Page 15 of 26
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Tue Apr 06, 2010 11:26 am
by Níall Beag
GunChleoc wrote:Òb = bàgh, allt, port
An e facal beò a th' ann, no an e dìreach ainm-àite a th' ann sna laithean an-diugh?
(Genuine question -- I don't know.)
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Tue Apr 06, 2010 12:47 pm
by akerbeltz
Gu ionadail, 's e facal coitcheann a th' ann an tòb, saoilidh mi, ach cha dèan e diofar san eacarsaich seo.
Có ás a thàinig am facal òb ma-thà?
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Tue Apr 06, 2010 8:56 pm
by Seonaidh
Cò às a thàinig am facal "Òb"? Às an aon àite mar a thàinig am facal Beurla "Hope" - à Nirribhidh no às an Danmhairg.
Ach don Lochlannaich chiallaich "Òb" rudeigin faisg air "falach" sa Ghàidhlig: chan eil "bagh" sam bith faisg air, m.e., Stanhope, Bacup no Warcop.
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Tue Apr 06, 2010 10:43 pm
by akerbeltz
Chan eil tùsan an fhacail òb agus -hope co-ionnan, tha -hope ann an ainmean-àite Shasainn a' tighinn o fhacal a bha ciallachadh "gleann". Ach tha thu ceart gun dàinig òb on Lochlannais. Saoil dé 'm facal a bh' aca?
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Wed Apr 07, 2010 8:25 pm
by Thrissel
Dìreach a' tomhas: "uisge", agus ainm aibhne
??? a' tighinn bhon aon thùs?
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Wed Apr 07, 2010 8:38 pm
by akerbeltz
??? - 'n eil fhios
uisge - chan e, ach co-cheangailte ri uisge... feuchaibh ris a-rithist.
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Wed Apr 07, 2010 11:29 pm
by Seonaidh
Hmm... sa Sheann Bhreatannais gheibhear "abona" airson "abhainn": le cur cearcaill bhig a-nuas na litir A agus cur dheth "-ona" sin "ob"... (Først når dørene står åpne...Fryd Ligger og Venter). Ach chan eil mi ar lorg càil sam bith coltach ri "òb" am faclair engelsk-norsk/norsk-engelsk agam no an liosta fhacail íslensk-ensk agam. Cuir mi a-mach dem thruaige, Gh Dh.
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Thu Apr 08, 2010 12:02 am
by akerbeltz
Haha, chan e facal ceilteach a th' ann idir, uel, chan ann o thùs. Agus thog na Gàidheil am facal seo na ceudan de bhliadhnaichean air ais, cha bhiodh faclair ùr ro fheumail. Feuchaibh Seann Lochlannais...
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Thu Apr 08, 2010 7:54 pm
by Seonaidh
...ach chan urrainn dhomh rùintean a leughadh...
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Thu Apr 08, 2010 8:03 pm
by akerbeltz
LOL cha leig thu leas sin a dhèanamh.
Ok ma-thà, seo dhuibh cuid dhen fhuasgladh: thàna 'm facal seo on t-Seann Lochlannais hóp (bàgh beag air a chuingeachadh le tìr). Niste, air ais thugaibh-se agus dhan cheist mu ób is tób.
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Thu Apr 08, 2010 8:23 pm
by Seonaidh
Lorg mi seo mu dheireadh thall:-
Old Norse hóp 'a small land-locked bay or inlet'.
Ach dè "land-locked"? "Lochlann"? Mas ann "land-locked" am bagh, chan eil e na bhagh idir!
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Thu Apr 08, 2010 8:42 pm
by akerbeltz
Cruth a tha coltach ri omega, ach coma leibh a chiall

Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Fri Apr 09, 2010 7:06 am
by GunChleoc
A bheil thu a-mach air delenition (agus dè a' Ghàidhlig air - dì-shéimheachadh?)?
hóp -> tób
halla -> talla
haggis -> taigeis
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Fri Apr 09, 2010 10:44 am
by akerbeltz
Duais dha GunChleoc
Aidh, 's e dì-shèimheachadh a th' air cùlaibh seo. Tha cuid de dh'fhuaimean ann nach toigh leis a' Ghàidhlig idir aig toiseach facail. Fricatives mar [f v h ð ? hw] oir, mar is trice, chan fhaighear iad seo ach mar thoradh air an t-sèimheachadh. Air sgàth sin, thachair rud air a bheil dì-shèimheachadh, 's na Gàidheil a' smaoineachadh gur e fuaim air a shèimheachadh a bh' ann o thùs.
Mar eisimpleir, choinnich iad ris an fhacal
haggis aig a bheil an
h- grannda ud aig toiseach an fhacail. Cuin a gheibhear [h] aig toiseach facail? Uel, mar thoradh air t no s a chaidh a shèimheachadh. Agus mar sin dheth, thàinig am facal
taigeis gu bith.
'S e an aon toradh a th' ann mar is trice ach uaireannan, chan aontaich na dual-chainntean ri chéile idir. Thachair dà rud eadar-dhealaichte nuair a thog iad am facal
hóp. Smaoinich a' chuid a bu mhotha dhiubh gum biodh e na b' fhasa an
h a leigeil seachad agus rinn iad òb dheth. Ach smaoinich cuid dhiubh gum biodh e na bu chiallmhoire fhathast an
h aiseag gu
t agus rinn iadsan
tòb dheth.
On nach urrainn dha na daoine a nì na soidhnichean litreachadh gu ceart 's on a tha iad cho aineolach ris na ... uel, co-dhiù, shaoil iad-san gur e
an t-òb a th' ann san tuiseal ainmeach (cf
an t-Òban). Ach chithear gu bheil sin cearr oir tha iad ag ràdh
san tòb agus rudan mar sin gu ionadail agus aithnichear air a-sin gur e
tòb am facal aca-san.
Mar sin dheth, bu chòir do
Fàilte gun Tòb a bhith air an t-soidhne!
Re: Sùil air a' mhearachd
Posted: Sun Apr 11, 2010 3:16 pm
by faoileag
Tha mi a' tuigsinn a' chùis leis an dì-shèimheachadh - ach carson '
gun Tòb'?
Carson nach e '
gus an Tòb' no '
chun an Tòibe /
chun na Tòibe'? (No ..
don Tòb...)
Bha mi a' smaoineachadh gum bi '
gu + an' > '
gus an' no '
chun + gen.', agus biodh '
gun' (
=gu + an) air a' char as fheàrr 'leisg', no mith-chainnteach - agus mar sin mì-fhreagarrach do shoidhne-rathaid?
Chithear fiù 's rudan mar '
Fàilte gu An Lochran'

- ceart gu leòr le ainmean sònraichte?
http://www.anlochran.com/