Page 17 of 26
Re: Ceistean: TYG
Posted: Fri Sep 23, 2011 2:24 pm
by poor_mouse
Agus seo ceist eile agam: ciamar a chanas sibh telling to each other anns a' Ghàidhlig?
Am bi sin "innse dha chèile" ceart?
Re: Ceistean: TYG
Posted: Fri Sep 23, 2011 3:58 pm
by GunChleoc
You ought to = you should
Bu chòir dhut innse... You should tell
Bu chòir dhut innse - you think the person should tell it
Cha bu chòir dhut innse - you think the person should stay silent and not tell it
Re: Ceistean: TYG
Posted: Sat Sep 24, 2011 1:29 pm
by poor_mouse
Mòran taing!
Agus dè bhios an abairt eile: mur eil feum sam bith ann, if there's not any need, nor rule, nor any obligation and you may tell or not tell?
Faodaidh tu ... not to tell (mur eil thu airson innse)?
Re: Ceistean: TYG
Posted: Thu Oct 13, 2011 12:59 pm
by poor_mouse
Am Faclair Beag wrote:de /d?e/
roi. (dhen; dhìom, dhìot, dheth, dhith, dhinn, dhibh, dhiubh)
An e mearachd bheag a tha ann?
Re: Ceistean: TYG
Posted: Thu Oct 13, 2011 6:33 pm
by Seonaidh
Cha chreid mi gur e. Lorg "do" agus chì thu rudeigin glè choltach. Am faca thu an treas loidhne (1 of, 2 off, 3 from)?
Re: Ceistean: TYG
Posted: Thu Oct 13, 2011 7:31 pm
by poor_mouse
Tha mi duilich, chan eil mi a' tuigsinn.
Bha mi ag ràdh mu dheidhinn ì (leis an stràc) anns an "dhìom, dhìot" an àite i mar a tha e anns na foirmean eile.
Re: Ceistean: TYG
Posted: Thu Oct 13, 2011 11:05 pm
by akerbeltz
Tha sin mar bu chòir, tha am fear seo ag atharrachadh gu mòr:
dhìom /?i?m/
dhìot /?i?hd/
dheth /?eh/
dhith /?ih/
dhinn /?i?N?/
dhibh /?iv/
dhiubh /?u/
Re: Ceistean: TYG
Posted: Fri Oct 14, 2011 9:04 am
by poor_mouse
Tha sin glè inntinneach, ach carson nach eil na foirmean seo
ann? Chan eil an stràc ann anns an "dhiom, dhiot".
Re: Ceistean: TYG
Posted: Fri Oct 14, 2011 3:01 pm
by akerbeltz
Tha an làrach sin cho feumaich air ùrachadh. Bha mi airson crìoch a chur air eadar-theangachadh LibreOffice an toiseach mus dèan mi an obair mhòr air an làrach agam. Bidh stràcan air dhìom etc an uairsin, taing son m' aire a tharraing dha!
Re: Ceistean: TYG
Posted: Fri Oct 14, 2011 6:45 pm
by poor_mouse
'S e an aon rud a tha ann an faclair TYG agus
ann an Dwelly; tha sin 's a shaoil mi mu dheidhinn mearachd sam bith...
Re: Ceistean: TYG
Posted: Sat Oct 15, 2011 12:54 pm
by akerbeltz
Tha an dà litreachadh ann gu eachdraidheil ach chan eil dhiom cho soilleir 's a tha dhìom. 'S e an duilgheadas a th' ann gu bheil fuaimreagan nan roimhearan 's nan riochdairean ag atharrachadh gu mòr a thaobh dè beum a th' orra, mar eisimpleir tha leam is sibh a' dol eadar
beum mòr < > gun bheum
/lu?m l?m l?m/
/?i?v ?iv ??v ?u ??/
Tha dhìom a' leantainn an dearbh-phàtran:
/?i?m ??m/
Re: Ceistean: TYG
Posted: Sat Oct 15, 2011 1:25 pm
by poor_mouse
Mòran taing, tha mi a' tuigsinn a-nis!
Re: Ceistean: TYG
Posted: Sun Oct 16, 2011 9:01 am
by GunChleoc
akerbeltz wrote:Tha an dà litreachadh ann gu eachdraidheil ach chan eil dhiom cho soilleir 's a tha dhìom. 'S e an duilgheadas a th' ann gu bheil fuaimreagan nan roimhearan 's nan riochdairean ag atharrachadh gu mòr a thaobh dè beum a th' orra, mar eisimpleir tha leam is sibh a' dol eadar
beum mòr < > gun bheum
/lu?m l?m l?m/
/?i?v ?iv ??v ?u ??/
Tha dhìom a' leantainn an dearbh-phàtran:
/?i?m ??m/
Mòran taing airson seo. Cha robh fios agam is mise den bheachd gum b' e ceist dual-chainnt a bh' anns an /lu?m l?m l?m/
Re: Ceistean: TYG
Posted: Sun Oct 16, 2011 5:47 pm
by akerbeltz
'S e do bheatha
Tha an dual-chainnt a' tighinn a-steach le cuid dhiubh, m.e. thèid /u?/ a bhriseadh 'na /?u/ ann an cuid a dh'àitichean agus mar sin, gheibh thu /lu?ms?/ agus /l?ums?/, /r?u?ms?/ is /r??ums?/ etc.
No /i?/ > /?i/ (gu h-àraidh ann an Leòdhas), mar sin /?i?v??/ vs /??iv??/
Re: Ceistean: TYG
Posted: Thu Dec 15, 2011 7:23 am
by poor_mouse
Am Faclair Beag wrote:iomallach /iməL/
'S e mearachd bheag a tha ann, nach e?
'S bochd sin nach eil fuaimean airson faclan anns an tuiseal ghinideach agus msaa: mar eisimpleir, airson an fhacail "
mnathan" cha do lorg mi ach
Am Faclair Beag wrote:bean /bɛn/
boir. gin. mnà, iol mnathan, gin. iol. ban
1 a woman 2 a wife
Cha chreid mi nach bi nas motha fuaimean ann san àm ri teachd, Akerbeltz chòir!
