Page 18 of 26

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Sun May 09, 2010 4:02 pm
by faoileag
Ò, agus puing feallsanachd...
Air sgàth bheathaichean: for the sake of animals, indefinite (= air sgàth a h-uile beathaich)

Is beathach cù - 'beathach còin', mar a chanas iad.

Chan eil seo a chum leas chòn idir. Nam b' e cù a bhiodh annamsa, bhithinn glè thoilichte a bhith a' ruith am measg a' chruidh, no air tòir nan caorach. :spors:

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Sun May 09, 2010 5:58 pm
by akerbeltz
cù > coin; còn > còin ("cone")

Ge-tà, tha indefinite cgl a-seo, mar a théid sa Bheurla "animals grazing" seach "the grazing animals" - oir chan urra dhut a bhith cinnteach dé na beathaichean a bhios ann air latha àraidh, no co mheud no dé seòrsa.

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Tue May 11, 2010 9:29 pm
by faoileag
Agus mise ach a' feuchainn ri bhith feallsanachail! :(

Co-dhiù, cus stracan, ceart gu leòr! :P

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Tue May 11, 2010 11:39 pm
by akerbeltz
Ceart ma-thà, tha rud againn mar sin:
Air sgàth bheathaichean, cum coin air iall
dìreach gus na th' air an t-sanas a chur ceart.

Ach 's e phuing feallsanachd a bha mi mach air nach eil sin 'na thionndadh math dhen Bheurla. Tha fhios nach eil feum air eadar-theangachadh facal air an fhacal gach turas ach chan eil e math bhith ro fhad on tionndadh tùsail. Gu h-àraid nuair nach eil duilgheadas ann le eadar-theangachadh nas dlùithe.

Mar a mhol sibhse cuideachd, bhitheadh rudeigin mar seo na b' fhearr:
Beathaichean/Crodh ag ionaltradh, cum(aibh) smachd air do/ur c(h)ù

Nis, neamhnaid agam dhuibh, le dùrachdan an aiseig gu Eilean Bhòid:
Image

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Wed May 12, 2010 6:39 am
by GunChleoc
siubhal le - Chan e caraid a th' ann an CalMac a thug mi còmhla rium, a bheil?

Tapadh leibh (a' sibhseachadh) ach Draibh (gun sibhseachadh) -> Dràibhibh

Nach eil son ro mì-fhoirmeil? -> airson

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Fri May 14, 2010 11:20 am
by akerbeltz
Aidh, tha thu ceart. An dàrna cuid
Tapadh leibh airson siubhal le CalMac + Draibhibh
no
Tapadh leat (air)son siubhal le CalMac + Draibh

Tha son seach airson fada ro neo-fhoirmeil, mar a thuirt thu.

Agus beàrn as déidh Mac a' !

Ach sin na thachras ma dh'fhastaicheas tu daoine air dòigh CalMac...

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Sat Jun 26, 2010 5:21 pm
by Thrissel
Chunnaic mi ann an naidheachd BhBC an t-soidhne seo:

Image

Cha chreid mi gu bheil sin ceart gu leòr...

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Sat Jun 26, 2010 6:15 pm
by akerbeltz
:balla:

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Sun Jun 27, 2010 12:11 am
by faoileag
Dh'fhaodadh e a bhith nas miosa. Tha 'Ph' ann co-dhiù, cuis ghinideach le ainmean. Oilhigh Ghlaschu etc.

Tha e feumach air puingeachadh gus cuideam a chur air an àite cheart.

Bun-sgoil Phortrìgh, no Phort Rìgh, chì thu an dà chuid gu tric.


No nach toil leibh rudeigin eile air?

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Sun Jun 27, 2010 1:03 pm
by akerbeltz
Tha "Portrigh" gu tur grànda 's cearr. Ma tha facal air a sgrìobhadh còmhla, tha sin a' toirt sanas dhuinn gun do ghluais am beum dhan chiad lide. Tha Portrigh a' cur na leanas 'nar sùilean mar sin: /'p?R?dr?/

Ach tha fios gu bheil sinn cearr. Uaireannan, tha fuaimreag fhada taobh a-muigh na ciad lide a' sònrachadh beum air an lide ud ach chan fhaic mise stràc ann an Portrigh. Nam b' e Portrìgh a chuir iad ann, dh'fhaodamaid a làimhseachadh mar (can) Catrìona. Ach chan eil sin ro chumanta ann an ainmean-àite idir. Port Rìgh...

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Mon Jun 28, 2010 1:36 pm
by Níall Beag
Agus mar sin, chan eil feum ann air seimheachadh na P -- 's e Rìgh a bhiodh 'san tuiseal ginideach, 's aon facal a-mhàin anns a' ginideach...

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Mon Jun 28, 2010 3:57 pm
by akerbeltz
Err, chan eil sin ceart - thig sèimheachadh air a' chiad fhacal ann an ainm àite anns a bheil barrachd air aon ainmear, cf meadhan Dhùn Éideann...

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Tue Jun 29, 2010 9:33 pm
by Seonaidh
Aidh, tha mi air sin fhaicinn. Nise, a bheil seo ceart - ma bhios "Marg Innis" na ainm Gàidhlig air "Markinch" (chan eil mi cinnteach idir, ach sin na chanas S-D B SMO), an sin bidh "Mharg Innse" na ghinideach? ("Comharra Òirlich" a rèir na sgeulachd - daoine à Dùn Èideann ag iarraidh siubhal a Dhùn Dè, ach càit' am fuirich tron oidhche air an rathad? Fhuair e mapa, chuir e rùilear eadar an dà bhaile - bha dà òirleach a dh'fhad. Chomharra leth-fad eatarra - sin Mark Inch...)

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Wed Jun 30, 2010 10:41 am
by akerbeltz
Cha chreid mi gum bi. Chan eil ach glé bheag dhe na h-ainmean-àite a' nochdadh an tuisil ghinidich san dàrna ainmear. Tha an caolachadh gann gu leòr e fhéin - chì thu e ann an ainmean-àite a chrìochnaicheas le -bhagh, -bol, -bost agus feadhainn eile ach mar is trice, chan fhaighear ach an sèimheachadh fhèin. Mar sin, tha mi cha mhór cinnteach gun canadh tu Meadhan Mharg Innis. Cuimhnich nach eil aon dhe na h-ainmearan 'na ainmear tuilleadh ann an sùilean gràmar na Gàidhlig 's chan urrainn dha tuiseal ginideach ainmearach a nochdadh.

Eadar dà sgeul, tha an SD ag ràdh Margadh na h-Innse.

Re: Sùil air a' mhearachd

Posted: Wed Jun 30, 2010 4:16 pm
by Thrissel
Seonaidh wrote:ma bhios "Marg Innis" na ainm Gàidhlig air "Markinch" (chan eil mi cinnteach idir, ach sin na chanas S-D B SMO)
Seonaidh wrote:Eadar dà sgeul, tha an SD ag ràdh Margadh na h-Innse.
Agus tha faclair ainmean-àite aig Iain Mac an Tàilleir ag ràdh:
Markinch (Fife).
This is "horse meadow", from Marc Innis, but may originally have contained Brythonic rather than Gaelic marc for "horse".