Page 15 of 26
Re: Ceistean: TYG
Posted: Sun Sep 04, 2011 6:40 pm
by akerbeltz
Aidh, tha mi dol a cheartachadh 's mi ag obair air ùrachadh na làraich!
Re: Ceistean: TYG
Posted: Mon Sep 05, 2011 6:11 am
by poor_mouse
Math fhèin!
Obh-obh,
Toraidhean Dwelly wrote:brèagadair
sm see breugadair.
Ach chan eil am facal sin (breugadair) ann agus chal eil e anns an Fhaclair Bheag idir.
Re: Ceistean: TYG
Posted: Mon Sep 05, 2011 11:12 am
by akerbeltz
Haha mòran taing, tha am facal ann ach bu chòir dha dhol gu breugaire seach breugadair. Chuir mi breugadair ris an Fhaclair Bheag agus dh'atharraich mi Dwelly air loidhne, ceud taing son fios a leigeil dhomh!
Re: Ceistean: TYG
Posted: Wed Sep 07, 2011 2:56 pm
by poor_mouse
Tha mi an-seo a-rithist, Akerbeltz!
(Chan eil fhios agam dè a bhios "the bore" ann an Gàidhlig...)
Am Faclair Beag wrote:ceangail /k???.al/
ceangal /k??.?L/
Agus 's e ceist eile a tha agam: does 'ng' serve simply for nasalization, mar a tha sin ann an 'iongnadh'?
Re: Ceistean: TYG
Posted: Wed Sep 07, 2011 7:44 pm
by akerbeltz
Taing, 's e mearachd a bh' ann.
Tha ng a' dol 'na shrònachadh gu math tric eadar fuaimreagan (aingeal, ceangal, luingeas...)
Re: Ceistean: TYG
Posted: Wed Sep 07, 2011 8:37 pm
by poor_mouse
Mòran taing, 's e "srònachadh" a tha am facal sin!
Ach carson a tha "'na shrònachadh" ann?
Re: Ceistean: TYG
Posted: Thu Sep 08, 2011 3:07 pm
by poor_mouse
P.S. Agus dè mu dheidhinn "eadar-theangaich"?
Cha chreid mi gum b' urrain dhomh am facal sin a radh gu ceart, get a bha mi a' sgrìobhadh e uaireannan.
Tha mi air beachd gum bi e le [?g] mar a tha sin ann an "teanga", nach bi?
Agus seo ceist eile agam: ciamar a chanas sibh "Sleat" ann an Gàidhlig 's ann am Beurla?
Tha Sleat cho ainmeil ach cha d' fhuair mi a-mach am fuaimneachadh aige anns an eadar-lìon.
Tha mi ag eadar-theangach an t-òran le Alasdair Camshron ("Oran Do Dhòmhnull Bàn MacDhòmhnuill Dhuibh, Tighearna Loch Iall"), agus tha tòrr ainmean 's ainmean-àite ann. Tha dùil agam ainmean a thoirt ann an Ruiseanais mar a bhios iad coltach ris an fhìor fuaimneachadh agus snog

Re: Ceistean: TYG
Posted: Thu Sep 08, 2011 6:43 pm
by GunChleoc
Is "Slèite" a' Ghàidhlig air Sleat. A bheil am fuaimneachadh soilleir dhut bhon sgrìobhadh Gàidhlig? 'S e [?] a bhios aig a' Bheurla gu ceart, ach bidh cuid ag ràdh [i:] cuideachd air sgàth 's gu bheil an dòigh-sgrìobhaidh Beurla dà-sheaghach.
Tha ng a' dol 'na shrònachadh
- It's the same construction as "Thèid mi nam oileanach" - I will become a student. Barrachd fiosrachaidh aig bonn na duilleige seo:
http://akerbeltz.org/index.php?title=Ex ... efore_I_am
Re: Ceistean: TYG
Posted: Fri Sep 09, 2011 6:15 am
by poor_mouse
Mòran taing!
Tha mi a' tuigsinn a-nis mu dheidhinn "Slèite" a-nis agus bidh mi a' leughadh barrachd mu dheidhinn "a' dol 'na".
Re: Ceistean: TYG
Posted: Fri Sep 09, 2011 7:04 am
by poor_mouse
Seadh, leugh mi sin an-dràsda.
Tha "tha ng a' dol 'na shrònachadh" a' ciallachadh "ng is nasalized" (no "ng becomes nasal") ma tha, nach eil?
Bha agam ri sin a thuigsinn, ach bha mi air beachd gu bheil ng a' dèanamh srònachadh ri fuaimean eile.
Re: Ceistean: TYG
Posted: Fri Sep 09, 2011 8:19 am
by GunChleoc
An rud a bha Akerbeltz a' ciallachadh 's e nach bi thu a' cluinntinn an ng fhèin nas motha ach srònachadh air na fuaimean eile na àite.
/k???.al/ - chan eil ? ann, ach ~ air an ?
Re: Ceistean: TYG
Posted: Fri Sep 09, 2011 2:27 pm
by poor_mouse
Tha sin ceart, ach am faod sinn ciallachadh mionaideach den abairt sin fhaighinn?
An e ng becames nasalized no ng goes for (makes) nasalization a tha ann?
Gabhaibh mo leisgeul, ach am bu toigh leam gnàthas sin a thuigsinn.
Re: Ceistean: TYG
Posted: Fri Sep 09, 2011 11:34 pm
by akerbeltz
rach ann an X = turn into X
Re: Ceistean: TYG
Posted: Sat Sep 10, 2011 4:51 pm
by poor_mouse
Mòran taing, tha mi a' tuigsinn a-nis!
Re: Ceistean: TYG
Posted: Mon Sep 12, 2011 7:19 pm
by poor_mouse
Seo ceist eile agam.
TYG, Aonad 17 wrote:Faodaidh iad èisdeachd ris an rèidio, cia tà. Tha prògram de dh'òrain air a-nochd.
Chan eil mi cinnteach: dè tha "air" a' ciallachadh an-seo? A bheil sin coltach ri "ann" = "there is" no rudeigin eile?