Page 13 of 26

Posted: Fri Jan 08, 2010 7:47 pm
by akerbeltz
Okidoki, seo a' chiad fhear uam-sa sa bhliadhna ùr. Gu math simplidh 1 (+1) mhearachd air:

Image

Posted: Sat Jan 09, 2010 1:03 am
by Seonaidh
1: Dè "cladrg"? Chan eil am facal siud anns an fhaclair agam.

2: Chan eil stràc ann an "Gaelic"

3: B' fheàrr, 's dòcha, "Cùm Gaelic sa Bheurla!"

Posted: Sat Jan 09, 2010 1:50 am
by akerbeltz
CLADRG = Community Learning and Development Review Group (for Gaelic)

Posted: Sat Jan 09, 2010 8:22 am
by GunChleoc
Cum Gàidhlig Beò

Posted: Sat Jan 09, 2010 10:49 am
by akerbeltz
Ceart. Nis, carson nach eil feum air stràc ann an cum? Tha fhios agam gu bheil fios aig GunChleoc 8-)

Posted: Sat Jan 09, 2010 12:29 pm
by Níall Beag
Uill, faodaidh tu faighnich dhuinn carson nach eil "A" ann an "cum", nach fhaod?

Posted: Sat Jan 09, 2010 1:06 pm
by akerbeltz
Chan eil mi 'gad thuigs

Posted: Sat Jan 09, 2010 2:55 pm
by Seonaidh
Bhithinnsa air stràc a chur air an u ann an "cùm". Chan eil stràc ann an "cumail"

Chan eil mi nam thug! Chan eil a ann an "cùm", ach 's ann a tha a ann an "cumail" AGUS ann an "cùmaidh", m.e.: chan eil mi a' faighinn ceist Nèill Bhig idir.

Posted: Sat Jan 09, 2010 3:17 pm
by akerbeltz
AGUS ann an "cùmaidh
Saoil a bheil seo ceart e fhéin?

Posted: Sat Jan 09, 2010 6:25 pm
by AlasdairBochd
akerbeltz wrote:Ceart. Nis, carson nach eil feum air stràc ann an cum?
nach eil "u" fada no "diphthongised" (chan eil mi cinnteach air am facal ceart) leis gu bheil an litir "m" as a dhèidh, coltach ri trom, cam, crom 's mar sin air adhart ?
Air neo, a bheil an litir "m" fada ?

Posted: Sat Jan 09, 2010 6:41 pm
by akerbeltz
A, ceud puing a dh'Alastair Bochd :flur:

Théid faid air fuaimreag ghoirid sam bith ro -m, -nn, -ll is -rr mur eil fuaimreag eile 'na dhéidh. Mar sin, gheibhear:
cum /u:/
cumta /u:/
cumail /u/
cumaidh /u/

barr /a:/
barrachd /a/

sgurr /u:/
sgurran /u/

Uaireannan, théid an fhuaireag fhada a bhriseadh:
seall /au/
sealltainn /au/
sealladh /a/
seallaidh /a/

Agus bha thu ceart a thaobh na connraig fhada cuideachd. Thàinig seo á connragan a b' àbhaist a bhith fada agus ghluais an fhaid dhan fhuaimreag. Gheibh thu na connragan fada ann an glé bheag de dhual-chainntean a deas fhathast aig a bheil:
ball /baL:/
fann /faN:/
etc

A chionn 's gu bheil an fhaid seo co-cheangailt gu daingeann ris an -m, -ll, -nn agus -rr, chan eil feum idir air na stràcan, tha an litreachadh a' sealltainn mu thràth dé an fheadhainn a tha fada.

Mar sin dhéidh, ma thathar a' dol le droch chleachdadh nan stràcan air ù etc ro -m, -ll, -nn, -rr, feumar cuimhneachadh nach sgrìobhar iad idir ma théid fuaimreag eile 'na dhéidh:
cùm ach cumail, cumaidh, cumadh...
grr ach gearradh, gearraidh, gearraibh...
etc

Posted: Sun Jan 10, 2010 5:34 pm
by Seonaidh
Sa Bheurla, tha "pal" is "pall", m.e. Coltach ris a' Ghàidhlig, nuair a bhios -ll, bidh an fhuaimreag fada. Cuideachd, bidh i goirid ro -l (Sealltainn, Sealtainn). Ach ciamar a thathar a' foillseachadh dhiofair ro -m?

Posted: Sun Jan 10, 2010 8:32 pm
by akerbeltz
Ach ciamar a thathar a' foillseachadh dhiofair ro -m?
Sa Bheurla?

Posted: Mon Jan 11, 2010 8:37 pm
by Seonaidh
Sa Bheurla, chan eil mi eòlach air "fuaimreag fhada" ro -m. 'S d`ocha le -l, m.e. "balm", "calm", "palm", "psalm".

Posted: Tue Jan 12, 2010 10:55 am
by akerbeltz
Cha robh mi a-mach air a' Bheurla idir, cha tachair seo gu riaghailteach sa Bheurla ach sa Ghàidhlig.

Ge-tà, uaireannan gheibh thu diphthong seach fuaimreag fhada ach tha a' Ghàidhlig a' coimhead air dà-fhoghairean mar fheadhainn fhada co-dhiù.

Cuimhnich nach eil an dà chànan aig obair air an dearbh dhòigh :P