil sèimheachadh ann.
Seadh..chan eil adhbhar ann nach biodh.
Ach...nam b' e ainmear a bha a' tighinn an dèidh ainmear boireann, cha bhiodh e air a shèimheachadh a-nis.
Mar eisimpleir - Puing Gràmair
B' àbhaist gur e Puing G
hràmair a bhiodh air seo, ach a-nis chan eil sèimheachadh ann ann an Gàidhlig nan sgoiltean. Dìreach caolachadh a-mhàin.
Posted: Thu Nov 12, 2009 10:45 pm
by Seonaidh
Anns na sgoiltean an-diugh, a bheil sèimheachadh às dèidh ainmearan boireann sa Bheurla? m.e. Betty Bhoothroyd, Polly Thoynbee, Cherie Bhlair, Margaret Thatcher, Teresa Mhay, Annabel Gholdie, Evelyn Ghlennie, Elaine Phaige, Barbara Chartland is eile?
Posted: Thu Nov 19, 2009 3:45 pm
by Níall Beag
Seonaidh wrote:Anns na sgoiltean an-diugh, a bheil sèimheachadh às dèidh ainmearan boireann sa Bheurla? m.e. Betty Bhoothroyd, Polly Thoynbee, Cherie Bhlair, Margaret Thatcher, Teresa Mhay, Annabel Gholdie, Evelyn Ghlennie, Elaine Phaige, Barbara Chartland is eile?
Có ás a bheil thu a-mach a-nise, a Sheonaidh?!?
Posted: Fri Nov 20, 2009 11:12 pm
by akerbeltz
Carson a bhiodh sèimheachadh air Betty Boothroyd co-dhiù? Chan fhaighear sèimheachadh fhad 's a tha an sloinneadh 'na ainmear, m.e. ann am Mórag NicLeòid (le /Nʲ/ làidir gun sèimheachadh).
Gheibh thu sèimheachadh ann an ainmean mar Mórag Dhòmhnallach ach tachraidh sin air sgàth 's gu bheil Dòmhnallach 'na bhuadhair 's chan ann 'na ainmear.
Tha sloinneadh no dhà ann a tha car neònach ach 's iad feadhainn a thàna on Bheurla, m.e. Mórag Mhoireastan (seach NicMhurchaidh mar a b' àbhaist).
Posted: Sat Nov 21, 2009 3:41 pm
by Seonaidh
O thì - cha robh mi ach beagan spòrs fhaighinn!
Mu dheidhinn "moireasdan": nach ann bho "mac/nic [g]ille M[h]oire" a thàinig sin?
Posted: Fri Dec 25, 2009 11:39 am
by Seonaidh
Cuiridh i blas air caoineadh...
Chan eil mi cinnteach air an uimhir a th' ann ach 's ann a tha feadhainn ann!
Posted: Fri Dec 25, 2009 8:17 pm
by AlasdairBochd
A rèir an t-seann fhaclair agam:-
ràith -
quarter of a year (and by extension, the conventional seasons, samhradh etc)
"Beannachdan
na h-ùine" a theagamh ? no "Beannachdan
an aimsir"
a' cur
cairtean
Nollaig
e
Maoin Leasachaidh Oileana
ich
no Maoin Leasachaidh
na h-Oileana
ich
no Maoin Leasachaidh
a dh'Oileana
ich
Tha e a sealltainn mar tiotal ged-thà agus mar sin,
anything goes
Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr dhuibh uile.

Posted: Fri Dec 25, 2009 10:14 pm
by Seonaidh
Uill, tha "Ràith" OK airson "Season" - agus tha mearachd air a' chairt Bheurla - "Seasons Greetings" (Cuiridh i Blas air Caoineadh) an àite "Season's Greetings". ACH 's ann BOIREANN a tha "Ràith": "Beannachdan NA Ràith[e]"
Cha toigh leamsa "bhon a h-uile duine": tha mi cinnteach gu bheil rudeigin ceàrr an sin
"Am-bliadhna sa": cha seas "sa" às a h-aonais.
"a' cur chairtean Nollaig" - ceart (an tuiseal ginideach iomadach gun an alt => sèimheachadh), ach b' fheàrr leamsa "a' cur chairtean Nollaige".
"a' toirt tabhartas" - tuiseal ginideach - "a' toirt tabhartais"
"don Mhaoin Leasachaidh Oileanach" - sa Bheurla, "to the the fund of not-of studenty development" no rudeigin mar sin. Tha mi a' creidsinn gu bheil iad airson "to the Students' Development Fund" a ràdh. Dh'fhaodadh seo a bhith "do Mhaoin Leasachadh nan Oileanach" no "do Mhaoin an Leasachaidh Oileanaich" (mas e buadhair a th' ann an "Oileanach")
Agus tha "sreath ginideach" air cùlaibh "aig": sa Bheurla "The Trust of Development of the University of the Highlands and of the Islands". 'S dòcha gur e "The Development Trust" (Urras Leasachaidh) gu geàrrte ach, leis an uile caffuffle, smaoin nach biodh "Leasachaidh" ann ach "Leasachadh".
Beachdan eile?
"Latha Bocsadh Sabaideach dhuibh uile!"
Posted: Sat Dec 26, 2009 12:05 am
by Thrissel
Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dha "am bliadhna" agus "air loidhne" a bhith gun sgrìob-cheangail.
Seonaidh wrote:Cha toigh leamsa "bhon a h-uile duine": tha mi cinnteach gu bheil rudeigin ceàrr an sin
'S dòcha gu bheil sin ceart - co-dhiù, tha na h-eisimpleirean seo aig Colin Mark:
le dealbhan den a h-uile seòrsa
daoine den a h-uile cumadh agus dath
tha rudeigin ann dhan a h-uile aois
Ge-tà, cha toil leamsa "Faic ar cairt" - dìreach aon chairt? Agus chanainnsa "
coimhead air ar cairtean", no "
thoir sùil air ar cairtean", ach chan eil fhios agam carson, "just a hunch"...
Nollaig Chridheil (dè tha air fhàgail dhi) dhuibh uile bhuamsa cuideachd!

Posted: Sat Dec 26, 2009 3:38 pm
by akerbeltz
Aoibh >.<
Ged a thàna "a h-uile" o "gach uile", tha "(bh)on a h-uile" stéidhichte sa chànan a-nis.
A thaobh na maoin, chanainn-sa "do Mhaoin Leasachadh nan Oileanach", fada na bu Ghàidhealaiche.
"Faic ar cairt bheannachdan"... saoil an e "our greetings card" a th' ann? Dìreach an aon dhiubh?
Posted: Sat Dec 26, 2009 4:09 pm
by Thrissel
akerbeltz wrote:"Faic ar cairt bheannachdan"... saoil an e "our greetings card" a th' ann? Dìreach an aon dhiubh?
Dè a tha ann ma-thà? Bha mi a' smaoineachadh gun cleachdar ainmearan singilte a-mhàin le pàirtean na bodhaige agus rudan mar seo, m.e. "ar cridhe, ar n-inntinn".
No an e "wagon of online blessings" a tha ann? Air neo, "cairt" mar "liosta"?
Posted: Sat Dec 26, 2009 5:20 pm
by Seonaidh
Ay Thrisserbeltz, chan eil ach aon dhiubh. Ma thèid sibh gu làrach-lìon Oggie Oggie Oggie (
www.uhi.ac.uk) agus chlickas air a' chairt, faicidh sibh "a' chairt" (chan eil i rudeigin airson sgrìobhadh dhachaigh ma deidhinn...)
Posted: Sat Dec 26, 2009 5:34 pm
by Thrissel
Och, bha mi a' saoilsinn gun robh Akerbeltz ag innse dhomh gun robh an fhreagairt aige agus gum bu chòir dhomhsa smaoineachadh nas cruaidhe... :-/
Posted: Sat Dec 26, 2009 9:18 pm
by akerbeltz
Cha robh, bha mi dìreach a' beachdachadh air "bùth chairtean", eil fhios, mar a gheibhear air bluemountain le sreath de chairtean Gàidhlig.
Tha coltas neònach air gun teagamh sam bith agus tha thu ceart leis an "inalienable possession", bhiodh "faic na cairtean Nollaig againn air an lìon" na b' fhearr.